Search

Na ceatharnaich Ghàidhealach a fhuair bàs an Lunainn an dèid...

Date 02 June 1954
Track ID 28704
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1954.52.A2

Original Tape ID

SA1954.052

Summary

The Highland chiefs who were put to death in London after Culloden.

There were four powerful men in the Highlands after Culloden. The English authorities were afraid they would cause trouble. They were asked to Edinburgh, in a way which made them think they were to be honoured. One, Fearchar Òg, was ill and unable to join the others, but followed a day or two later, with his dog, Bran. He spent the night in a bothy. He fell asleep and heard a voice say, "Bidh dùil ri fear feachd, ach cha bhi dùil ri fear liceadh". He woke and saw a black cat enter the room. His dog went for it and the cat began to grow into a woman. Fearchar held the dog, but as the woman came for him, he set it on her. Bran died, but Fearchar continued his journey and joined the others in Edinburgh. He was told the King had asked to see them in London. When they arrived, they were given the choice of transportation or execution. They chose execution. This was the meaning of the words Fearchar heard in the bothy.

Item Notes

See:
'The Highlands' (C. MacLean) p. 80.

Item Subject/Person

Fearchar Òg

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Village/Place - Arisaig

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Dòmhnallach: Bliadhnachan an dèidh Chùil Lodair, bha a' tàmh anns na ceàrnachan a bha seo ceathrar cheatharnaich. Agus a rèir coltais bha eagal mòr air riaghladh Shasainn gun cuireadh iad aon uair eile a' Ghàidhealtachd troimh-a-chèile. Agus mar a chuala mise an naidheachd 's ann mar seo, gun d' fhuair a' cheathrar dhiubh brath airson a dhol air beulaibh an luchd-riaghlaidh gu ruige Dùn Èideann. Agus am brath a fhuair iad e, ghabh iad e mar gum b' e urram a bha iad a' dol a chur orra dar a ruigeadh iad Dùn Èideann. Agus an àm falbh - an latha a bh' air a chur a-mach airson falbh - cha robh deiseil dhiubh airson falbh ach triùir. Bha am fear eile bochd. Bha e tinn. Agus bha e gu math duilich nach b' urrainn dha a chompanaich a leanailt air a' chiad latha... air an latha a dh'fhalbh iad.

Co-dhiù, thog triùir dhiubh orra agus dh'fhuirich an ceathramh fear air deireadh gus an rachadh e beagan na b' fheàrr. Ach latha no dhà an dèidh dhan triùir falbh, thuirt am fear a bh' aig... a dh'fhuirich às an dèidh, dham b' ainm Fearchar Òg, thuirt e ri a chuideachd gun robh e a' smaoineachdainn gun togadh e air a-nise; gun robh e a' faireachdainn na b' fheàrr. Thuirt iad ris san taigh gun robh e na b' fheàrr gun teagamh, ach nach robh e idir ceart airson falbh air leithid a shlighe leis fhèin.

Co-dhiù, chan èisteadh Fearchar Òg, ach a-mach a ghabh e, agus thug e leis mar chompanach an cù a bh' aige aig an taigh. Agus 's e Bran an t-ainm a bh' air a' chù. Agus a-mach a thug e agus rinn e anns a' chiad àite air a' Ghearasdan. Nuair a ràinig e an Gearasdan, ghabh e frith-rathad a-mach cùlaibh... Gearasdan... an Gearasdan, mar a thuirt mi, ris an can iad an Stìl. Tha am frith-rathad sa aig bonn Bheinn Neibhis agus tha e a' tighinn a-mach an àiteigineach aig [???] Mòr.

Thàinig an oidhche air, agus thug e an aire goirid bhuaithe do bhothag. Bha na bothagan sa gu math lìonmhor anns an monaidhean aig an àm bhon a bhiodh daoine a' cur seachad oidhche a bhitheadh ri cìobaireachd agus ri buachailleachd. Agus a-staigh a ghabh e. Dhùin e an doras, an seòrsa dorais a bh' ann, às a dhèidh, agus shuidh e sìos agus an cù aige. Thàinig plathadh de chadal air, agus nuair a bha e san staid seo, tha... bhruadail e car tacan, agus ann an deireadh a' bhruadail thàinig guth na chluais, agus 's e an rud a chaidh a ghràdhainn ris:

"Bidh dùil ri fear feachd ach cha bhi dùil ri fear lice."

