Search

Eachdraidh-beatha an Urramaich Tormod Dòmhnallach.

Date
Track ID 2686
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1953.024.B9+025.A1

Original Tape ID

SA1953.024

Summary

Rev. Norman MacDonald: autobiographical details.

Rev. Norman Macdonald talks about his life. He was born in Valtos, in an area steeped in Gaelic culture and tradition. Even at a young age he hoped that he would one day be able to publish a book recounting some of the songs, oral tradition, superstitions and stories that he heard all around him. He went to university in Glasgow and then spent three years in Canada. There he began to give lectures on Gaelic oral tradition, songs and superstition. These lectures form the basis of the bilingual book he hopes to publish. He has been a minister in Glenelg for the past nine years.

Item Subject/Person

Dòmhnallach, An t-Urr. Tormod; MacDonald, Rev. Norman

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Parish - Kilmuir

Village/Place - Valtos

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (TD): Rugadh mise ann am baile beag Bhaltois - 's e ainm Lochlannach a th' ann an sin - air taobh sear an Eilein Sgitheanaich no, mar as còir dhomh a ràitinn ris, Tròndairnis, ainm eile a tha glè Lochlannach, anns a' bhliadhna nineteen four. Agus tha mi ga mo mheas fhìn an-diugh glè fhortanach dha-rìribh gun robh na seann chleachdaidhean Gàidhealach beò, agus air an cumail air adhart mar a bha iad riamh, anns a' chiad chuid dhe mo bheatha ann am Bhaltos.

Nuair a bha mi mu shia bliadhna, chaidh mi gu ruige sgoil. Bha mi ann an sin fad an latha. Ach bha sgoil a b' fheàrr ann nuair a bha an sgoil sin a' sgaoileadh an àm an fheasgair - 's e sin ri ràitinn an cèilidh. Agus glè bhitheanta 's ann san dachaigh againn fhìn a bhiodh an cèilidh, 's chruinnicheadh na bodaich, an fhìor sheann seòrsa, agus bhiodh iad a' cèilidh ann an sin.

Agus fhuair mi mòran dhe m' eòlas bho na seann daoine a bha a' cromadh ris a' cheithir fichead, na ann an toiseach mo latha. A' chuid bu mhotha dhiubh, cha robh dad de Bheurla aca. Cha robh lideadh idir de Bheurla aig na boireannaich. Dh'fhàg sin gun robh a' Ghàidhlig aca gu math agus gu sàr-mhath. Agus fhuair mi eòlas farsainn air saobh-chràbhadh agus air cleachdaidhean nan Gàidheal anns na linntean a dh'fhalbh. Bha ùidh mhòr agam bhon as cuimhne leam idir, bha ùidh mhòr agam anns na gnothaichean a bh' ann an sin - ann an sgeulachdan, 's ann an òrain 's ann an geasagan 's anns a h-uile nì a bhuineadh do shaobh-ch-...

[Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

Fhuair mi mar sin, mar a dh'ainmich mi, eòlas air farsainn air saobh-chràbhadh 's geasragan 's òrain agus beul-aithris bho na daoine aig an robh e ann am pailteas, aig an robh gu leòr dheth.

Agus tha cuimhn' a'm fhathast, nuair nach robh mi ach mu ochd bliadhna de dh'aois, a bhith ag ràitinn rium fhìn, nuair a bhithinn a' buachailleachd, gur mi bhiodh toilichte nan tigeadh an t-àm anns am bithinn comasach air a h-uile càil a chuala mi a chur cruinn ann an aon leabhar. Ò nach beag a bha a dhùil agam an uair sin gun tigeadh an t-àm anns am bithinn comasach air seo a dhèanamh.

Tha cuimhn' agam gun robh mi anabarrach eudmhor às leth na Gàidhlig agus rinn mi... chaidh mi gu uchd mo dhìchill airson a bhith comasach air a' Ghàidhlig a leughadh. Bhithinn a' toirt leam leabhar Gàidhlig nuair a bhithinn a' dol a bhuachailleachd agus le cuideachadh leabhar òrain, bha mi comasach air Gàidhlig shoirbh a leughadh, agus bhuaithe sin chaidh mi gu Gàidhlig na bu doirbhe 's na bu doimhne. Fhuair mi Caraid nan Gàidheal, agus rinn sin m' ionnsachadh gu math agus gu ro-mhath.

