Search

Prògram Choinnich

Contributors
Date 20 August 1998
Track ID 27578
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 20.08.1998

Summary

Glamis Castle in Angus.

Isa Caird talks about Glamis Castle in Angus, which is famous for ghosts. It was originally a tower house and was extended over the years. It is a beautiful building and constructed of reddish stone. There are interesting historical exhibitions. The castle is occupied by the Earl of Strathmore.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Angus

Parish - Glamis

Village/Place - Glamis

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha sinn an-dràsta a' dol a Shiorrachd Aonghais airson togalach inntinneach na seachdain seo. Caisteal a th' ann. Caisteal aig a bheil an t-ainm airson barrachd thaibhsean taobh a-staigh nam ballachan na caisteal eile ann an Alba. Caisteal far a bheilear ag ràdh a chaidh co-dhiù aon rìgh mana deach a dhà a mhurt. Chaidh Isa Caird a dh'fhaicinn a' chaisteil. Chan eil fhios agam am faca i taibhse, ach tha i air a' chùis a dhèanamh faighinn gu stiùidio Dhùn Dè an-diugh. Ciamar a tha thu, Isa?

Isa Caird (IC): Tha mi gu math, tapadh leat, a Choinnich.

CM: Nise, 's dòcha gu bheil an dealbh a rinn mise de Chaisteal Ghlàmais ann an siud cho fada ceàrr agus a ghabhas e bhith. A bheil?

IC: Chan eil. Chan eil. Tha an caisteal... Chan eil. Tha iad ag ràdh fhathast gu bheil taibhse ann 's gum bi iad a' faicinn cailleach uaine uair 's uair, agus tha sin math airson an luchd-turais.

CM: Càit a bheil Caisteal Ghlàmais?

IC: Uill, tha e ann a... ann am baile... tha baile, baile beag ann, Glàmais, agus tha e mu chòig mìle deug a-mach à Dùn Dè, air an rathad suas a dh'Obar Dheathain. Tha e gu math furasta a lorg.

CM: Agus 's e seann, seann togalach a tha seo, nach e?

IC: Fìor sheann togalach. Thòisich e na thùr, agus an uair sin tha duine 's duine air a bhith a' cur ris, agus tha e a-niste na chaisteal brèagha. Agus tha rathad mu mhìle de dh'fhaid suas thuige, agus craobhan mòra air gach taobh, agus tha e dìreach, tha e gu math inntinneach a bhith a' dol thuige mar sin, 's chì thu an caisteal romhad agus e air a thogail le clach rudeigin dearg. Agus tha e dìreach coltach ri caisteal le tùraichean 's staidhreachan 's uinneagan, 's tha e dìreach brèagha.

CM: Ainmeil anns an latha a th' ann an-diugh airson a bhith na dhachaigh aig màthair na banrigh, agus nithean dhen t-seòrsa sin. Agus cuideachd dhan fheadhainn a bha a' dèanamh MacBeth 's rudan mar sin anns an sgoil, chuala sinn mu dheidhinn a' chaisteil ann an sin cuideachd.

IC: Dìreach. 'S e mar gum b' eadh caisteal beothail a th' ann, a chionn tha muinntir... an t-Iarla Strathmore agus a bhean 's an teaghlach a' fuireach ann am pàirt dheth. Mar sin, tha e beothail, agus chan eil luchd-turais a' faicinn ach mu chairteal dheth, agus tha e ainmeil air sàillibh, fhios agad, an dealbh-chluich MacBeth. Nach tuirt i ris hail... nach tuirt a' bhana-bhuidseach ris: "Hail to thee thane of Glamis." Mar sin, feumaidh gun robh daoine... faireachadh aca mu dheidhinn, o chionn ùine mhòr.

CM: A bheil càil a dh'fhìrinn ann, ge-tà, gun deach... gur ann an sin a chaidh an Rìgh Donnchadh a chur gu bàs agus 's dòcha Rìgh Calum a Dhà cuideachd?

IC: Uill, chan urrainn dhut a bhith cinnteach, ach tha sin air a ràdh ann an eachdraidh, agus tha sin mar gum b' eadh a' cruinneachadh eachdraidh timcheall air Glamis.

