Search

Prògram Choinnich

Date 06 November 1997
Track ID 10930
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 06.11.1997

Summary

Information about the old Inverness Jail Act.

Highland Council is being asked to repeal the Inverness Jail Act of 1788. After the Battle of Culloden, property was taken from some of those who had supported the rebel cause and the proceeds and the land thus obtained were put to a variety of uses. One of these was the building of a jail in Inverness where today the Gellions public house stands. The councillor James MacDonald gives an explanation of the Repeal Note which is being proposed.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Inverness and Bona

Village/Place - Inverness

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha iarrtas a' tighinn an-dràsta air beulaibh Comhairle na Gàidhealtachd, cur às do lagh a tha a' dol air ais còrr agus dà cheud bliadhna. Lagh a' bualadh air baile Inbhir Nis a tha seo, agus cead seann phrìosan a leagail agus fear ùr a thogail. Uill, an t-seann phrìosan a tha seo, tha e air a bhith na thaigh-òsta bho chionn iomadh bliadhna a-nis, agus tha mi cinnteach, a' mhòr-chuid de mhuinntir a' bhaile nach eil dad a dh'fhios aca gur e riamh prìosan a bh' ann. Tha an comhairliche Seumas Dòmhnallach còmhla rium gus beagan innse dhomh mun an achd, agus mun a' phrìosan a bha seo. Dè do chor, a Sheumais?

Seumas Dòmhnallach (SD): Ò deagh chor.

CM: Nise, an fhìrinn. Gus am faca tu seo a' tighinn air do bheulaibh, an robh dad a dh'fhios agad mu dheidhinn?

SD: Uill, cha robh ann an dòigh. Cha robh fhios a'm riamh gur e... gur e an taigh-òsta... tha mi a' smaoineachadh gur e... 's e Gellions a chanas iad ris a-nis, gur e pàirt dhen a' phrìosan airson Inbhir Nis a bh' ann. Bha fhios a'm, iomadach bliadhna air ais, faisg air far an robh an t-seann drochaid, gun robh àite aca an sineach far am biodh iad a' cur daoine a bha tinn nan inntinn fodha ann an toll anns an talamh an sineach. 'S ann anns an àite sin a bhathar gan cumail. Ach cha robh fhios a'm riamh - 's cha chreid mi gum bi fhios aig a' chuid as motha de dhaoine an Inbhir Nis - gur e seo am prìosan a bha an seothach bho chionn còrr 's dà cheud bliadhna.

CM: Nise, an achd a tha seo. A bheil fhios agad air càil mu dheidhinn an achd fhèin?

SD: Chan eil fhios agamsa. 'S e gnothaichean gu math laghail a th' ann, agus tha e gu math doirbh a thuigsinn, agus feumaidh mi fuireach ann an dòigh gus am faigh mi beachd eile laghail an-diugh airson tuigsinn ceart dè tha e mu dheidhinn, ach tha e coltach, an dèidh cha chreid mi nuair a bha Cùil Lodair ann, bha feadhainn an sineach a chaidh air an taobh ceàrr, agus thug an riaghaltas an talamh aca bhuapa, agus reic iad an talamh aca airson gnothaichean a dhèanamh, agus le pàirt dhen airgead a bha sineach, thog iad am prìosan a bha seothach ann an seventeen eighty-eight.

CM: Mar sin dheth, bha an talamh a bha seo, a bha iad a' toirt bho daoine, a bha iad a' cleachdadh riamh ron a sin, agus 's e an t-airgead... pàirt dhen airgead sin, 's ann leis a thog iad am prìosan a bha seo?

SD: 'S ann. Tha e coltach gur ann leis an airgead an seothach a thog iad am prìosan a bha seothach, agus feumaidh gun robh seothach co-cheangailte ri gnothaichean laghail, agus tha e coltach an dèidh iomadach bliadhna, nuair a bha na tuathanaich mòra a bha seothach, dar a bha... nuair a bha na càirdean aca modhail anns na bliadhnaichean an dèidh sineach gun d' fhuair feadhainn dhiubh an talamh air ais a-rithist, ma chaidh iad air an taobh ceart an uair sin. Agus a-nist, tha mi a' smaoineachadh, chan eil an comhairle seothach cho sgiobalta 's a bha e a' faighinn gnothaichean air dòigh, ach tha beachd ann an-diugh an dèidh dà cheud bliadhna gu bheil an t-àm againn 's dòcha grèim fhaighinn air seothach 's a chur ceart.

CM: Dè an t-ainm a bh' air an achd a-rithist, a bheil cuimhn' agad?

