Search

Mac 'ic Ailein agus am màgan.

Date May 1954
Track ID 31780
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1954.44.3

Original Tape ID

SA1954.044

Summary

Story about a toad that followed Clanranald and how it met its end.

Donald MacDonald of Clanranald was followed by a toad in the late 17th century. Raghnall mac Ailein Òig, the factor of Morar estate, was a relation. Raghnall always accompanied Clanranald on trips. He took a boat trip to Uist once, having locked the toad in Castle Tioram. He saw the toad swimming behind them as the weather deteriorated. The helmsman said they should bring it aboard. Clanranald refused and took over at the helm. The situation got worse until Clanranald took the toad aboard. Soon after that the weather improved.

Information about another time when the toad followed him. Some folk say that the toad was eaten by a lion cub Clanranald was given by the Duke of Argyll.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Village/Place - Arisaig

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Mu dheidhinn am fear... am fear a reic e fhèin ris an Droch Fhear, 's nuair a bha màgan ga leantainn.

Donald MacDonald: Fear de Chloinn 'ic Ailein. 'S e fear de Chloinn 'ic... dhe na Clanranalds a bha sin. Ò bha màgan, tha iad ag ràdhainn, a' leanailt am fear sin, am fear sin de Chloinn 'ic Ailein, Mac 'ic Ailein sin, agus tha mi a' smaoineachadh gur ann mu deireadh na linn seachd ceud deug a bh' ann. Agus 's e Dòmhnall a bh' air, Dòmhnall a bh' air an duine. Agus 's e fear a bhuineadh dha, duine sgairteil, agus cha robh mòran air Ghàidhealtachd cho foghainteach ris, Raghnall mac Ailein Òig, 's e am bàillidh a bh' aige thar oighreachd Mhòrair, oighreachd a deas... ceann a deas Mhòrair. Agus dar a rachadh e air thuras dha na h-Eileanan an Iar, no bith càit an rachadh e, bhitheadh Raghnall mac Ailein Òig mar bu trice còmh' ris. Ach aig amannan dh'fhalbhadh e bhon Chaisteal Thioram agus dhèanadh e air Uibhist 's air... air Canaigh 's air Uibhist 's air na h-àiteachan sin, agus bheireadh e leis a sgioba bàta à sin fhèin. Ach bith ciamar a thàinig am màgan a bha seo na lorg, chan eil fhios agamsa, ach thòisich am màgan ri leanailt, agus bith càit an rachadh Mac 'ic Ailein bhiodh am màgan às a dhèidh.

Dh'fhalbh e uair gu ruige Uibhist, agus thug e... le sgioba bàta, agus bha an t-sìde gu math dar a dh'fhalbh e, ach cha robh e fada air dol a-mach bhon chladach dar a thàinig an t-sìde... dar a thàinig i... gnothaichean na bu mhiosa. Ach thug e fa-near dar a dh'fhalbh e nach biodh leithid a rud ris a' mhàgan às a dhèidh idir, a chionn cha robh toil aige a dhol a dh'Uibhist agus leithid siud de rud a' falbh às a dhèidh. Agus ghlais e e ann am fear de na seòmraichean a b' ìsle anns a' Chaisteal Thioram. Ach cha robh e fada a-mach aig cuan dar a thug iad sùil agus siud am faicear am màgan a' tighinn às an dèidh, agus e a' snàmh gu fileanta sìos 's suas, agus aig a cheart àm an t-sìde a' tighinn na bu mhiosa 's na bu mhiosa. Bho dheireadh dh'aithnich iad gun robh rudeigineach timcheall air a' mhàgan nach robh ceart agus thuirt am fear stiùiridh ris:

"Cha chreid mi fhèin nach b' fheàrr dhuinn am màgan a thoirt a-staigh a chionn chan eil gnothaichean a' dol nas fheàrr dad air sàillibh fhàgail a-mach an sin."

"Ged a rachadh i dhan ghrunnd," ars esan, "cha tig am màgan a-staigh an seo," arsa Mac 'ic Ailein.

Chùm iad orra airson treis ach chaidh an gnothach fo stiùireadh air fear a bha a' coimhead às dèidh a' bhàta, air an sgiobair, am fear-stiùiridh a bh' oirre, agus:

"Ma tha an gnothach mar sin," arsa Mac 'ic Ailein, "thoir dhomh fhèin i, mura dèan thusa an gnothach oirre."

Sìos a ghabh e 's ghabh e grèim sa... fhuair e an ailm. 'S ma chaidh, cha robh am bàta, 's ann a bha i a' dol na bu mhiosa agus an t-sìde a' fàs na bu mhiosa ceart.

"Ò, cha chreid mi," arsa Mac 'ic Ailein, "nach fheàrr dhuinn a thoirt a-staigh."

Agus 's e smèideadh air a' mhàgan a rinn e agus thàinig e a-staigh far na cliathaich agus chrùp e e fhèin fo thè de na tobhtan, agus cha deach iad fada dar a bha latha glè mhath aca dheth.

Dh'fhalbh e uair eile gu ruige Àrasaig, le birlinn, agus bha iad a' tighinn air tìr air port air a bheil Morabhan, cùl an rubha, cùl Rubha Àrasaig, agus à sin bha iad a' gearradh a' mhonaidh a-nall gu ruige Loch na Ceò. Rinn e an nì ceunda air a' mhàgan an latha sin. Thug e earalas... Bha e fhèin a' smaoineachdainn nach leanadh e an latha sin e, ach dar a ràinig e a-null air na... leis a' bhàta, bha am màgan suas am port roimhe. Agus bith dè dhèanadh e, bha am màgan ga leanailt.

Ach thàinig crìoch rathad air choreigineach air a' mhàgan, agus tha feadhainn a' smaoineachdainn gur e cuilean leòmhainn a fhuair e na phreusant bho Earra-Ghàidheal, bho Dhiùc Earra-Ghàidheal, gur e a dh'ith am màgan, gur ann mar sin a chaidh cur às dha. Chan eil fhios a'm co-dhiù tha sin ceart no ceàrr, ach tha feadhainn air a' bheachd nach robh iad uabhasach còrdte idir, e fhèin 's Earra-Ghàidheal agus... Diùc Earra-Ghàidheal, agus nach robh e coltach gun toireadh e dha leithid a rud. Ach co-dhiù, siud mar a chuala mise an naidheachd, gur e cuilean an leòmhainn a chuir às dha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good