Search

Còirneal Sìm Òg MacDhòmhnaill agus am bodach a bha air Oighr...

Date 02 June 1954
Track ID 28709
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1954.52.A5

Original Tape ID

SA1954.052

Summary

Colonel Simon MacDonald and the old man of South Morar Estate.

South Morar Estate at one time belonged to Col. Simon MacDonald. After his death, it was bought by Aeneas MacDonnell. An old man in Camusdarrach, who had served under Col. Simon, was to be evicted by MacDonnell. The bailiff was on his way to evict the old man and saw him pounding on the grave of Col. Simon, crying, "Arise and help me". The bailiff turned back.

Item Notes

See:
'The Highlands' (C. MacLean) p. 82.

Item Subject/Person

MacDhòmhnaill, Còirneal Sìm Òg; MacDonald, Colonel Simon

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Village/Place - Arisaig

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Dòmhnallach: Oighreachd Mhòrair a Deas an seo, bha i treis mhòr aig uachdaran ris an abradh iad Sìm Òg. 'S e saighdear ainmeil a bh' ann, a rinn sabaid ann an... san Èipheit, agus tha mi a' smaoineachdainn ann an Èirinn. Agus bha dreuchd còirneal aige bho dheireadh. Agus bha mòran ga leanailt às na ceàrnachan sa dar a... den òigridh.

Thachair gun do ghabh e fiabhras. 'S ann mar... sin mar a chuala mi an naidheachd. Agus thàinig e dhachaigh agus e ann am mì-shlàinte, agus cha robh e tiotan aig an taigh dar a chaochail e.

Ach bha fear dhen fheadhainn a bha a' cogadh còmhla ris, bha e a' fuireach ann an àiteigin mun Chamas Darach, agus tha cuimhn' agamsa glè mhath air piuthar dhan duine sin na seann bhoireannach, agus 's e Màiri Mhòr a' Gheata a theireadh iad rithe.

Ach co-dhiù, tha e coltach rium air sàillibh Sìm a bha seo a bhàsachadh, agus a mhac a-rithist a mharbhadh le gunna goirid an dèidh sin shìos... cha chreid mi nach ann aig Rois Bheinn a dh'èirich an aimlisg dha. Thachair an ceann cunntas bhliadhnachan... bhliadhnaichean gun tàinig an oighreachd air a... gun deach a ceannach le fear ris an canadh iad Aeneas. 'S e MacDonnell a bh' ann. Bha pìosan den riaghladh aige mar uachdaran bha e math ann an rathad, agus ann an rathaidean eile bha e gu math dona, agus am fear a rachadh e na aghaidh dh'fhaodadh e a bhith a' pasgadh a chuid ghnothaichean agus a' tarrainn.

Ach co-dhiù, am fear a dh'ainmich mi a bha còmhla ri Sìm Òg, bha e na sheann duine a' fuireach goirid bhon Chamas Darach, agus tha e coltach rium gun robh e a' dol a leagail làimh airsan airson a chur a-mach às an taigh agus a chuid a thoirt bhuaithe.

Ach an latha a bha seo air a chur a-mach... an latha a bh' air a chur a-mach airson seo a dhèanadh, bha an seann duine bochd bha e na èiginn, agus cha robh taic no cuideachadh aige, agus bha dùil aige ris a' mhaor uair sam bith. Dh'fhalbh e tràth sa mhadainn agus ràinig e an cladh - Cille Mo Ruibhe. Tha e làmh ris an eaglais thall an sin. Agus anns an àm a bha am maor a' dol seachad, agus e ann an coidse agus paidhir each, bha am bodach bochd tarsainn air uaigh Shìm Òig, agus bata aige, agus e a' dalladh oirre leis a' bhata, agus e ag èigheach ris an fhear a bha san uaigh:

"Èirich 's cuidich mi. Nach ioma latha a lean mi thusa... lean mise thusa eadar an Èipheit 's Èirinn, agus tha mi an-diugh 'am èiginn, agus èirich às an uaigh agus cuidich mi."

Sheas an fheadhainn a bha a' dol seachad, sheas iad air an rathad mhòr. Co-dhiù, thug iad air na h-eich stad car tacan a' gabhail iolla ris an fhear a bh' air an uaigh, agus ghrad-chuir iad mu chuairt agus cha deach iad na chòir.

Sin agaibh mar a dh'fhairich mise a' bhìdeag naidheachd a bha sin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good