Search

Mheall Thu, Mheall Thu Mi

Fieldworkers
Date April 1957
Track ID 102155
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1957.012

Original Tape ID

SA1957.012

Summary

A man's song of unrequited love. He tells of the first time he met her, at the manse when helping with the harvest, and how he instantly fell in love with her. She had been promising him all winter that she would have no other, but she deceived him when a more affluent man came her way.

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Nuair choinnich mise 'n toiseach riut
'S ann aig a' mhans' ud shuas.
Latha dhomh 's mi spealadh ann
Is tusa ceangal sguab.
Nuair thàinig àm na diathad
'S a dh'èigh iad oirnn suas,
Bha còta sgiobalt' grinn ort
Agus 'polka' toididh shuas.

Mheall thu mi gun d' mheall thu mi
Mo chailin mheall thu mi.
Cho tric 's a thuirt thu riumsa
Nach bitheadh ann ach mi.
Nuair fhuair thu fear bu shaidhbhir leat
Siud mheall thu mi nad chridh'.
Gun toireadh e crodh-laoigh dhut
Bainn' agus annlann tì.

Ged a tha crodh-laoigh aige
'S muilt chinn-dhubh air an treud.
Cha mhòr a chì thu shrainnsearan
A' suidh air ceann do shèis.
Am beagan a thèid ann dhiubh
Air ceann an gnothaich fhèin
Chan fhaigh iad biadh 's chan fhaighnichear
A-chaoidh bheil orra feum.

Cha tug mi gaol cho mòr dhut
'S nach gabh e chur air ais.
Nach gabh e chur air dhìochuimhn'
Cho fad 's tha 'n iar bhon ear.
Cha shil mi deur lem shùilean ort
Co-dhiù cha leig mi leas.
Gum faigh mi tè cho aoigheil riut
Bheir rùn dhomh anns a' bhad.

Cha bhi mi cur nam fairean ort
Chan fhàg mi coireach thu.
'S ann agam fhìn a fhuarar e
Nach d' fhuair mi thu dhomh fhìn.
Nam bithinn air a ràdh riut
Gun robh mo ghràdh cho dlùth.
Cha bhitheadh tu fhèin air m' fhàgail
'S do làmh thoirt do dh'fhear ùr.

Chuala mi gun d' rinn thu siud
Car-làimh' thoirt dha fèin.
Bha siud cho duilich leamsa
'S gur gann gun d' chreid mi e.
Nach d' dh'fhuirich thusa geamhradh rium
'S tu gealltainn siud dhomh fèin.
'S gun toirinn aodach-bainnse dhut
'S car-làimhe ri mo rèir.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good