Search

Prògram Choinnich

Date 10 September 1997
Track ID 12407
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 31.12.1997

Summary

Conversation with Dr Calum MacRae, 'visitor of the week'.

Item Notes

This is an edited version from a broadcast earlier in the same year. The longer original piece can be heard here.

Item Subject/Person

MacRath, Dr Calum

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CMI): A Phort Rìgh a-nis. Sin far an robh an Dotair Calum Òg MacRath a' cèilidh orm. Còmhradh inntinneach eile, agus tha e a' tòiseachadh ann an seo le bhith ag innse dhomh mu dhealbh neo-àbhaisteach a th' aige.

An Dotair Calum MacRath (CMR): Fhuair mi aig rup e dìreach mu fichead bliadhna air ais. 'S e dealbh Eadailteach a th' ann. Cha tug mi mòran air, ach 's e dealbh glè... math dha-rìribh a th' ann. Dealbh pearsanta dhe nighean òg bhrèagha, agus chan eil fhios a'm... 's e... 's ann à Eadailt a thàinig e, tha mi a' smaoineachadh, agus aig oisinn an dealbh, tha an t-ainm Rosa. Nise, bha aig toiseach an linn seachd-deug ceud, bha duine ann an Eadailt, dealbhadair, agus ainm Salvator Rosa air. Nise, bha esan an-còmhnaidh a' dèanamh dealbhan dhe cogaidhean 's gnothaichean mar sin, ach rinn e dhà no trì dealbhan pearsanta. Tha fear ann an Rome, tha fear ann an Lunnainn, anns a' Ghailearaidh Nàiseanta, 's chunna mi am fear sin, ach chan eil e idir, idir coltach ris an dealbh a th' agamsa. Tha fear eile ann an Ameireaga, ann an Hartford, anns a' ghailearaidh ann an Hartford, agus tha mac agam ann am Boston, 's tha mi seachd sgìth a' cantail ris, 'Thalla suas gu Hartford agus thoir sùil air a... air an dealbh a tha seo gus an chì sinn a bheil e heat coltach ris an dealbh a th' agamsa.' Agus thuirt e, 'Carson nach... carson nach sgrìobh thu fhèin thuca.' Bha mi a' bruidhinn ris an oidhche roimhe 's thuirt e gun tèid e suas cho luath 's a tha latha dheth aige. Ach 's ann mar sin a tha a' chùis an-dràsta.

CMI: Uill. Uill, uill.

CMR: Ò, 's e dealbh brèagha a th' ann.

CMI: 'S a bheil thu... a bheil thu a' smaoineachadh gur e am fear Rosa, gur e dha-rìribh a rinn an dealbh a th' agadsa?

CMR: Uill, 's e Rosa... chan eil fhios agam idir, ach 's e dealbh Eadailteach a th' ann, agus 's e Rosa an aon rud a tha sgrìobhte air an dealbh.

CMI: Uill, mas e... mas e agus gu bheil thu ceart ann an sin, 's e as fhiach tòrr a bharrachd na 's fhiach peinnsean an dotaireachd dhut.

CMR: Ò, suas gu... ò, chan eil fhios a'm. 'S dòcha ceud mìle.

CMI: Seadh?

CMR: Aidh.

CMI: Ò uill.

CMR: Tha mi an dòchas nach goid cuideiginich e.

CMI: Ò, feumaidh sinn cuideigin a chur... a chur gad ionnsaigh aig a bheil eòlas air na rudan sin.

CMR: Ò, feumaidh. Uill, tha mi fhìn a' dèanamh a-mach cho mòr 's as urrainn dhomh, ach 's ann mar sin a tha a' chùis an-dràsta, 's chì sinn dè... dè...

CMI: Sin agad e. Am faod mi faighneachd dè a phàigh thu air?

CMR: Dìreach còrr 's fichead not.

CMI: Sin agad e.

CMR: Aidh, nach eil e neònach. Agus... agus bhuail mi... dìreach cha robh duine eile ga iarraidh ach mi fhìn.

CMI: Sin agad e. Dè bu mhotha a chuir eagal ort a-riamh?