SD: An achd a bh' ann, 's e Repeal Act an t-ainm... an Inverness Jail Act, seventeen eighty-eight, agus 's e Repeal Note a th' ann an-diugh, 's e sineach an gnothach a thathar a' dol a dh'fheuchainn ri dhèanamh anns a' [?cholbh], repeal a dhèanamh air Inverness Jail Act, seventeen eighty-eight.

CM: Agus 's e rud a tha annasach mu dheidhinn ann an dòigh, 's dòcha gun toir e air daoine a bhith a' rannsachadh: uill, dè thachair dhan a' phrìosan seo? Dè cho fad agus a mhair am prìosan seo? Airson tha dà phrìosan air a bhith air a thogail bhon uair sin, nach eil?

SD: Tha. Tha e coltach gur ann timcheall mu eighteen fifty gun do thogadh prìosan eile far a bheil an caisteal aig an àm seo. Agus an uair sin 's ann ann an nineteen o five a thog iad prìosan Porterfield, 's mar a tha fhios aig a' chuid as motha de dhaoine, tha an t-àite sin fhathast... fhathast fosgailte, agus gu math trang cuideachd.

CM: Anns an dol seachad, a bheil càil air fhàgail dhen a sin anns a' chaisteal fhathast, de làrach an t-seann phrìosan?

SD: Uill chì thu... chì thu... tha na cùirtean a-nis anns a' chaisteal, agus chì thu iomadach àite a tha gu math coltach ri prìosan suas an sineach, agus ann an dòigh tha e duilich gu bheil e mar sineach, chan fhaigh luchd-turais a-staigh mar bu chòir dhaibh, ach 's dòcha anns na bliadhnaichean a tha romhainn gun atharraich sineach cuideachd, agus gun gabh sineach fosgladh suas gun a' mhòr-shluagh agus gu luchd-turais.

CM: 'S iomadh duine a th' air a bhith anns an taigh-òsta a tha sin. Dè chanas tu ris? Ge-... tha e sgrìobhte 'Gellions'.

SD: 'S e. 'S e Gellions Hotel a bh' ann, agus 's ioma uair a tha mi fhèin air a bhith a-staigh ann 's cha robh fhios a'm riamh gun robh mi a-staigh anns a' phrìosan, no gun robh mi cho faisg air a bhith anns a' phrìosan co-dhiù.

CM: Tha e inntinneach gu dearbha, agus tha togalaichean eile ann an sin cuideachd, agus 's dòcha a-nise... uill, 's dòcha nuair a bhios tu a' dol seachad air an-diugh fhèin, nuair a bheireas tu sùil air na ballaichean, 's dòcha an ath turas a bhios mise an Inbhir Nis, gun toir mi fhìn sùil agus gur dòcha gum faic sinn... 's dòcha bho chumadh nan uinneag 's rudan dhen t-seòrsa sin, gun tig gur e, gu dearbha, prìosan a bh' ann. Ach 's e naidheachd a bhios sin, tha mi cinnteach, dhan a' mhòr-chuid, agus tha an achd a tha sin, tha sibh a' dol a dh'fheuchainn ri oidhirp a dhèanamh... feumaidh seo a dhol dhan a' phàrlamaid, nach fheum?

SD: Seadh. Uill, bidh sinn a' bruidhinn ri na comhairlichean an-diugh, agus ma choimheadas tu anns a' chomhairle a th' againn an seothach co-dhiù, ma bhruidhneas tu airson bliadhnaichean air ais mu dheidhinn Cùil Lodair agus daoine agus an talamh a thoir bhuapa, tha mi a' smaoineachadh gun tog seothach deasbad an-diugh, agus gum bi feadhainn a-rithist a' cur am muran 's am fraoch air teine.

CM: Uill, tha mi an dòchas nach bi cus dhen a sin ann gu dearbha, no bidh feum dha-rìribh, chan ann air taigh-cùirte bho chionn dà cheud bhliadhna air ais, ach fear an latha an-diugh a chur gu feum.

SD: Tha sin fìor.

CM: Tha mi an dòchas gun cluinn sinn an tuilleadh mu dheidhinn sin. Tapadh leatsa gu dearbha, a Sheumais, airson a thighinn a-steach a dh'innse beagan dhuinn mu dheidhinn an achd a tha sin, còrr 's dà cheud bliadhna a dh'aois, a tha sibh a-nis a' dol a chur a-mach à bith. Prìosan shìos am baile. Cò aig a bha fhios air a leithid? Cha robh mòran, a rèir coltais.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good