Search

Prògram Choinnich

Date 21 March 2001
Track ID 28544
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 21.03.2001

Summary

The Battle of Alexandria and the Black Watch.

Hector MacKenzie tells about the Battle of Alexandria, which took place in 1801 between Britain and France. Britain's victory helped to curtail France's power in North Africa, and the threat to Britain's territories in the East. The famous Black Watch regiment took part in the battle.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Thathas a' comharrachadh a-nochd gu bheil dà cheud bliadhna bho bha rèisimeid an Fhreiceadain Dhuibh an sàs ann am Blàr Alexandria ann an ceann a tuath Afraga. Blàr cudromach a bha seo, far an do chuir Arm Bhreatainn ruaig air Arm Napolean, arm a bha gu ruige seo air a h-uile batal a bhuannachd. Cha robh am blàr gun chosgais, ge-tà. Chaill còrr agus trì cheud dhen an Fhreiceadan Dubh am beatha. Tha Eachann MacCoinnich eòlach air an sgeul. Tha e còmhla rium ann an Inbhir Nis. Eachainn, dè cho cudromach agus a bha Blàr Alexandria?

Eachann MacCoinnich (EM): Uill, bha e gu math cudromach, bhon chùm e an rathad gun an Ear-mheadhanach fosgailte dha Breatainn, far an robh, tha fhios agad, ìmpireachd mhòr aca air tòiseachadh ann an... anns na h-Innseachan, ann an India, ri linn Clive 's na daoine sin, agus chùm e sin fosgailte dha Breatainn, agus cuideachd chuir e às dhan a' chumhachd a bh' aig na Frangaich anns a... anns a' Mhuir... anns a' Mhuir Mheadhanaich. Bha cothrom aca ron a sin, tha fhios agad, a bhith a' cumail sùil air Eilean Malta 's na h-àiteachan sin, 's bha iad gu math làidir aig muir, agus bha an strì a bha sin a' dol bho... bho chionn còig air fhichead bliadhna no barrachd ron a sin, eadar na Frangaich 's sinn fhìn. Agus mar sin dheth, Blàr na h-Èipheit, uill, chùm e an doras a bha sin fosgailte dhuinn.

CM: Uill gu dearbha, sin e. Bha Alexandria, aig ceann a tuath na h-Èipheit, cha mhòr na iuchair dhan a' chòrr dhen t-saoghal an ear air a sin, nach robh?

EM: Bha gun teagamh, bha. Agus bha... bha... bha iad gu math làidir anns an Fhraing, na Frangaich... anns an Èipheit, bu chòir dhomh a ràdh - gabh mo leisgeil - ron a sin, bhon a bha Napoleon, tha fhios agad, bha e a' dol a thoirt... an toiseach bha e a' dol a thoirt sùil air Èirinn. Bha e an dùil gum faigheadh e a-steach air an eilean againn fhìn tro Èirinn. Ach 's ann a chuir e na daoine... an t-armailt aige dhan a... dhan an Èipheit, agus dhà no thrì bhliadhnaichean ron a' bhaiteal air a bheil thusa a' bruidhinn an seo, 's air a bheil mise a' bruidhinn, bha Battle of the Nile, mar a thuirt iad, agus rinn Nelson an uair sin a' chùis air na Frangaich, agus bha na Frangaich ann an sin, na saighdearan aca ann an sin, fad na h-ùine 's iad gu math eòlach air an fhàsach 's air a h-uile dad a bh' ann, tha fhios agad, dar a ràinig na Gàidheil a bha seo, am Freiceadan Dubh nam measg, gu Abukir Bay, air an t-aona latha deug... air an aona latha deug dhen... aona latha fichead dhen a... dhen a' Mhàrt, dà cheud bliadhna air ais.

CM: Agus thathas a' comharrachadh seo an-diugh le feadhainn a thàinig a-nuas bho na h-oifigearan a bha an sàs anns a' chath... anns a' chath a bha sin a bhith a' cruinneachadh cruinn còmhla.

EM: Tha. Ann a... nise, tha sin ann a-nochd, ma tha thu airson a dhol ann, a Choinnich, aig... ann an Taigh-feachd na Banrigh ann am Peairt, a-nochd aig leth-uair an dèidh seachd no mun a sin, agus mar a thuirt thu, 's e sliochd nan oifigearan a bha aig Blàr na h-Èipheit a tha gu bhith an sàs anns a' chèilidh a tha seo a-nochd. Chan e cèilidh a th' ann ach òraid le fear dhe na h-eachdraidh-... na h-eachdraichean à Siorrachd Clackmannan. 'S ann às a sin a bha Sir Ralph Abercromby a bh' air ceann gnothaich anns a... ann am Baiteal na h-Èipheit.

CM: Agus Sir Ralph Abercromby a tha sin, a bh' air ceann a' chùis, chaidh e... chaidh e fhèin a mharbhadh ann an sin.

EM: Chaidh e fhèin a mharbhadh, agus bha iad airson... bha iad airson a' chorp aige a thoir air ais a Bhreatainn ga thiodhlacadh, agus chuir iad an corp aige ann an togsaid ruma...

CM: Ò, gu sealladh orm.