CMR: Tha cuimhn' agam... chan e idir mar gum b' eadh [???], tha cuimhn' agam nuair a bha mi òg, mu ochd bliadhna, anns a' Chaol, Caol Àcain, agus aig an àm sin bha sinn uile, bha tyres againn, cuibhlichean againn, 's bha sinn gam putadh le pìos mhaide, agus fhuair mise tyre, ò, 's e bha brèagha - mòr, leathann - agus bha na balaich eile anns a' bhaile, bha iad airson cuairt fhaighinn dhen an tyre a bh' agam, 's cha robh mi airson sin a dhèanamh idir, ach co-dhiù, an latha seo bha mi aig ceann a' chidhe anns a' Chaol, agus thàinig balach laghach mun cuairt, 's thuirt e:

"Dè mu dheidhinn cuairt bheag dhen an tyre agad fhaighinn?"

'S:

"Ò uill, glè mhath," thuirt mi ris.

Agus thug mi dha e. 'S chaidh mi sìos air a' chidhe, 's bha tòrr a' feitheamh air an aiseag a' tighinn a-staigh, 's bha i air a rathad a-null, agus, och, mu leth-cheud duine ann, chanainn-sa. Ach co-dhiù, bha mise a' seasamh aig oisinn a' chidhe, agus an ath mhionaid, bhuail an tyre mi anns an t-sliasaid, 's chuir e seachad air a' chidhe mi. Agus gu fortanach, bha am muir-làn a-staigh, agus shàbhail sin mi. Cha robh heat ach creagan nuair a bha am muir a-mach - 's e creagan, 's bha iad pìos mòr sìos cuideachd. Ach co-dhiù, cha robh mi riamh anns a' mhuir gu sin, agus bha tòrr ag èigheach 's ag èigheach, 's cha robh mise a' faicinn ach a h-uile rud uaine no gorm, agus bha iad ag èigheach 's a' sgiamhail, ach cha robh duine a' dèanamh heat mu dheidhinn. Ach co-dhiù, thàinig an t-aiseag a-staigh, agus bha duine air an aiseag [???], 's e a shàbhail a' bheatha agam. Ruith e a-null 's leum e a-staigh anns a' mhuir, agus ann am mionaid bha mise air tìr. 'S fhuair esan... fhuair esan presentation air a shon, 's fhuair mise... uill, 's e ministear a bha a' toirt a' phresentation dha, 's ò, bha e crosta riumsa airson... airson tuiteam, 's seasamh cho faisg air oisinn a' chidhe. Sin uile a fhuair mise air a shon. Ach ò, bha mi glè fhaisg air a bhith air mo bhàthadh.

CMI: Dh'ionnsaich thu snàmh bhon uair sin, tha mi cinnteach?

CMR: Ò, beagan. Dh'fhaodainn beagan a dhèanamh. Glè bheag fhathast.

CMI: Seadh. Uill, uill. An do thachair càil dhut a-riamh a mhaslaich gu tur thu?

CMR: Nise, a mhaslaich mi? Tha cuimhn' agam nuair a bha mi na mo dhotair òg, bha againn... ann an Obar Dheathain, bha againn ri cuairt a dhèanamh aig ospadal nan seann daoine aig... ò, bha e a-mach aig oisinn a' bhaile, agus a h-uile... uill, Disathairne, bha aig duine, fear dhe na dotairean òga a dhol a-mach agus cuairt a dhèanamh air na wards an sin. 'S thàinig an t-àm agamsa, 's chaidh mi a-mach... 'S e seòrsa de obair onarach a bh' ann, airson an fheadhainn òg. Agus bha beagan eagal orm cuideachd, a' dol a-mach. Ach co-dhiù, bha iad cianail laghach rium. Bha am matron a' feitheamh rium aig an doras, agus thug i a-staigh mi dhan t-seòmar aice fhèin, 's fhuair mi cupa tì, 's bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn a h-uile gnothach, agus às dèidh sin chaidh sinn cuairt na wards, agus, och, suas gu uair a thìde, 's dòcha, uile-gu-lèir, 's nuair a bha sinn deiseil, thàinig i gun an doras, agus dìreach... bha mi a' dol a-mach air an doras 's chunna mi am bodach seo a' seasamh aig oisinn an doras. Thuirt mi ris... ò, aig an àm seo bha mi dìreach na mo fìor chonsultant, agus thuirt mi:

"Ah, nise, tha mi a' faithneachadh an aodainn agad, ach ò, chan eil cuimhn' agam air an ainm."

"A' faithneachadh an aodainn agam?" thuirt e. "Bha mi a' bruidhinn riut air an rathad a-staigh."

'S le sin, thug mise an doras orm cho luath 's a b' urrainn dhomh. Bha mi... chan e mòran a thachair, ach dh'fhàg e dìreach air mo mhaslachadh mi.

CMI: Ò uill, tuigidh mi càs an duine chòir. An Dotair Calum MacRath ann an siud.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good