Search

Mar a bhathas a' cleachdadh clòimh dhubh.

Date 17 February 1977
Track ID 18584
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1976.95.B10

Original Tape ID

SA1976.095

Summary

Uses of black wool.

Black sheep's wool was of little use. They made stockings with it and mixed a little of it into the ordinary wool for tweed making.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Lochs

Island - Lewis

Village/Place - Leurbost

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Murchadh MacLeòid (MM): Cha robhas ag iarraidh uan dubh co-dhiù, a bheil fhios agad. Bhathas a' dèanamh feum dhen a' chlòimh anns an àite againne. Bha iad ga dath, agus ga snìomh airson a' chlò mhòir. Bha an clò mòr na chur a-steach mòr dha na teaghlaichean anns a' bhaile anns an do thogadh mise, tha fios agaibh, agus cha ghabhadh dath air dubh, man gun canadh sibh, man a chanas iad. Cha ghabhadh a' chlòimh dhubh, cha ghabhadh i dath ann, tha fios agaibh. Cha b' urrainn dhuibh càil a dhèanamh rithe mana dèan sibh stocainnean no beagan a chur na cuthaigeadh am measg... beagan dhith a chur na cuthaigeadh am measg na clòimhe eile. Ò, bha tòrr de gheasragan dhen t-seòrsa sin aca.

Iain Peatarsan (IP): Dè a-nise am facal a bh' agaibh ann a shiud? Cuthaigeadh, an e?

MM: Cuthaigeadh.

IP: Dè bha sibh a' ciallachadh leis a sin?

MM: Tha mi... uill, tha mi a' smaoineachadh... tha mi a' smaoineachadh gur ann... gur ann bhon seann fhacal Èireannach cuc a tha e, dath. Ach 's e bha e a' ciallachadh, nam biodh sibh a' dol a mheasgachadh dà sheòrsa clòimhe còmhla ri chèile, bha sibh gan cìreadh còmhla ri chèile, fios agaibh, ach am biodh... ach am biodh an dà dhath a' measgachadh ri chèile. 'S e sin agaibh an rud ris an can sibh cuithigeadh, no cuthaigeadh tha mi a' smaoineachadh a bh' ann.

IP: Uill, 's e cothlamadh a chanamaid-ne.

MM: 'S e. Tha mi a' smaoineachadh gur e am facal Èireannach cuc. Bha sàr cuc ann. Dath a tha e a' ciallachadh. Tha mi a' smaoineachadh gur e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good