Search

Cleachdaidhean Samhna.

Date
Track ID 18576
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1976.95.B2

Original Tape ID

SA1976.095

Summary

Halloween customs.

Girls celebrated Halloween on the 12th of November. They had a queen who was dressed up. Two customs were reading the white of an egg and reading cabbage stalks.

Mention of the saying, "Oidhche Shamhna theirear gamhna ris na laoigh."

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Parish - Lochs

Village/Place - Leurbost

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Seadh ma-thà, dè bha sibh a' dol a ràdha?

Murchadh MacLeòid (MM): Bha, bha mi a' dol a ghràdh dìreach mar a bhiodh sinne, na balaich, a' cumail Oidhche Challainn anns a' bhaile anns an do thogadh mise. Bhiodh a' chlann-nighean mar an ceunda a' cumail Oidhche Shamhna...

IP: Ò, Oidhche Shamhna.

MM: ...air an dàrna latha deug de November. Agus tha cuimhn' agamsa piuthar a bh' agam fhìn, bha i sia bliadhna na bu shine na bha mise, agus tha cuimhn' a'm uair iad a bhith ga cumail anns an taigh againn fhìn. Ach cha robh Duan Samhna aca mar a bha an Duan Callainn againn idir, agus cha robh iad a' dol a-mach a [?dh'aoigh] idir. Ach bha banrigh aca nuair a bhiodh iad ga cumail, agus 's e mo phiuthar fhìn air... an uair seo, is cuimhne leamsa, 's i bha na banrigh. Agus bha iad... bha iad... bha i air a sgeadachadh. Bha iad a' tòiseachadh agus bha iad a' cur bonaid rìomhach oirre, agus 's e mob-cap an t-ainm a bh' aca air, agus bha iad... 's e am bun a bh' aige, pìos cardboard, agus bha iad an uair sin a' cur flùraichean ann, agus a' cur tòrr a sgeadachadh ann, agus bha riobanan às agus iad ceangailte fon an smiogaid aice dìreach mar na bonaidean a bhiodh air a' chlann-nighean... a bhiodh air a' chlann-nighean... air na boireannaich a' dol dhan t-searmon Latha na Sàbaid. Agus tha mi... mas math mo chuimhne, tha mi a' smaoineachadh gun robh seòrsa de chleòc oirre cuideachd. Ach bha iad a' cumail fèis dìreach man a bha sinne. Agus chan eil cuimhn' a'm buileach air a h-uile cleachdadh a bh' aca, ach bha seana-bhoireannach a bhuineas do Leòdhas ann an Dùn Èideann, tha i an-diugh suas ris a' cheithir fichead. Bhiodh i dìreach anns na... faisg air co-aois dhen a' phiuthar a bh' agam fhìn, agus bha i ag innse dhomh rudan a bh' air a dhol às mo chuimhne, ma bha fios a'm a-riamh orra.

Bha i ag ràdh gun robh tòrr aca de nòsaichean timcheall mu leannanachd agus mu phòsadh, agus bha i ag ràdh gun robh iad a' gabhail ugh, agus bha iad ga bhriogadh le prìne, agus bha iad a' cur beagan dhen a' ghealagan aige ann an glainne uisge. Agus bha iad a' cur sin eadar iad 's an solas, agus nuair a shealladh tu ris, nuair a shealladh tu ris a' ghealagan, an seòrsa cumadh a bha a' tighinn air, gum faiceadh tu ann an seòrsa taigh a bhiodh agad nuair a phòsadh tu. 'S bha iad a' dol an sin chun an ath dhorais leis, chun an taigh a bha an ath dhoras dhaibh, agus bha iad a' tilgeil a' bhùirn sin air an uinneig, agus bha thu a' feitheamh 's ag èisteachd, agus a' chiad ainm fireannaich a chluinneadh tu, 's e sin an t-ainm a bhiodh air an fhear a phòsadh tu. Nise, cha robh fios agamsa air a sin idir, ach na mo latha-sa tha cuimhn' a'm iad a bhith a' dol chun nan uinneagan, agus a' dòrtadh bùrn air na h-uinneagan, agus bhiodh muinntir an taighe a-staigh a' feitheamh riutha gus an cluinneadh iad fuaim a' bhùirn air na h-uinneagan, 's dh'èigheadh iad an uair sin ainm a h-uile seana-ghille a b' ao-coltaiche na chèile a bha sa bhaile.

Tha e coltach leam, 's ann a leugh mi am badeigin gum biodh a' chlann-nighean cuideachd, gum biodh iad a' goid stocanan càil, agus a' dol leis gu cuideigin a leughadh an stocan càil dhaibh, man a leughadh iad... man a leughadh daoine copan teatha, duilleagan na teatha. Uill, bhiodh a' chlann-nighean anns an latha anns an robh mise... tha cuimhn' a'm glè mhath iad a bhith a' goid a' chàil, ach chan eil fhios a'm an robh lorg sam bith aca carson a bhathas ga dhèanamh, ach bhiodh iad a' goid a stocanan càil. Chan eil càil a dh'fhios a'm dè bha iad a' dèanamh leotha.

IP: Seadh, dìreach. Ach a-nise...

MM: Tha mi a' smaoineachadh gur e sin am bun a bh' aige.

IP: 'S e, dìreach. Agus saoil sibh an e mar a bha na sreathan air an duilleig, an ann ann an sin a bha...

MM: Tha mi a' smaoineachadh gur ann às a sin a bhathas a' toir an leughaidh a bha iad a' dèanamh. Dìreach mar gum biodh duine... leughadh duine ur làmh, ur bois.

IP: Sin agaibh e, dìreach. Ach a' dol air ais gu Oidhche Shamhna a-rithist, am biodh a' chlann-nighean, an robh iad a' dol timcheall nan taighean?

MM: Ò cha robh, cha robh iad a-chaoidh idir man a bha sinne, ach bhiodh iad a' dol a thilgeil bùrn air na h-uinneagan airson dibhearsan dhaibh fhèin. Bha ràdh aig na seann daoine mu Oidhche Shamhna, fios agaibh: Oidhche Shamhna theirear gamhna ri na laoigh. Chuala sibh siud?

IP: Chuala, chuala.

MM: Ò, chuala. Uill, na laoigh a bheirte toiseach na bliadhna, fios agaibh, chante gamhna riutha Latha na Bliadhn' Ùire.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good