Search

Chunnacas cisteachan a' falbh à taigh.

Date 11 June 1959
Track ID 30257
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1959.40.B1

Original Tape ID

SA1959.040

Summary

Coffins were seen leaving a house.

Donnchadh Ruadh and his family emigrated to Canada. Before they did so, people used to see coffins leaving the house. The contributor would not believe this, but the next occupant of the house was a miller from Benbecula who also made coffins. Therefore, many coffins did actually leave the house as had been foreseen.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - Benbecula

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Bha sibh ag ràdh nuair a bhiodh sibh a' dol dhan champa, seadh...

Pàdraig MacCarmaig: Gum biodh e... far a bheil taigh a' mhuilleir shìos ann a shineach anns an Ìochdar, 's e fear a bh' ann ris an canadh iad Donnchadh Ruadh. Dh'fhalbh iad a Chanada, fhios agaibh, an àm nan emigrants. Dh'fhalbh iad a-null gu ruige Red Deer ann a shiud. Uill cheannaich am muillear, cheannaich e, tha fhios agaibh, an taigh aca. 'S ann à Beinn na Fadhla a dh'fhalbh e. Bha iad ag ràdh nach eil fhios gu dè na bha iad a' faicinn a chisteachan a' falbh às an taigh, cisteachan-laighe, à taigh Dhonnchaidh Ruaidh. Uill bhithinn fhèin ga chluinntinn aca agus thuirt mi riutha:

"Och," arsa mise, "'s ann annaibh a tha na breugadairean. Chan eil fhios a'm carson a bheirinn feart oirbh."

"Uill ma-thà," ars iadsan, "cha mhòr nach eil sinn air dusan ciste fhaicinn a' falbh à taigh Dhonnchaidh Ruaidh."

"Ach cò às?" arsa mise. "Cà 'il an teaghlach a dh'fhalbhadh iad à taigh Dhonnchaidh Ruaidh? Carson a tha sibh a' dèanamh nam breug?"

Uill, cha do ghabh sinn an còrr dragh dheth, ach air a dh'fhalbh iadsan, Donnchadh Ruadh a-null a Chanada, ghabh am muillear e mar a bha mi ag innse dhuibh. Agus 's ann a' saorsainneachd a bha e. Chan eil fhios cia mheud ciste-laighe a dh'fhalbh às an taigh. Chreid mi an uair sin an gnothach; bha iad ga fhaicinn ceart gu leòr. Agus, bha iad a' faicinn uabhas san Ìochdar.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good