CM: Dè seòrsa togalach a th' ann airson a dhol ann an-diugh?

IC: Uill, tha e dìreach mar a tha a h-uile caisteal airson luchd-turais an-diugh, am pìos a tha thu a' faicinn dheth. Ach tha e inntinneach. 'S toigh leam fhèin nuair a thèid mi dha na h-àiteachan sin an t-àite-bìdh fhaicinn, a chionn tha e an-còmhnaidh air a sheatadh a-mach cho brèagha - soithichean brèagha 's bòrd mòr. Tha e dìreach... agus tha stiùiriche ann a bheireas timcheall thu, agus chì thu àirneis taighe agus eachdraidh timcheall air.

CM: Bha aon sgeulachd eile...

IC: Agus mar a tha a h-uile caisteal, tha bùth aig a dheireadh...

CM: Ò bidh sin ann co-dhiù.

IC: ...feuch an ceannaich thu rud.

CM: Airson 's e aon dhe na sgeulachdan co-cheangailte rithe, nach e, gu bheil cuid a' cumail a-mach gu bheil seòmraichean ann a tha dìomhair, agus nach eil fhios aig duine càit a bheil iad.

IC: Tha. Tha uinneag no dhà ann, agus chan eil iad cinnteach dè th' air a' chùl, agus tha sin mar gum b' eadh falach, airson a bhith a' falach dhaoine aig àm cogaidh no mar sin.

CM: Ach an dùil a bheil sin ann, seòmraichean dìomhair?

IC: Uill chan eil e... uill, tha am balla gu math tiugh, tha mi a' creidsinn. Chan eil... cha bhi fhios aig duine. Ach tha e a' dèanamh naidheachd mhath do dhaoine a bhios ag èisteachd ris.

CM: Tha. Ach 's e rud a tha inntinneach mu dheidhinn, 's bha mi fhìn air dìochuimhneachadh mu dheidhinn, fear dhe na sgeulachdan mu dheidhinn, gus an tug mi sùil air bileag pàipear ann an seo, agus bha aon aca ag ràdh rium gun deach deuchainn a dhèanamh airson feuchainn an robh dha-rìribh rùm air cùl a h-uile h-uinneag, 's gun do rinn iad... gun deach iad dhan a h-uile rùm 's gun do chuir iad tubhailtean, no searbhadairean, a-mach na h-uinneagan, 's gun robh iad an ìre mhath cinnteach gun do chuir iad searbhadair a-mach a h-uile h-uinneag, ach an uair sin nuair a chaidh iad taobh a-muigh a' chaisteil, gun robh mu leth-dusan uinneag 's cha robh searbhadair a-mach oirre idir, 's mar sin dheth, bha sin mar gum b' eadh a' dearbhadh dhaibh gun robh rudeigin ceàrr am badeigin.

IC: Uill, cha chuala mi an naidheachd sin roimhe. Feumaidh tu a dhol ann nad luchd-stiùiridh, 's bidh thu... bidh thu math nam measg.

CM: Ò, bhithinn air chall nan deigheadh mo chur... nan deigheadh mo chur dha fear... do dh'fhear dhe na seòmraichean a tha sin.

IC: Dìreach. Bhiodh tu air do ghlasadh nam measg, 's dòcha. A bharrachd... a bharrachd air a' chaisteal anns... ann am baile beag Glamis seo, tha sreath de thaighean beaga, nan taighean-tasgaidh. Tha sia dhiubh ann. Chaidh an togail ann an... anns an t-seachdamh linn deug, agus tha iad a-nist air an dèanamh... bha iad uaireigin nan taighean airson luchd-obrach air an fhearann, ach tha iad an-diugh nan aon sreath, 's thèid thu tron a h-uile... tron sianar aca, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil iadsan gu math inntinneach airson daoine a dhol a choimhead orra. Tha gach taigh àraid dha fhèin. Tha àite ann airson far am biodh iad ag obair le bainne 's a' dèanamh càise 's ìm 's a h-uile inneal a bhathar a' cur feum air air sàillibh sin. Agus an uair sin, tha fear dhe na taighean airson nigheadaireachd, agus stampadh phlangaidean 's tubannan mòra 's rudan mar sin. Agus tha sgoil ann, 's tha mi a' smaoineachadh airson clann-sgoile a' dol ann, chòrdadh seo riutha. Seann deasgaichean 's strapan, 's na rudan a bhiodh iad a' sgrìobhadh, mar sin.

