Search

Eairdsidh Tàillear agus an t-èildear leis an daoraich.

Date 04 November 1952
Track ID 23244
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.139.B2a

Original Tape ID

SA1952.139

Summary

Archie the Tailor and the drunk elder.

Archie the Tailor was a bard in Glen Moriston. On one New Year's night, he met Pàdraig, the contributor's grandfather, who was an elder of the church. He had had too much to drink. Archie made a verse accusing him of taking "a sacrament of beer". Pàdraig gave a prompt reply.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Ach dè mu dheidhinn Eairdsidh Tàillear a-nis. An rud a bha sibh ag innse, Eairdsidh Tàillear agus bràthair bhur seanar?

Pàdraig MacDhòmhnaill: Ò mu dheidhinn Eairdsidh Tàillear, mu dheidhinn am bàrd a bha an Gleanna Moireasdain. Chan eil cuimhne agamsa air ach chaochail e bliadhna... o chionn beagan bhliadhnaichean mus do rugadh mi, ach bha m' athair 's mo mhàthair eòlach gu leòr air.

Agus bha e a' fuireach suas mun cuairt da ceithir mìle taobh shuas dhen Eaglais Shaor ann an Gleanna Moireasdain. Agus bha mo sheanair a' fuireach ann an àite ris an canadh iad Baile
an Tuim Bhuidhe. Bha sin car mun aon astar air an taobh eile dhen abhainn. Agus bha e na... b' esan an t-àrd-èildear ann an Gleanna Moireasdain, mo sheanair. Agus bha e glè chùramach gu dè dh'òladh e, gu h-àraid dhen deoch-làidir, on chan ann tric a bhlasadh e idir air ach an àm a bhith a' toir a-staigh a' Bhliadhn' Ùr, Oidhche na Bliadhn' Ùr.

Bha Eairdsidh bochd an rathad eile. Bhiodh e na thruaghan, 's e gun bhiadh, 's an t-acras air, 's e gun ghoireasan, gun duine a' coimhead às a dhèidh, 's cha ghabhadh e mòran dhen deoch uile-gu-lèir airson a chur... a chasan a thoir bhuaithe. Bhiodh e... mo sheanair an-còmhnaidh a' trod ris airson mar a bha an caitheamh-beatha a bh' aige, 's ò, an oidhche a bha seo bha mo sheanair san taigh-òsta an Tòrr a' Ghoill 's bha an taigh fosgailte fad na h-oidhche an uair sin, coltach ris a h-uile taigh eile dhen t-seòrsa. Agus chaidh cuideigin a dh'ionnsaigh a' bhàrd, a dh'innse dha gun robh an t-èildear, mar a b' fheàrr e, anns an taigh-òsta, gun robh e coltach nach b' urrainn da a dhol dhan eaglais an ath latha. 'S ann air oidhche Disathairne a bh' ann, 's bha a' Bhliadhn' Ùr a' tighinn a-staigh. Chaidh... thuirt Eairdsidh:

"Ò," ars esan, "feumas mi greasad orm 's mo sgioblachadh fhìn 's mo ghlanadh 's a chur an òrdugh 's feuchainn ri dhol dhan eaglais a-màireach 's an tachair mi air, feuch an tachair mi air eadar... eadar Drochaid Thòrr a' Ghoill agus an taigh-òsta."

Chaidh seo... 's ann mar seo a bha. Dh'fhalbh am bàrd 's dh'fhuirich e aig an drochaid gus am faca e mo sheanair a' tighinn a-mach às an taigh-òsta a' tighinn dachaidh, 's ceum math aige 's e a-nunn 's a-nall air an rathad mhòr.

Uill, thachair iad an sin, 's cha do sheas iad a' bruidhinn ri chèile idir, ach thuirt am bàrd ri mo sheanair - 's e Pàdraig MacAilpein a theireadh iad ri mo sheanair, Pàdra Friseil - thuirt am bàrd ris:

"Fàilte ort fhèin, a Phàraig
Bhon is duine gràsail thu, tha mi an dùil
'S leis a' mheud 's a chùm thu an t-Sàbaid
Ghabh thu Sàcramaid dhen leann."

Cha do bhrist mo sheanair a cheum, ach chùm e air 's a' dol seachad air Eairdsidh thuirt e:

"Fàilte ort fhèin, 'IllEasbaig
Is duine teisteil thu, tha mi an dùil
Is nam biodh thu air an t-Seisean
Is mise a sheasadh air do chùlaibh."

'S ann mar sin a thug a' phaidhir dhiubh a-staigh a' Bhliadhn' Ùr.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good