Search

An t-amadan agus an tighearna.

Date 02 June 1954
Track ID 28701
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1954.52.A1

Original Tape ID

SA1954.052

Summary

The fool and the landlord.

A landlord gave his fool a stick and told him to keep it until he met a greater fool than himself. The landlord became ill and was dying. He sent for each of his servants to say goodbye. He was persuaded to send for the fool also, and he told him he was going far away and would not return. The fool asked what preparations he had made for his trip. His master said 'none', and so the fool gave him back the stick.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Village/Place - Arisaig

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1332

Transcription

Calum MacIllEathain: Seo ma-thà, bha sibh ag ràdh gun robh naidheachd agaibh?

Dòmhnall Dòmhnallach: An cuala sibh riamh iomradh air an fhear ris an abradh iad amadan an tighearna? 'S e sin fear a bhiodh aig daoine beairteach agus uachdarain, ris an canadh iad anns na seann timeannan, tighearnan. Agus cha bhiodh gin dhiubh sin nan uidheam mura biodh a leithid seo a dhuine aca anns a' chuideachda a bha a' frithealadh orra anns na taighean-còmhnaidh aca - an t-amadan. Dar a theirigeadh a h-uile seòrsa cluich 's rud eile dhaibh, bhiodh iad ri fealla-dhà air an amadan, agus bha seo a' cur seachad beagan tìm orra.

Thachair gun robh fear dhiubh seo anns na ceàrnachan sa, agus... dhe na tighearnan a bha seo, agus bha amadan aige mar a bh' aig an còrr dhe a sheòrsa. Latha dhe na lathaichean chuir e fios a-mach air an amadan agus thuirt e ris gun robh gnothach aige ris. Dar a thàinig an t-amadan na làthair, gu dè bh' aig an tighearna ach bata, agus shìn e dhan amadan e agus thuirt e ris:

"Seo dhutsa am bata a tha seo, agus cumaidh tu gu cùramach e agus gabhaidh tu ùis fad 's a bhios e agad. Agus 's e do chuid fhèin e gus an tachair amadan ort as motha na thu fhèin, agus an uair sin bheir thu seachad dhan fhear sin e."

"Tapadh leibhse," ars an t-amadan. "Nì mise mar a tha sibh ag iarraidh."

Bha tìm a' dol seachad, agus bha an t-amadan a' leanailt ris a' bhata. Ach dè bhuail a mhaighstir ach tinneas trom, agus an dèidh a h-uile seòrsa fear-sgil a bh' ann anns an àm a thighinn a choimhead air agus a thoirt seachad am beachd, 's e an co-dhùnadh gus an tàinig iad gun robh am bàs air.

Thuig e seo agus bha e làn... tha e coltach ris gun robh e leigte ris agus nach robh an còrr a' feitheamh air. Agus chuir e fios air duine an dèidh duine dhe a chuid sheirbheiseach airson beannachd fhàgail aca mun tigeadh am bàs air. Ach dar a bha iad uile-gu-lèir aige an dèidh a thoirt air a bheulaibh, thuirt am fear bho dheireadh a thàinig ris:

"Cha d' fhàg sibh beannachd aig an amadan fhathast."

"Ò cha chreid mi," ars esan, "gu bheil e riatanach dhomh iarraidh a-staigh idir, a chionn cha thuig esan dè tha a' dol a dh'èirigh dhomh. Tha e cho fada air ais agus leis a sin chan eil mi a' faicinn freagarrach gun tigeadh e an seo."

"Ò tha mi a' smaoineachdainn," ars am fear sa, "gu bheil cho math dhuibh iarraidh mar an còrr, agus innsibh dha... thoiribh dha seòrsa air choreigineach de thuigse air rud a tha a' dol a dh'èirigh dhuibh."

"Uill, ma-tà, abair ris tighinn a-staigh."

A-staigh a ghabh an t-amadan 's am bata aige.

"Ò," ars an tighearna, "ann an ùine ghoirid," ars esan, "tha mise a' fàgail an àite sa, agus cha bhi mi a' tilleadh tuillidh, agus chuir mi brath ort," ars esan, "airson beannachd fhàgail agad."

"Tha mi duilich," ars an t-amadan, "airson sin a chluinnteil. Ach càit a bheil sibh a' dol?"

"Tha mi a' dol fad às. Tha mi a' dol cho fad às," ars esan, "agus nach bi mi a' tilleadh an seo tuillidh, mar a thuirt mi riut cheana."

"Am beil forfhais agaibh," ars an t-amadan, "càit a bheil sibh a' dol, no an do chuir sibh... an do rinn sibh deisealachd sam bith airson gun gabhadh iad ribh nuair a ruigeas sibh, ma tha sibh a' dol air ur n-aineol?"

"Cha do rinn deisealachd sam bith ach dìreach iad a dhèanamh rium mar a dh'fhaodas."

"Tha mi a' smaoineachdainn, a thighearna," ars esan, "gun do thachair a-nis," ars esan, "amadan orm as motha na mi fhìn, agus seo dhuibh am bata."

Agus sin agaibh mar a chuala mise an naidheachd.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good