An dèidh dhomh an sgoil fhàgail ann am Bhaltos, chaidh mi gu ruige Sgoil Phort Rìgh. Bha mi sia bliadhna deug aig an àm. Saoilidh duine an-diugh gun robh sin gu math sean, agus bha e sin cuideachd. Ach anns an latha ud, cha robh e air a mheas sean. Bha a' chuid bu mhotha ceithir-deug nuair a bha iad a' dol a Sgoil Phort Rìgh, 's cuid diubh beagan na bu shine. Bha mi ann an sin, agus a' chiad bheagan bhliadhnaichean, bha mi a' faotainn eòlas air cànanan mar a tha Fraingis 's Laideann 's a' Bheurla, ach anns a' bhliadhna mu dheireadh, bha mi glè thaingeil gun tàinig maighstir-sgoile Gàidhlig, a thug leasanan Gàidhlig dhuinn. Cha robh mi ach trì bliadhna ann an Sgoil Phort Rìgh nuair a dh'fhàg mi, agus chaidh mi gu ruige Glaschu. Ann an sin, bha mi ag ullachadh airson an oilthigh, agus thug mi geamhradh fo theagasg ministeir a tha na sgoilear Gàidhlig sònraichte ann an Glaschu agus rinn esan m' ullachadh airson a dhol gu ruige an oilthigh. Chan e nach robh mo cheann fhìn loma-làn Gàidhlig, ach an dèidh sin 's gu lèir, dh'fheumainn beagan eòlas fhaotainn air Gàidhlig a sgrìobhadh agus air Gàidhlig Èireannach.

Chaidh mi gu ruige Oilthigh Ghlaschu, agus bha an t-Urramach an t-Ollamh Calder, mar a tha fios againn, a' teagasg ann an sin. Agus bha mi fo theagasg-san. Fhuair mi, ann an sin, fhuair mi àrd-eòlas air a' Ghàidhlig Albannach agus air a' Ghàidhlig Èireannach cuideachd. Agus nuair a chaidh mi a-staigh gu ruige Talla na Diadhachd, fhuair mi nam fhear-cuideachaidh ann an Eaglais Chaluim Chille ann an Glaschu, agus bha sin feumail dhomh. Bha mi comasach air feum a dhèanamh dhe mo Ghàidhlig agus air a bhith ga searmonachadh. Agus a h-uile Sàbaid, bha an t-Ollamh Urramach gam èisteachd. Agus 's ioma latha critheanach a bha mi a' teagasg. Chan e idir gun robh eagal orm gun dèanainn mearachd a thaobh na diadhachd, ach 's e bha a' cur a' chùraim orm uile gun dèanainn a' mhearachd bu lugha a thaobh litreachas - bha leithid a chluas gheur aige ga cumail fosgailte ris a' chùbaid, agus nan d' rachadh duine leud na ròineig ceàrr ann an litreachas, dhèanadh sin dragh dha, 's dh'aithnicheadh sibh e. Ach bha mi a' bruidhinn ris a-rithist, agus tha mi glè thaingeil nach d' fhuair e riamh cearb air mo theagasg.

Agus, bha miann mòr agam air a dhol a-null gu ruige dùthaich Chanada. Bha mi a' cur romham, nam b' urrainn mi idir a dhèanamh, gun toirinn sgrìob a-null air feadh na tìre agus gun cuirinn seachad bliadhna no dhà ann. 'S e seo an rud a rinn mi. Anns a' bhliadhna nineteen thirty, chaidh mi a-null gu ruige Canada. Thug mi a' chiad gheamhradh ann an Quebec am measg nan Gàidheal ann an sin, ann an cridhe mòr-roinn Quebec. Fhuair mi an uair sin fios airson a dhol gu ruige Ceap Breatainn ann an earrach... anns an earrach an nineteen thirty-one.

Chaidh mi gu ruige baile Sydney - 's e ceanna-bhaile Eilean Cheap Breatainn - 's nuair a ràinig mi sin, fhuair mi a-mach gun robh e a cheart cho Gàidhealach ris an dùthaich a dh'fhàg mi às mo dhèidh agus ann an seagh gun robh iad mòran, mòran na b' eudmhoire às leth na Gàidhlig na bha iad air feadh Gàidhealtachd na h-Alba agus mòran na bu chùramaiche, nuair a bhiodh iad a' bruidhinn na Gàidhlig nach cuireadh iad facal Beurla am feum, agus nach dèanadh iad idir, idir facal Beurla le earball Gàidhlig a chleachdadh.

