Search

Fear a fhuair currac draoidheil bho na sìthichean.

Date 02 June 1954
Track ID 28706
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1954.52.A3

Original Tape ID

SA1954.052

Summary

A man who received a magic cap from the fairies.

A certain fellow from Arisaig brought a woman's cap home which he had been given by a fairy. He was told that it would cure sickness if worn. A priest in Eigg heard of this cap and borrowed it. He put it on the head of a sick man at home and it worked. A minister asked for it, to cure a sick man in his parish, but when he put it on the sick man's head, he died. This story was heard from old woman in Arisaig, told about her father.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Village/Place - Arisaig

Item Location

County - Inverness-shire

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Dòmhnallach (DD): Toiseach mo chuimhne bha seann bhoireannach a' fuireach air Srath Àrasaig, agus bha mòran de sheann naidheachdan aice. Bha aon tè aice gu sònraichte a bha i ag innse mu dheidhinn a h-athar. Tha e coltach rium gun robh e na chleachdadh aige a bhith a' dol a ghlinn pìos bhon taigh a' togail ghàrraidhnean do dh'uachdarain agus rudan dhen t-seòrsa sin eadar oighreachdan, agus far am biodh e a' fuireach roinn den t-seachdain agus an sin a' tighinn dachaigh a chur seachad an Dòmhnach.

Ach uair dhe na h-uaireannan thàinig e dhachaigh, tha e coltach rium, agus gu dè a bh' aige ach currac. Bha i ag ràdhainn gun do dh'fhaighneachd a màthair dhith[sic] càit an d' fhuair e an currac, agus thuirt e gun d' fhuair e an currac bho shìthiche.

"Gu dè adhbhar a' churraic no carson a tha e?"

"Tha," ars esan, "ma bhios duine ann a bhios tinn - 's e sin ach an duine a bhith car reusanta math dheth fhèin - chan eil ann ach seo a chur air a cheann agus bidh e nas fheàrr."

"Ò," ars ise, "'s e àsaing fheumail a tha sin."

Ach co-dhiù, chaidh ainm a' churraic fad 's farsaing, agus tha e coltach rium na bha ga fheuchainn orra gun robh iad a' dol na b' fheàrr ann an tiotadh.

Tha e coltach rium gun robh, anns na h-amannan sin mar a bha an naidheachd a' dol, gun robh sagart ann an Eige agus thàinig e a-staigh gu tìr-mòr agus chuala e mun churrac. Agus thachair aig an àm sin gun robh duine anns a' pharaiste aige fhèin a bha car bochd, agus chaidh e a dh'ionnsaigh an taighe aig an fheadhainn leis bu leis an currac agus dh'iarr e tacan dheth. Agus fhuair e e air chùmhnant gun toireadh e... gum biodh e... gun toireadh e an aire dha agus gun cuireadh e air ais e sàbhailte mar a... dar a bhiodh an gnothach deas. Thuirt e gun dèanadh e sin.

Thog e air agus thug e Eige air, agus dh'fheuch e e air ceann an duine a bha bochd sa pharaiste aige. Ann an tionndadh na boise bha an duine na b' fheàrr. Ach thachair nach robh an t-sìde uabhasach fàbharach agus nach robh e furasta dha tilleadh a-staigh leis a' churrac. Sin mar a bha an naidheachd a' dol co-dhiù. Agus chuala am ministear a bha an Eige mun churrac, agus bha duine anns a' pharaiste aige fhèin nach robh ro mhath idir. Bha e gu math bochd, agus thàinig e a dh'ionnsaigh an t-sagairt agus thuirt e ris: "Saoil am biodh e cho..." gun cuala e mu dheidhinn a' churraic a bha seo, agus am biodh e cho math agus gun toireadh e dha tacan dheth gus am feuchadh e air ceann an duine e a bha bochd.

"Chan e duine ro mhath a th' ann," thuirt am ministear. "Tha fhios againn uile-gu-lèir air a sin, ach mas e agus gun dèan an currac feum dha, uill an duine bochd, tha... tha e cho riatanach air tacan dheth ri duine eile."

Ach co-dhiù, chaidh e... fhuair e an currac. Dh'fheuch e air ceann an duine a bha tinn e, agus cha ghann a bhuail e air mullach a chinn e dar a bha an duine bochd na chorp. Chaidh an currac a chur air ais, agus dar a sgap an naidheachd thuig iad nach robh e a' dol a phàigheadh a h-uile duine idir a bhith ag ùisneachadh a' churraic, agus cha chreid mi nach e glè bheag ùis a chaidh air an dèidh sin. 'S iomadh latha tha mi a' creidsinn bhon a chaidh am... bhon a thàinig... dh'ith na laomainn a' bhìdeag bho dheireadh dheth. Sin mar a chuala mise an naidheachd.

Calum MacIllEathain (CM): Agus a-nise, c' ainm a bh' air an t-seann bhoireannach...?

DD: Uill tha fhios a'm c' ainm a bh' oirre ach leis nach eil ùghdarras car agam airson a h-ainmeachadh cha chreid mi gun innis mi...

CM: Ò gun fheàrr gun a h-ainmeachadh idir?

DD: Sheadh. 'S fheàrr leam gun a h-ainmeachadh idir, ach mòran dhe na tha feadh na dùthcha tuigidh iad gu math cò an tè a tha mi a' ciallachadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good