Search

Tha am fiosraiche a' mìneachadh fhaclan sna h-òrain aige.

Date July 1962
Track ID 101408
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1962.23.A5

Original Tape ID

SA1962.023

Summary

The contributor explains the meaning of some uncommon words which appear in his songs.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): Nise, anns an òran a tha seo, 'Nuair a thàinig am Buroo do dhùthaich nam beann'.

Dòmhnall Mac an t-Saoir (DM): Cà Dhia an d' fhuair thu am fear sin?

IM: Tha e ann an Gairm.

DM: Ò uill eudail.

IM: Nise, tha facail ann a sheo as aithne dhòmhsa, ach tha mi ag iarraidh gum mìnich sibhse dhomh iad mar as aithne dhuibhse iad.

DM: Aidh, aidh.

IM: Uill, a' chiad fhacal, tha sibh ag ràdh: 'S e mo chuibhreann gu bràth bhith air muinntearas chàich. Nise, dè th' ann am muinntearas?

DM: Nach eil, a ghràidhein, a bhith na do sheirbheiseach aig cuideigin eile.

IM: Seadh, glè mhath. Nise, san ath loidhne tha sibh ag ràdh: Fhad 's a chumas an t-àgh anfhadh rium.

DM: Anfhadh. That's just breath.

IM: Seadh.

DM: Anfhadh. As long as... an t-àgh, tha fhios agad.

IM: Tha fhios a'm. Tha fhios a'm. Tha fhios a'm. Nise, an aithne dhuibh am facal onfhadh?

DM: 'S e an aon fhacal a th' ann.

Màiri Nic an t-Saoir (MN): Anfhadh 's onfhadh.

DM: Anfhadh 's onfhadh.

IM: Agus dè an t-eadar-dhealachadh a tha eatorra.

DM: Chan eil sìon on t-saoghal ach pronunciation.

IM: Ge-tà, cha chanadh sibh: fhad 's a chumadh an t-àgh onfhadh rium. Cha chanadh sibh sin, an canadh?

DM: Cha chanadh. 'S e anfhadh a chanainn-sa.

IM: Seadh. Ge-tà, an canadh sibh onfhadh a' chuain?

DM: Chanadh. Uill... socair ort. Chanadh, ach tha amharas agam gun robh ainm air choreigin eile agam air onfhadh a' chuain. 'S e confhadh a chanamaid-ne.

IM: Confhadh. Gun teagamh, gun teagamh. Ach tha onfhadh ann cuideachd.

DM: Tha onfhadh... bha feadhainn a chanadh onfhadh ach chanamaid-ne confhadh a' chuain. Bha sin mar gun canadh tu, wildness.

IM: Dìreach, dìreach. Dìreach.

DM: Ach 's ann a bha anfhadh againne a' ciallachadh, your breath up and down in you. Anfhadh. Tha anfhadh math aige.

IM: Theireadh sibh... theireadh sibh gun robh duine mòr làidir, tha anfhadh math aige.

DM: Anfhadh math. That means that he had a...

IM: Good wind.

DM: Not only that but that he had good staying powers.

IM: I see, yes.

DM: Tha anfhadh aige. That is that his breath would last longer than somebody else's.

IM: Yes. Tha mi a' tuigsinn. Tha mi a' tuigsinn.

DM: Anfhadh.

IM: Nise: Dh'fhàs iad uile-gu-lèir sealbhach ann.

DM: Sealbhach ann.

IM: Seadh. Dè tha sin a' ciallachadh?

DM: It means, a Dhia, that they had all... sealbhach, sealbhach. That is that they have all grown rich as it were. Sealbh is to get something. Fhuair mi sealbh air. I got... fhuair mi rudeigin.

IM: I got possession of it.

DM: I got possession. Sealbhach

IM: Nise, ann an soirbheas a stòr, ged tha mise sa chrò-charbad seo. An e sin ann an crò nan càraichean ma-thà?

DM: Aidh. Anns a' chrò-charbad seo. That means that you... that means that you are in the same position and had no hope of getting out of it.

IM: Yes, yes. Tha mi a' tuigsinn.

DM: You were going round in the same circle all the time, and had no hopes of ever getting out of it, anns a' chrò-charbad.

IM: Tha mi a' tuigsinn. Seadh. Ach 's e na carbadan na càraichean, an e?

DM: Uill, at that time carbad meant anything that moved. At that time, the time that I am talking about. Anns a' chrò-charbad. Carbad was anything that moved at all except by footwork.