Chuir seo uabhas air agus ghabh e car dhen eagal. Co-dhiù, chuir e air seòrsa de theine agus thòisich e ri greimean de bhiadh a dhèanamh dha fhèin, agus thug e an aire do chat dubh air tighinn a-staigh fon doras. Cha robh an doras uamhraidh druidte ris an ursainn no gu h-ìseal, ach ghabh e iongantas leithid a chat gu... meudachd a' chait, gum faigheadh e a-staigh. Ach ma thàinig an cat a-staigh rinn an cù airson a bhith air, a bhith aige. Bha an cat a' fàs mòr agus thuig e an uair sin gu math nach b' e rud nàdarra a bha sa chat. Ach bha obair aige an cù a chumail bhuaithe. Thionndaidh e an sin ris an teine far an robh bìdeagan de shitheann aige gam bruich a bha e am beachd a ghabhail... greimean dheth ghabhail sa mhadainn mum falbhadh e. Agus ann an tionndadh na boise 's ann a bha an cat na bhoireannach. Ach ma bha an cù dìorrasach airson a bhith aig a' chat, bha e na bu mhiosa uile airson a bhith aig a' bhoireannach, agus thuirt i ris:

"Caisg do chù."

Bha e ceart gu leòr a' cumail air ais a' choin ach bha obair aige. Ach bha ise a' teannadh air, agus bha i a' tighinn na bu tinne 's na bu tinne air an t-àite anns an robh a' bhìdeag shitheann aige ga bhruich ris an teine. Nuair a chunnaic e seo bheannaich e e fhèin, agus thuirt ise ris:

"Tha mi a' faicinn," ars ise, "gur Pàpanach thu."

"Chan e do ghnothach-sa," ars esan, "gu dè th' annam, ach fuirich thusa air ais air neo leigidh mi às an cù."

Cha dèanadh e feum sam bith. Cha robh i a' fuireach air ais agus bha obair aig Fearchar an cù a chumail bhuaipe. Bho dheireadh thuirt e ris a' chù e ri dhol na caraibh agus e ga toirt na bìdeagan. Agus air a' chiad leum bha an cù na broilleach agus bha ise a-mach a' toirt leatha an doras 's na h-ursainnean agus an cù an sàs innte. An ceann tacain chaidh Fearchar [???] an dorais agus bha e a' cluinnteil donnalaich a' choin a' tighinn air anns an dorchadas, agus bha e a' tuigsinn gu math gun robh e ann an gàbhadh. Ri tìm bha an donnalaich a' fàs na b' ìsle, agus smaoinich e an uair sin gun robh an cù a' faighinn a' chuid bu mhiosa dheth air neo a' teannadh na b' fhaide bhuaithe. Agus bho dheireadh thall cha robh e a' cluinnteil a' choin idir, agus thill e a-staigh gu brònach dhan bhothan air ais.

An ceann tacain cò thàinig ach Bran, agus cha chuireadh e ach ceum an àite ceum leis an laige, agus cha robh ann de lùths ach gun do dh'imlich e cùl an dùirn aig Fearchar, agus shìn e e fhèin agus bha e marbh. Fhuair e a dhalladh ris an tè a chaidh e na caraibh.

Anns a' mhadainn thog Fearchar air. Ach a dh'aindeoin agus an t-uabhas a ghabh e dhen bhana-bhuidseach a thighinn a-staigh dhan bhothan, 's e an guth a chaidh na chluais dar a bha e ri fothag chadail, 's e sin an rud bu mhotha a bha a' cur... cur air. "Bidh dùil ri fear feachd ach cha bhi dùil ri fear lice."

Air adhart a ghabh e agus ràinig e Dùn Èideann, agus còmh' ri a chompanaich chaidh iad air beulaibh an luchd-riaghlaidh. Thuirt iad an sin riutha gun robh aca ri dhol air adhart gu ruige Lunnainn, gun robh an rìgh e fhèin airson bruidhinn riutha. Agus cha b' e ruith ach leum. Bha iadsan air a' bheachd gur e urram a bhathas a' dol a chur orra dar a ruigeadh iad an ceann-uidhe.

Agus a-mach a ghabh iad. Chan urrainn mi ghràdhainn dè an dòigh anns an d' fhuair iad ann - cha robh carabadan air rathad mòr san àm ann cho lìonmhor 's a tha an-diugh ann - ach co-dhiù ràinig iad an ceann-uidhe. Agus dar a chaidh iad air beulaibh an rìgh, 's e an rud a thuirt e riutha gun robh an luchd-riaghlaidh aige air a' bheachd nach robh e sàbhailte a leithid de dhaoine fhàgail anns a' Ghàidhealtachd; gum faodadh iad aimhreit a dhèanadh fhathast, agus an t-àite a chur troimh-a-chèile, agus gur e am beachd a bh' aca gum faigheadh iad a roghainn: an cur fairis - mar a theireadh iad san àm, an transportadh - air neo an ceann a chur dhiubh. Gun robh roghainn aca. Fhuair iad an roghainn, agus ghabh iad i. Agus b' e sin an ceann a chur dhiubh. Agus 's ann an sin, mun do bhàsaich Fearchar, 's ann a dhrùidh e air na faclan a thàinig na chluais: "Bidh dùil ri fear feachd ach cha bhi dùil ri fear lice." Ach 's ann fon leac a chaidh e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good