Bha mi ann an sin am measg Ghàidheil Cheap Breatainn airson an earraich, 's fad an t-samhraidh, agus criomag mhath dhen an fhoghar. Thill mi an uair sin gu ruige Montreal agus ghabh mi beagan Eabhra anns a' cholaiste anns an oilthigh mhòr a th' ann an sin, ceangailte ri MacGill. Agus an ath shamhradh a-rithist, chaidh mo chur gu ruige Ceap Breatainn, 's bha mi ann an sin. Thug mi ann an samhradh, 's thug mi ann am foghar. Agus chuir mi romham gun d' rachainn gu ruige Eilean a' Phrionnsa airson gum faicinn mo dhaoine, mo chàirdean agus mo chuideachd. Bha fios agam gun robh na h-uiread dhe mo dhlùth-chàirdean thall ann an Eilean a' Phrionnsa, a dh'fhàg an Taobh Sear, eadhan anns na làithean sin air an robh cuimhne glè mhath aig mo sheanmhair. Chaidh mi ann an sin agus bha e anabarrach freagarrach dhomh. Sgrìobh mi an toiseach gu ministear a bh' ann an Eilean a' Phrionnsa, agus dh'fhaighneachd mi dheth an robh sgìre ann a bha bàn, a bha ag iarraidh fear-teagaisg airson beagan mhìosan. Agus le tionndadh a' phosta, nach ann a fhuair mi litir bhuaithe ag ràitinn:

"Tha mi glè thoilichte," ars esan, "do litir fhaotainn. Tha mi fhìn dìreach a' dol a-null gu ruige Sasainn, mi fhìn agus mo bhean, airson mìosan a' gheamhraidh, agus tha mi ag amharc a-mach airson duine a ghabhas m' àite. Agus bidh mi ro-thoilichte ma thig thu agus gun gabh thu m' àite."

'S e seo an rud a rinn mi. Dh'fhàg mi Eilean Cheap Breatainn, agus rinn mi air Pictou - sin agaibh am baile-puirt ann an Alba Nuadh airson Eilean a' Phrionnsa. Bha e glè iomraiteach ann an làithean an làithean nan eilthireach. Cha chluinnte guth ach Pictou - bha Pictou an uair ud cho iomraiteach 's a tha Montreal an-diugh, no Quebec, baile-puirt ainmeil.

Ghabh mi am bàta a-null an sin - 's e Hochelaga a theireadh iad rithe, ainm Innseanach. 'S ràinig mi Charlottetown, ceanna-bhaile an àite, ach feumaidh mi ràitinn, nuair a chaidh mi air bòrd, cò bha cuide rium air bòrd ach ministearan Eilean a' Phrionnsa. Bha iad aig coinneamh dhen an t-seanaid ann am Pictou, 's bha iad a' tilleadh gu ruige an t-àite 's fhuair mi eòlas orra anns an t-seasamh bonn. 'S cò bha nam measg ach ministear na sgìre dh'ionnsaigh an robh mi a' dol. Co-dhiù, cha tug sinn fada a' ruigheachd ceanna-bhaile an àite agus bha càr aige fhèin ann an sin 's cha robh sìon ann ach leum na bhroinn 's dèanamh air Montagu.

Nuair a ràinig mise Montagu, bha e dìreach mar gun ruiginn an Taobh Sear. Bha a' Ghàidhlig aig gach duine agus bha mi ann an sin air mo chuartachadh le càirdean, feadhainn a thàinig às a h-uile baile air clàr an Taobh Sear, agus an Gleann Mòr, Ùige, Cille Mhoire agus Cille Mo Luaig agus Ratharsair agus Rònaigh. Agus dh'fhuirich mi cuide riutha fad deireadh an fhoghair 's fad a' gheamhraidh 's fad an earraich. Agus nuair a thàinig toiseach an t-samhraidh thill am ministear air ais à Sasainn, agus dh'fhàg mi an uair sin Eilean a' Phrionnsa agus chaidh mi gu mòr-roinn Ontario. Fhuair mi ann an sin àite dhomh fhìn, gairm dhomh fhìn, agus ghabh mi mo chiad sgìreachd, oir bha mi a' faireachadh an uair sin gun robh an tìde agam àite a ghabhail dhomh fhìn.