IM: Tha mi a' tuigsinn. Nise. Nach eil biadhta... Chan eil duine ri tràigh eadar Arcaibh nam bàgh agus Manainn mun gàir fairgeachan nach eil biadhta nas fheàrr ann an sìochaint san tàmh... sìochaint.

DM: Sìochaint. That is peace and quietness. Sìochaint. Sìth-chainnt.

IM: 'S e. Ach ge-tà, 's e cainnt, cainnt ar beòil, mar gun canadh sibh.

DM: Aidh. 'S e.

IM: Ach tha sìochaint a' ciallachadh...

DM: Tha sìochaint a' ciallachadh peace cuideachd.

IM: Seadh. Dìreach mar a tha e againn fhìn. Dìreach mar a tha e againn fhìn. Tha mi ag iarraidh dìreach, fhios agaibh, a dhèanamh cinnteach.

DM: Aidh, sìochaint.

IM: Nise, 's ann tha mise 's mo chlann ann am meadhan nan Gall, 's tric m' aran gun feann armaidh. Armaidh. Sin am facal nach aithne dhomh idir.

DM: Nach eil a ghràidhein, armaidh, that means butter or something to... airson armadh... greasing. Aidh. Armadh. Greasing up your arm.

MN: In the olden days nuair a bhiodh iad...

IM: Ò, ag armadh a' chlaidheimh?

MN: Aidh. That's it.

DM: The same thing.

IM: 'S aithne dhomh am facal sin, ach cha do smaoinich mi riamh gun robh ceangal ann.

DM: I had no armadh for my bread even. Armadh nan claidheamh.

IM: 'S tric m' aran gun feann armaidh. Feann. Feann armaidh. Dè tha feann a' ciallachadh.

DM: Màiri, Màiri. Wait a minute. That was when they were skinning the animals, every bit that they took off was a feann... feannadh. You know what feannadh meant. Taking the skin off. And every other square or bit of skin that came off was a feann. 'S tric m' aran gun feann armaidh air. Not even a bit of skin.

IM: Not a square inch, mar gun canadh sibh.

DM: Not a square inch. Aidh.

IM: Uill, uill.

DM: A bheil thu ga thuigsinn? A bheil thu gam thuigsinn a-nis?

IM: Dè bha iad ag ràdh mum dheidhinn? Chuala mi Catrìona...

MN: Cha tusa idir Iain Pheadair.

IM: Ò Iain Pheadair. Ò seadh, seadh. Ò duine math. Duine math.

DM: 'S tric m' aran gun feann armaidh air.

IM: Cha robh mi ag iarraidh sgur dheth seo. Tha ùidh agam anns an rud...

DM: Aidh.

IM: Nise ma-thà: 'S tric an osna tighinn bhuam, 's mi a' cosnadh mo dhuais, glacte, lapanach, fuar, fearraghasach.

DM: Fearraghasach.

IM: Nise, dè tha fearraghasach a' ciallachadh?

DM: Fearraghasach. Tha fearraghasach a' ciallachadh... 'S e bha fearraghasach. Tha, uabhas de ghnothaichean a bhith air a chur timcheall ort airson do chumail blàth. Agus feàrr-ghasach, am fear bu mhotha air na bhitheadh de ghasan, sin am fear bu bhlàithe bhitheadh. Nist, cha robh... cha robh... cha robh sin fhèin agamsa, ach bha fearraghasach a' ciallachadh, fhios agad, lathte, lapanach, fuar, fearraghasach. Fearraghasach, fuar, fearraghasach. Cha robh na gasan fhèin agamsa aig an àm sin, ach bha mi ag ràdh gun robh mi fuar. Tha mi a' ciallachadh gun robh mi fuar le [?lin] ann a shin.

IM: Sheadh, sheadh.

DM: A-nist fearraghasach.

MN: Gun ghas idir, tha mi cinnteach.

DM: Gun ghas idir, gun sop idir. Aidh.

IM: Agus an aithne dhuibh... bha mi... chuir mi sìos anns a' chòrnair ann a sheo òran a fhuair mi o bhràthair-seanar dhomh. Bha e a' tòiseachadh: Dh'èirich mi moch madainn earraich,
Madainn ghuanaidh, fhuaraidh earra. Earra. Agus bha mi a' faighneachd dha dè bu chiall da seo, 's bha e ag ràdh:

"Ò," ars esan, "'s e am facal," ars esan, "fearra."

Fearra. Droch shìde.

