Search

Làithean sgoile an fhiosraiche.

Date
Track ID 104020
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.158.A6-A7

Original Tape ID

SA1975.158

Summary

The contributor's schooldays.

The contributor reminisces about her schooldays. There were over one hundred pupils but only one teacher. Gaelic was not taught and there was no respect for the language or its traditions.

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Berneray

Parish - Harris

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Catrìona Pheatarsan (CP): Uill, ma tha mise a' dol a dh'innse dhuibh mar a bha mi san sgoil, tha mi cinnteach gum faodainn seachd leabhraichean deug innse air cho mì-mhodhail 's a bha mi. Cha robh aonan duine anns an sgoil cho mì-mhodhail rium. Agus bhithinn a' dèanamh a h-uile rud nach robh còir agam. Cha do sheall mi riamh air leabhar. Bha a-nist mo pheathraichean math anns an sgoil, Anna Flòraidh 's a h-uile duine. Cha robh mise. Chaidh am maighstir-sgoile a dhà no trì uairean a dh'innse dha m' athair nach dèanainn car. Bha bean a' mhinisteir aige airson iarraidh orm gum bithinn a' dol a shnàmh dhan a' Gheodha Dhuibh 's droch mhuir ann. Bha mi glè mhath air snàmh, ged a tha mi fhèin ga ràdha, ach gu dearbha cha d' fhuair mi cothrom math air a bhith a' snàmh. Bha iad a' falbh às mo dhèidh. 'S nuair a dh'fhàs mi meadhanach mòr, 's a bhithinn a' dol gu luadhadh 's bainnsean, bhiodh m' athair a' falbh às mo dhèidh, eagal gun tigeadh duine dhachaigh còmhla rium. Bhiodh e a' falbh às mo dhèidh, mi fhèin 's Anna Flòraidh 's a h-uile duine. Bhiodh e a' feitheamh aig an doras. Cha robh duine ri faighinn. Cha robh sinn a' faighinn liberty sam bith.

Iain Peatarsan (IP): Cha robh dìreach. Ach, chan ann a' cur casg air ur cainnt, ach cò am maighstir-sgoile a bh' ann nuair a bha sibhse a' dol dhan sgoil?

CP: Uill, nuair a thòisich mise air dhol a sgoil 's e fear Donald Johnston a bh' ann.

IP: Donald Johnston. Agus an robh ban-sgoilear còmhla ris?

CP: Ò bha, ach cha robh iad air an ionnsachadh idir. Cha robh ann ach...

IP: Seadh, ach nuair a chaidh sibhse dhan an sgoil an toiseach, nuair a bha sibh sia no còig bliadhna a dh'aois, cò a' chiad tè a bh' agaibh?

CP: Cha robh duine. Cha leig mi a leas a ràdh gun robh... Bhiodh duine an-dràsta 's a-rithist dhe na sgoilearan mòra a' tighinn a-nuas.

IP: Ò seadh, pupil teacher.

CP: Cha robh iad even sin fhèin. Curstaidh Anna Ruairidh Bhig, bhiodh i a' tighinn ann, agus Màiri Aonghais 'ic Choinnich. Daoine a bh' ann an Class Six. Cha bhiodh iad ach [???]. Bhiodh am maighstir-sgoile fhèin a' tighinn an-dràsta 's a-rithist a-nuas. Agus bha còrr 's ceud sgoilear ann an uair sin.

IP: Bha dìreach. Còrr 's ceud.

CP: Agus bha am maighstir-sgoile ga dhèanamh na ònrach. Bhiodh e fhèin a' toir dhuinn nan ceistean, 's geography 's a h-uile sìon mar sin. Ach fhad 's a bhiodh e... nach biodh ann ach sgrìobhadh, bhiodh cuideigin dhe na sgoilearan mòra a' tighinn a-nuas dhuinne.

IP: Dìreach. Agus 's e an Seonstanach a bh' ann fhad 's a bha sibhse a' dol innte?

CP: Chan e. Dh'fhalbh esan às nuair a bha mise... bliadhna mu dheireadh 's e fear Hasting a bh' ann. Fear Gallta.

IP: Ò Hastie. 'S e, dìreach. Agus cha robh Gàidhlig aig Hastie ann?

CP: Cha robh. Cha robh.

IP: Agus cha robh guth air Gàidhlig a thoir dhuibh anns an sgoil an uair sin?

CP: Ò cha robh gu dearbha. 'S ann a b' fheumaich sinn air Beurla.

IP: 'S ann, dìreach. 'S ann.

CP: 'S ann. Cha leigeadh iad dhuinn facal Gàidhlig a bhruidhinn aig maighstir-sgoile.

IP: Cha leigeadh, dìreach.

CP: Donald Johnston. 'S e deagh mhaighstir-sgoile a bh' ann. Agus bha e a' ràdha: "Nuair a dh'fhalbhas sibhse a-mach às a seo cha mhòr a nì Gàidhlig dhuibh, agus feumaidh sibh beagan Beurla ionnsachadh."

IP: Agus an Seonstanach a bha seo, 's ann a mhuinntir Uibhist a bha e?

CP: 'S ann.

IP: Cò an dearbh àite?

CP: Chan eil fhios a'm cò an dearbh àite. 'S ann timcheall taobh thall de Bhaile an Lòin no am badeigin sin.

IP: Seadh, seadh. Ach 's e duine a bh' ann aig am biodh Gàidhlig gu leòr?

CP: Ò 's e.

IP: Agus an robh ùidh aigesan ann an seann bhàrdachd 's ann an seann sgeulachdan?

CP: Ò cha chuala mi riamh.

IP: Seadh ma-thà, am biodh e a' dol am measg nan daoine feuch an cruinnicheadh e, no...?

CP: Cha bhitheadh.

IP: A bheil beachd agaibh air duine sam bith a bhith...

CP: Chan eil.

IP: ...tha, anns a' bhaile a bha, aig an robh ùidh...

CP: Cha robh. Bhiodh iad an uair sin a' smaoineachadh: "Ò, rudan gun feum. Breugan gun feum." Cha robh duine a' creidsinn annta. Cha robh iad deònach sgeulachd no sìon innse.

IP: Stadaibh a-nise. Ceit Thormoid, bha i ainmeil airson seann sgeulachdan 's rudan a bhith aice. A bheil beachd agaibh air duine... feadhainn sam bith eile a bha ainmeil airson...?

CP: Chan eil. Chan eil sìon a dh'fhios a'm. Cha robh fhios a'm even gun robh Ceit Thormoid fhèin math. Cha chuala mi. Cha robh a leithid a rud ann. Cha robh siud ach obair a' snìomh 's càrdadh.

IP: Ach cha robh sibh riamh a' cèilidh air Ceit Thormoid airson...

CP: Cha robh.

IP: Ach tha e coltach gun robh an t-uabhas de sheann rudan aicese?

CP: Tha mi a' creidsinn. Ò cha robh mise uabhasach sean nuair a bhàsaich Ceit Thormoid.

IP: Ò uill chan eil cho uabhasach fada sin...

CP: Nach eil?

IP: Chan eil. Àm a' chogaidh 's ann a bhàsaich Ceit Thormoid.

CP: An ann?

IP: Toiseach a' chogaidh.

CP: Ò seadh. An cogadh mu dheireadh?

IP: 'S e, an cogadh mu dheireadh.

CP: An e? Ò chan eil cuimhn' agamsa oirre. Uill, bha i cho fada bhuainne.

IP: Bha, dìreach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good