EM: Uill, 's ann mar sin a thàinig... ann am branndaidh no rudeigin mar sin a thàinig Nelson, an corp aig Nelson air ais cuideachd. An uair sin, tha fhios agad, cha robh dòigh eile aca air. Agus 's ann a bha an togsaid a bha seo ag aoidion, agus dar a ràinig iad Eilean Malta, bha an gnothach air a... bha an corp air a... ann an leithid de dhroch dhòigh 's gun tàinig orra Ralph Abercromby a thiodhlacadh ann am Valletta ann an sin, air an rathad dhachaigh. Ach 's e duine... 's e duine... 's e gaisgeach dha-rìribh a bh' anns an duine a tha sin, 's e as coltaich.

CM: Chan e duine òg a bh' ann aig an àm a bharrachd. Bha e trì fichead 's a sia, nach robh?

EM: Bha, bha. Agus bha... cha chreid mise nach robh e an grèim aig dithis dhe na... dhe na guardsmen aig Napoleon, ach thàinig private às an Fhreiceadan Dubh agus thug e fuasgladh dha, dìreach beagan mus deach a leòn.

CM: Nise, 's e blàr a bh' ann a bhuannaich iad, ach mar a bha a h-uile blàr eile, bha cosgais ann. Còrr agus trì cheud dhen an Fhreiceadan Dubh, còrr agus mìle agus trì cheud gu lèir air am marbhadh ann an sin, dhe na saighdearan Gàidhealach.

EM: Bha, gun teagamh. 'S e call mòr a bh' ann, agus 's e... 's e... 's e rud a chuir dragh ormsa an-dè, bha mi a' coimhead ann an leabhar eachdraidh, 'Our Sceptred Isle', tha fhios agad, mun... mu Breatainn, agus cha robh aon fhacal anns an leabhar sin mun a... mun a' bhaiteal a bha seo. Bha trì duilleagan mun a... Battle of the Nile, ach cha robh guth air na... air na Gàidheil a bha seo idir, tha mi duilich.

CM: An deach mothachadh... an deach... an deach àite a thoirt dhaibh aig an àm a bha sin fhèin airson an obair a rinn iad?

EM: Uill, chaidh le cuid dhe na daoine aca fhèin. Bha fear ann aig a' bhlàr sin, agus aig iomadh blàr ron a sin, à Àrasaig ann an... air taobh siar Inbhir Nis, agus 's e fear Alasdair MacFhionghain a bh' ann, agus sgrìobh e bàrdachd fìor mhath. Nam biodh Kate Adie 's John Simpson 's tu fhèin 's an fheadhainn sin, nam biodh... dh'fhaodadh gu bheil sgil na bàrdachd agadsa, a Choinnich, ach nam biodh e aig na daoine sin, uill, bha iad air a bhith nas ainmeile na bha... na tha iad, ach bha Alasdair MacFhionghain, rinn e... rinn e bàrdachd air leth mun a' bhlàr... Blàr na h-Òlaind a bh' ann, bliadhna ron a sin, far a bheil e ag ràdh:

Air mìos meadhanach an earraich
An dàrna latha mas math mo chuimhne
Ghluais na Breatannaich bhon fhaiche
Dh'ionnsaigh [?thabhairt] air na nàimhdean
Thug Abercromby taobh na mara dhiubh
Le 'n canain 's mi gan cluinntinn
'S bha fòirneadh aig Mùr gu daingeann
Cumail aingil ris na Frangaich

'S mar sin air adhart. Agus sgrìobh e bàrdachd mu Bhlàr na h-Èipheit cuideachd. Chan eil e cho math ris a' ghnothach a bha mi ag aithris an sin, ach... Agus bha fear eile ann cuideachd, am Bàrd Conannach, agus cha robh e anns a' bhaiteal, ach bha e ann an Dùn Èideann bliadhna no dhà an dèidh sin, agus iad a' comharrachadh a' bhuaidh a bh' aca ann am Blàr na h-Èipheit. 'S ann mar seo a chuir e e:

Latha soilleir samhraidh dhomh air cabhsairean Dhùn Èideann
Gum faca mi na brataichean a' lasadh ris a' ghrèin ann
Chuala mi na gunnaichean 's dh'fhuirich mi gan èisteachd
'S am mac-talla a bh' anns na creagan a' toirt freagairt dhaibh le èibhneas.

Agus a-rithist, a' cur dùnadh air an rann a bha sin, air a bhàrdachd a bha sin, tha e ag ràdh:

Guidheamaid buaidh-làraich leis na Gàidheil anns gach teugmhail
Toil-inntinn aig an càirdean 's gach nàmhaid a bhith gèilleadh
Mar a chuala mis' a' chaismeachd bha taitneach rium ri èisneachd
Latha soilleir samhraidh 's mi air cabhsairean Dhùn Èideann.

Bha na daoine sin, tha fhios agad, bha iad a' toir luaidh air a' bhuaidh a bh' aca, ach chan eil fhios a'm dè mun an riaghaltas.

CM: Uill, Eachainn, mòran taing dhut gu dearbha airson beagan solas agus blas a chur air a' bhatal a bha sin, agus na pìosan bàrdachd a tha sin a thoirt dhuinn cuideachd. Mòran taing dhutsa gu dearbha. Agus chan e a-mhàin gu bheil an cruinneachadh a tha sin a-nochd ann an dachaigh an Fhreiceadain Duibh ann an Caisteal Bhalhousie, tha taisbeanadh ann an sin cuideachd... uill, bho an-diugh, 's ann a tha e gu bhith aca fad na seachdain a th' air thoiseach, gu sònraichte co-cheangailte ri Blàr Alexandria. Mo thaing gu dearbha do dh'Eachann MacCoinnich a th' air a bhith còmhla rinn ann an Inbhir Nis.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good