CM: Tha sin a' tòiseachadh a' fàs gu math fasanta anns na taisbeanaidhean a tha sin. Seann togalaichean a bhith air an toirt air ais gu cumadh mar a bhitheadh iad, 's dòcha. Mar eisimpleir, bha mi fhìn an t-seachdain a chaidh, bha sinn ann an aon bhaile 's bha na diofar thaighean ann an cumadh mar a bha iad, 's dòcha, bho chionn ceud bliadhna air ais mar sin. Tha seo a' fàs gu math fasanta. Ach an dèidh sin, 's e dòigh sìmplidh a th' ann, ach dòigh mhath a th' ann air dealbh a thoirt do dhaoine air cò ris a bha e coltach aig an àm, nach e?

IC: Dòigh dìreach iongantach, agus tha seo fìor mhath, tha mi a' smaoineachadh. Tha an sgoil math, agus an uair sin tha aonan dhe na taighean airson snìomh, a chionn aig aon àm bha tòrr de shnìomh agus... air a dhèanamh timcheall ann a sheo, agus tha beairt ann, agus aig aon uair, thòisich iad... thòisich iad a' fàs flax - dè a' Ghàidhlig a th' air flax - tha mi air a dhìochuimhneachadh. Agus bha iad a' dèanamh tubhailtean agus mar gum b' eadh nèapraigean beaga. Dhèanadh sin aig aon uair, ach chan eil a-niste. Ach chì thu mar a bha e air a dhèanamh 's chì thu a' bheairt mhòr 's a h-uile càil a th' ann.

CM: Uill, 's e chuir iongnadh orm air a' phrògram seo fhèin gun robh iad a' dèanamh an dearbh rud ann an ceann a deas na Hearadh, anns an Taobh Tuath, agus anns an Eilean Sgitheanach toiseach na linn a tha seo fhèin, agus tha e mìorbhaileach na rudan a gheibh thu a-mach. Ach anns an togalach a tha sin, a-rèiste, a bheil thu a' faighinn tòrr de dh'eachdraidh dhen Iarla Strathmore 's na daoine sin?

IC: Tha. Tha. Tha sin anns a' chaisteal. Chan eil... chan eil anns na taighean beaga, ach anns a' chaisteal tha tòrr den eachdraidh aca, agus bha iad air... a' chuid bu mhotha dhiubh, fìor dhaoine math a bh' annta, agus fhathast ann an Dùn Dè, tha meas mhòr aig muinntir Dhùn Dè orra, agus chì thu iad tric aig ospadail 's eile air feadh a' bhaile. Agus tha e coltach gun robh fear dhiubh a-muigh còmhla ri Montrose, agus an uair sin nuair a thàinig Cromwell air ais, chaidh càin mhòr a chur air, air sàillibh gun robh e a-muigh còmhla ri Montrose, agus bha am fear sin, chaill e tòrr airgead air a shàillibh, ach nuair a fhuair e air adhart beagan, chùm esan air, a' dèanamh a' chaisteil nas fheàrr.

CM: Uill, dè seòrsa rudan a tha ri fhaicinn ann am broinn a' chaisteil fhèin? An e rudan a tha follaiseach a chosgadh an t-uabhas airgead a th' annta? No an e dìreach an eachdraidh a th' ann air [???]?

IC: Chan e. Chan eil rudan ann a chosgadh an t-uabhas airgead. Tha rudan annasach ann, ach chan eil ann mar a chì thu ann an iomadh caisteal, tòrr rudan a thàinig à thall thairis. Gheibh thu dìreach... saoilidh tu gun robh dìreach na daoine a bh' ann, gun robh iad a' fuireach far an robh iad, agus nach eil cruinneachaidhean mòra de rudan à thall thairis ann. Tha e gu math Albannach, agus ged a tha e brèagha agus tha rudan ann nach eil aig ar leithid-ne, an dèidh sin chan eil e cho annasach, caran, 's a tha ioma àite eile.