DM: Droch shìde.

IM: Fearra.

DM: Fearra.

IM: Chan eil co-cheangal sam bith aca, a bheil? Ri chèile. Fearraghasach agus fearra.

DM: Chan eil mòran sam bith eatorra. 'S e car dhen aon rud a tha e a' ciallachadh.

IM: Sheadh. Nise....

DM: 'S e an aon rud a tha e a' ciallachadh.

IM: Chan eil troigh mu Chluaidh, sam bi taigh ri chur suas nach bi am breigire ruadh...

DM: Breigire ruadh air cairbheas.

IM: Nise, dè th' ann an cairbheas?

DM: Nach eil beul mòr fosgailte.

IM: Seadh.

DM: Beul mòr fosgailte.

IM: Ò seadh, seadh, seadh.

DM: Cairbheas.

IM: Agus dè mar a chleachdas sibh e ann an cainnt? A bheil fhios agaibh, an taobh a-mach de bhàrdachd.

DM: Chanadh, a Mhoire Mhàthair, chanadh...

MN: 'S ann ort tha an cairbheas.

DM: A Mhoire Mhàthair ach an cairbheas a bh' air, a Dhia. He had a big mouth open, always looking for something to go into it.

IM: Agus dè an t-eadar-dhealachadh eadar sin agus craos air duine?

DM: No, chan eil eadar-dhealachadh sam bith ann. It means the same thing. It means the same thing. It has the same meaning. It has the same root meaning.

IM: Yes, yes. 'S e craos a theirinn-sa. Nach ann air a tha an craos.

DM: Ach chanamaid-ne cairbheas. But cairbh. Wait a minute... I'll understand... I'll make you
understand what I mean. Cairbh in the old days was meat. Meat was cairbh. Well this mouth was always open, looking for what he couldn't get. Cairbh as it were.

IM: Agus... agus a bheil sibh... bheil sibh... an robh am facal cairbh agaibh a' ciallachadh feòil?

DM: Cha robh. Cha robh e againn idir. Bha sinn air a chall. Ach bha fhios a'm gur e... bha fhios agamsa gur e cairbh feòil.

IM: Seadh, seadh.

DM: Bha fhios agamsa gur e cairbh feòil.

IM: Dìreach, dìreach.

DM: Agus a-nist. 'S e sin a-nist an dòigh anns an do ghluais am facal a-mach an toiseach.

IM: Dìreach.

DM: Cairbheasach.

IM: Dìreach. Agus dè chanas sibh ri mullach a' bheòil? An e... the palate, a bheil fhios agaibh. Dè am facal a th' agaibh air a sin?

DM: Càirean a th' againne.

IM: Càirean. 'S e. 'S e. Bha mi dìreach... Bha mi a' dol... a' faicinn an robh co-cheangal sam bith ann.

DM: Càirean a chanas sinne.

IM: Nise, anns an ath cheathramh tha e agaibh: Nuair a chluinn mi 's a chì.

DM: Aidh.

IM: Nise, 's e theirinn-sa: nuair a chluinneas mi.

DM: Aidh. 'S e a-nise.

IM: Ach tha an dà chuid agaibhse?

DM: Tha an dà... aidh.

IM: Tha an dà fhacal agaibh?

DM: An dà fhacal. Nuair a chluinn mi 's a chì.

IM: Agus an canadh sibh sin ann an còmhradh?

DM: Cha chanadh.

IM: Cha chanadh.

DM: Canaidh mi: Nuair a chluinneas mi 's a chì mi...

IM: Seadh, seadh. Ach ann am bàrdachd theireadh sibh: nuair a chluinn mi.

DM: Nuair a chluinn mi 's a chì. Mar a tha [???].

IM: Dìreach.

DM: Nach beag an t-iongnadh mi bhith farmadach.
Mura falbh iad air sgrìob, airson bhith cnàmh an cuid bìdh
Gu dè rud dh'fhàgas iad sgìth anmhainneach.

IM: An e anmhainneach a chanas sibhse?

DM: 'S e anmhainneach a chanas mise.

IM: 'S e anfhainneach a their sinne.

DM: Uill 's e an aon rud a th' ann.

IM: 'S e an aon fhacal. An aon fhacal.

IM: Agus their sinne anfhann, duine anfhann.

DM: Duine... aidh, duine anmhainneach, 's e chanas mise.

IM: Ò, anmhainneach?

DM: Aidh. Duine anmhainneach.

IM: Sheadh, sheadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good