Ach feumaidh mi nise tilleadh air m' ais beagan. Anns a' bhliadhna nineteen thirty-one, bha mi a' dèanamh beagan às leth na Gàidhlig - a' toirt corra òraid seachad mu dheidhinn beul-aithris agus saobh-chràbhadh brèagha nan Gàidheal. Anns a' bhliadhna nineteen thirty-two, mar a dh'ainmich mi, chaidh mi gu ruige Ceap Breatainn, agus bha mi latha ann an sin a-staigh ann am bùth leabhraichean, agus sheall mi, chunnaic mi na h-uiread de na mìosachanan ann an sin - mìosachanan Beurla air a' bhòrd air mo bheulaibh - bha e loma-làn dhiubh, ach thug mi sùil agus gu dè bh' air mo bheulaibh ach mìosachan Gàidhlig, Teachdaire nan Gàidheal. 'S mi rinn an sòlas ris. Agus sheall mi suas cò am fear a bha ga chur a-mach agus fhuair mi an t-ainm aige, fear Seumas MacNèill, ann am baile Shydney. Anns a' mhionaid chaidh mi far an robh e agus dh'òrdaich mi am pàipear airson bliadhna. Agus 's ann a dh'iarr e orm an uair sin beagan a thoirt dha ann an rosg, no bàrdachd no rud sam bith. Rinn mi seo. 'S e saobh-chràbhadh a thug mi dha, agus 's e a' chiad òraid a thug mi seachad, 's e 'Eòin shealbhach agus mì-shealbhach ann an saobh-chràbhadh nan Gàidheal' a bh' ann. Bha sinn dìreach anns an t-samhradh ann an nineteen thirty-two. Agus chan fhaigheadh e gu leòr bhuam an dèidh sin. Cha robh mi ach a' cur òraid air muin òraid agus bàrdachd ga ionnsaigh, 's bha sinn a' faighinn air adhart mar sin agus sinn le chèile a' sgrìobhadh na Gàidhlig anns a' phàipear a bh' ann an seo, am mìosachan. 'S e duine gasta air leth a bh' ann 's bha e anabarrach eudmhor airson a' Ghàidhlig a chumail suas, 's bha i glè mhath aige fhèin, thoradh 's ann à Barraigh a dh'fhalbh a shinnsearachd.

Agus bha mise tuilleadh a' sìor sgrìobhadh saobh-chràbhadh, ga sgrìobhadh airson a' mhìosachain a bha ann an seo, agus mar sin a bha mi a' cumail suas an adhbhair. Agus 's ann an uair sin a thòisich daoine air gabhail suim ann an saobh-chràbhadh 's a' cur meas air agus tha mi glè thoilichte gu bheil a leithid an-diugh ga dhèanamh airson a' chuspair a th' ann an sin - obair mhòr agus obair ro-luachmhor an-diugh ga dhèanamh - saobh-chràbhadh 's am beul-aithris an-diugh ga thrusadh agus ga chruinneachadh mun tèid e bàs buileach, agus mun dùin an uaigh air an duine mu dheireadh aig a bheil e.

Tha mi air a leithid a' sgrìobhadh mu dheidhinn agus, nuair a chruinnich mi a h-uile càil a chuir mi ann an clò, 's ann a thug mi fa-near gur mòr an cnap leabhair a dhèanadh e. 'S e seo a rinn mi. Chuir mi a h-uile h-òraid cuideachd agus a h-uile sgeulachd, agus an uair sin rinn mi eadar-theangachadh air na th' agam ann an Gàidhlig gu ruige a' Bheurla agus tha mi nise, tha leabhar agam deis airson a chlò-bhualadh, agus tha an dàrna duilleag dheth anns a' chiad chainnt anns an deach a sgrìobhadh agus an duilleag eile mu coinneamh ann am Beurla. Tha mi 'n dòchas gum faigh mi uaireigineach a chlò-bhualadh.

Thàinig mi an uair sin a-nall gu ruige an dùthaich seo anns an fhoghar ann an nineteen thirty-nine 's bha mi greiseag anns na h-eileanan ag ath-ùrachadh m' eòlais agus a' faighinn beagan a bharrachd air na bh' agam agus fhuair mi an uair sin gairm gu ruige sgìre Ghlinn Eilge, far a bheil mi fhathast. Tha mi a' dol ann a-nise, tha mi ann... tha mi a' dol anns na naodh bliadhna mar mhinistear Ghlinn Eilge.

Calum MacIllEathain (CM): Naodh bliadhna?

TD: Naodh bliadhna.

CM: Dìreach. Niste, uill, guma fada a bhios sibh beò ann.

TD: Ò, mòran taing.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good