CM: Mar sin, tha baile beag ann.

IC: Tha baile beag brèagha ann, agus seann taighean ann fhèin dhen an aona chlach 's a tha an caisteal, air an togail le muinntir Strathmore fhèin. Fhios agad, bha tuathanachas brèagha timcheall air far a bheil an caisteal, ann an Strathmore ann a sheo, agus mar sin, bha tòrr de mhuinntir ag obair air na tuathanaich ann a shin... nan tuathanaich. Agus a bharrachd air na taighean beaga seo, tha àite ann mu choinneamh, agus fhuair mi seo gu math inntinneach, airson... mu thuathanachas, agus nuair a bha a leithid a dh'fhir ag obair air tuath an uair sin, tha na taighean anns an robh iad a' fuireach, fhios agad, na bothies - cluinnidh tu mu dheidhinn bothy ballads agus na daoine a' fuireach ann am bothy - agus nuair a thèid thu a-staigh do dh'aonan aca 's ann a gheibh nàdar de dh'eagal, a chionn tha leabaidh ri taobh na... fhios agad, ri thaobh, agus dà, mar gum b' eadh, fear annta. Saoilidh tu gu bheil iad... tha iad a' coimhead cho... mar gum b' eadh iad beò. Cuiridh iad nàdar eagal ort nuair a thèid thu ann. Ach chì thu an dreasair aca 's na panaichean 's mar a bha iad... mar a bha iad a' fuireach ann a shin, agus tha tòrr de àirneis eich ann, agus tòrr de dh'uidheaman airson cur bhuntàta 's timcheall air a' bhuntàta. Tha tòrr bhuntàta air a chur agus air fàs timcheall an seo fhathast, agus 's ann aig... tha tòrr... dìreach o thoiseach cur bhuntàta 's ga thogail 's ga chur air falbh, tha iad ann a shin, na h-uidheaman a bh' aca.

CM: Mar sin dheth, tha cothrom agad a bhith... beachd nan... nan daoine-uasail a bhith ga faighinn, ach tha cuideachd, tha thu a' faighinn dealbh de bheatha nan daoine cumanta, ma dh'fhaodas sinn a chur mar sin?

IC: Dìreach. Na daoine a bha ag obair dhaibh. Tha an dà chuid ann, agus faodaidh duine latha a chur seachad glè thoilichte ann an Glamis eadar na trì rudan: an caisteal, am baile beag a th' ann, agus seachd àraid an t-àite a tha seo le na taighean, agus seachd àraid, tha mi a' smaoineachadh, na th' ann mu obair... mu obair tuath. Tha uidheam ann... tha uidheam ann airson arbhar. A' chiad uidheam a bha rudeigin math airson gearradh arbhar, nuair a sguir iad dhen spealadh, 's e... ann an eighteen seventy-two a tha iad ag ràdh, agus 's e ministear, ministear a bh' anns an dùthaich, 's e Patrick Bell an t-ainm a bh' air, agus 's e esan a rinn a' chiad uidheam riamh airson a bhith a' gearradh arbhar. Agus tha sin ann. Agus tha muileann-fhroisidh ann. 'S tha e dìreach inntinneach. Chòrd seo rium fhèin fìor mhath, a' coimhead air na bha sin.

CM: Tha e annasach nuair a thèid thu dha na h-àitichean sin, gu dearbha, man a tha na seann nithean a tha sin, 's bidh thu a' cantainn riut fhèin, càit an robh iad... ciamar a fhuair iad air na rudan a tha sin a chumail, no càit an robh duine gam... daoine gam falach thairis nam bliadhna?

IC: Nach eil e iongantach. Ach, uill, tha iad... seo na chiad fheadhainn aca 's iad a' sìor fhàs nas fheàrr, gus mu dheireadh tha tractors againn 's combine harvesters 's rudan mar sin. Ach tha e math a' faicinn dìreach mar a thòisich iad.

CM: Agus a' tighinn nas fhaisge air an àm againn fhìn, cuideachd dachaigh màthair na banrigh nuair a bha i òg.

IC: 'S ann. 'S ann. Agus 's ann a rugadh piuthar na banrigh, Mairead piuthar na banrigh. Agus anns a' chaisteal fhèin, tha iad a' dèanamh mòran dhen a sin. Tha mòran dhealbhannan ann de mhàthair na ban-righinn nuair a bha i òg, agus nuair a bhiodh i a' tighinn ann, agus nuair a bha a' bhan-righinn agus a piuthar òg, bhiodh iad a' tighinn ann tric, còmhla rim màthair, a chionn agus gu 'n seanair 's gu 'n seanmhair. Agus chì thu litrichean a sgrìobh iad gu 'n seanmhair nuair a chaidh iad dhachaigh 's mar sin. Agus tha dlùth... dlùth-chàirdeas ann eadar a' bhan-righinn agus na daoine a th' ann. Tha iad anns an h-oghaichean.

CM: Bidh uaireannan, cha bhi mi a' faireachdainn ro chofhurtail mu dheidhinn nan litrichean a tha sin, airson litrichean a chaidh a sgrìobhadh gu prìobhaideach gu daoine 's an uair sin tha iad ann an sin air beulaibh dhaoine eile airson a bhith gam faicinn. Bidh thu a' cantainn...

IC: Bidh mi fhèin a' smaoineachadh sin cuideachd. Litir a gheibh thu... a sgrìobh thu gu do sheanmhair. Bhiodh tu airson dìreach nach biodh an saoghal uile ga faicinn, ach siud mar a tha. Uill, seach gur e a' bhan-righinn a sgrìobh i, fhios agaibh, tha i... chan ionnan sin 's mise 's thusa ga sgrìobhadh.

CM: Uill, siud dìreach a bha mi a' dol a ràdh. 'S iongantach gun dèan e cus dragh dhuinne, Isa.

IC: Cha bhi sinn tric a' sgrìobhadh litrichean co-dhiù.

CM: 'S iongantach gu bheil mòran ann... chan eil daoine a' sgrìobhadh litrichean a-nise co-dhiù. 'S e... chan eil fhios agad ciamar a bhios tu a' cumail nan rudan... an t-eadar-lìon 's rudan mar sin anns na làithean a tha air thoiseach oirnn idir.

IC: Uill cha bhi for orra. Cha bhi for orra, tha mi a' creidsinn, gu 'n tig rudan ùra aca.

CM: Tha seo... tha an caisteal fosgailte, a-rèiste, bhon a' Mhàrt, fad an t-samhraidh, a-steach dhan as t-fhoghar, nach eil?

IC: Tha. Tha

CM: Fad an latha?

IC: Fad an latha. Agus... uill, gu còig uairean feasgar. Agus gheibh thu... tha e furasta a lorg, agus gheibh thu busaichean à Dùn Dè a-mach thuige. Agus math 's d' fhiach e a dhol thuige. Na trì rudan: am baile 's an caisteal agus na taighean-tasgaidh a tha seo. Dhèanadh e... chuireadh e seachad deagh latha ann, 's tha àite ann anns am faigh thu biadh, ma tha thu ag iarraidh cupa teatha no mar sin.

CM: Uill, tha mise toilichte gun do chòrd e ribh gu dearbha, 's nach do ghlac gin dhe na taibhsean sibh, Isa.

IC: Cha do ghlac.

CM: Gun do rinn sibh a' chùis a thighinn chun an stiùidio againn an Dùn Dè an-diugh. Tapadh leibhse, gu dearbha.

IC: 'S e ur beatha.

CM: Tapadh leibhse. Isa Caird ann an sin. Caisteal Ghlàmais, am baile timcheall air, an taigh-tasgaidh, agus cuid dhe na sgeulachdan, feadhainn eile aca nach cuala sinn idir ann an seo an-diugh. A rèir coltais, an t-uabhas eachdraidh agus beul-aithris co-cheangailte ris a' chaisteal ainmeil a tha sin. Caisteal Ghlàmais. Dh'fheumadh sinn 's dòcha sùil a thoirt air feadhainn dhe na sgeulachdan bho bheul-aithris uair air choreigin eile. Ach taisbeanadh, caisteal, agus baile bu mhath a b' fhiach do dhuine sam bith againn, a rèir coltais, a dhol ga fhaicinn.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good