Search

Prògram Choinnich

Date 31 January 2001
Track ID 32455
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 31.01.2001

Summary

The life of civil engineer Joseph Mitchell.

Murdo Campbell gives a description of the life of civil engineer Joseph Mitchell. Mitchell worked with Thomas Telford in the Highlands during the nineteenth century, building bridges and canals. He built his home, Viewhill House, in Inverness. A development company now want to demolish this, but members of the public are protesting against the plan.

Item Subject/Person

Mitchell, Joseph

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Inverness and Bona

Village/Place - Inverness

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha mòran ann an Inbhir Nis agus chan eil iad idir toilichte mu thogalach air Sràid a' Chaisteil a tha luchd-leasachaidh ag iarraidh a leagail airson dachaighean seann daoine a thogail. Viewhill House ainm an taighe, taigh a bhuineadh do dh'einnseanair ainmeil san naoidheamh linn deug, Eòsaph Mitchell. Tha Murchadh Caimbeul air a bhith a' dèanamh beagan rannsachaidh mu cò bh' ann an Eòsaph Mitchell a bha seo. Tha e còmhla rium anns an stiùidio ann an Inbhir Nis. A Mhurchaidh, cò bh' ann an Eòsaph Mitchell?

Murchadh Caimbeul (MC): Ò uill, 's e duine comasach agus duine iomraiteach na latha a bh' ann an Eòsaph Mitchell, mar a bha na athair roimhe, Iain Mitchell. On thàinig an gille a-steach mar gum biodh dhan an aon obair 's bha athair, gu h-àraid anns an naodhamh linn deug, glè thràth san linn, a' togail dhrochaidean, a' togail... a' dèanamh rathaidean ùra 's a' leasachadh seann rathaidean, 's rudan mar sin. Thàinig... bha athair Iain... bha athair Eòsaph, Iain Mitchell, fhios agad, ag obair còmhla ris an duine ainmeil sin, Thomas Telford, agus cha tèid thu fada an Inbhir Nis chun an cluinn thu an t-ainm Telford, agus tha adhbhar air a sin, on, fhios agad, am measg nan ioma rud a bha Telford an sàs ann agus... air feadh na dùthcha sa, thall anns a h-uile h-àite, bha a' chlais-uisge mar an Caledonian Canal, agus glè thràth anns an obair a bha sin, fhuair e... bha fhios aige mu dheidhinn mac Iain Mitchell, agus thug e an gille òg a-steach còmhla ris.

Agus innsidh mi dhut, bha mise bliadhnaichean math dhe mo bheatha, an toiseach shìos an Loch Abar 's an uair sin shuas taobh Loch Nis ann an Gleann Urchadain 's Druim na Drochaid, 's an uair sin an Inbhir Nis, agus tha ùidh nàdarrach agam anns a' Ghleann Mhòr. Tha mi uabhasach measail air a' Ghleann Mhòr, agus air a' chlais-uisge.

Agus a thaobh na dachaigh a tha seo, an taigh a tha seo, mar a tha sibh a' faicinn, a bha an-dè ann am pàipear Inbhir Nis, an dealbh aca an dara h-uair a' sealltainn daoine a' gearan gu bheil seo a' dol ga leagail, oir 's e seo an dachaigh a thog e dha fhèin. Agus tha leabhar agamsa air mo bheulaibh, leabhar ainmeil, tha mi taingeil gu bheil e agam, oir cheannaich mi e nuair a thàinig e a-mach, leabhar a tha ag ràdh, 'Reminiscences of my life in the Highlands, Joseph Mitchell, volume one, eighteen eighty-three'. Nise, tha e ag innse dhut ann a shin mu thogail an taighe, an taigh air a bheil sinn a' bruidhinn, agus cha leig mise a leas a dhol a dhèanamh eadar-theangachadh, ach tha e dìreach a' ràdh:

I was enabled at last in eighteen thirty-five to secure a favourable site for my house, commanding a magnificent view of the valley of Ness, its beautiful river and the surrounding country. Here I built my villa of Viewhill.

Agus tha e a' dèanamh gu math soilleir cho toilichte 's cho taingeil 's a bha e anns an àite a bha seo, an dachaigh a bh' aige. Dìreach na facail mu dheireadh:

I'm happy to think that for many years it was to myself and friends, the abode of agreeable social and domestic enjoyment.

Sin agadsa a-nis an taigh mum bheil an deasbad aig an àm a tha seo.

CM: Agus an taigh a tha cuid ag iarraidh... an luchd-leasachaidh ag iarraidh a bhith air a leagail, 's tha iad a' dol a thogail àitichean do sheann daoine, agus seo a th' air mòran dhaoine a thoirt a-mach chun na sràidean ann an Inbhir Nis agus iad ag ràdh, 'Tha seo air a dhol fada gu leòr - tha sinn air cus dhe na togalaichean a tha seo a chall'.

MC: Uill, gu h-àraid nuair a... nuair a... tha fhios agad fhèin, tha thu eòlach air na h-oisinnean a tha seo. Chan eil an taigh ach dìreach sìos an rathad bho far a bheil mi a' bruidhinn riut, agus e a' coimhead sìos air Sràid a' Chaisteil. Agus air taobh eile a' chaisteil, nach ann a rinn an fheadhainn a bha a' riaghladh anns a' bhaile seo aig an àm a bha sin, am milleadh bu mhotha a rinn iad riamh, nuair a leag iad na bha sin de thogalaichean, agus sguab iad às an t-sealladh iad, 's chuir iad suas na bogsaichean leibideach a th' air a bhith ann chun an latha an-diugh. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e gnothach nàir a th' ann, an taigh a tha seo... nuair a... nuair a bheachdaicheas daoine air an eachdraidh aig Eòsaph Mitchell, agus athair. Cha robh athair ach, ò, dà fhichead 's a còig a dh'aois nuair a bhàsaich e ann an ochd ceud deug ceithir air fhichead, eighteen twenty-four. Dh'obraich e cruaidh. 'S e na rinn na daoine a bha sin. Chan e a-mhàin gun robh iad sgileil agus dìcheallach, agus gun tug iad buaidh air còmhdhail air feadh na Gàidhealtachd fad ginealaich, ach gun robh iad nan daoine cearta, daoine treibhdhireach agus daoine onarach, agus chan eil mise a' faicinn carson nach deigheadh an taigh a tha seo a ghleidheadh, agus a leasachadh, agus a chur gu feum. 'S ioma rud a dh'fhaodadh iad a dhèanamh leis, ach gum biodh e na chuimhneachan iomchaidh air an duine uasal a bha seo, 's air an duine chomasach a bha seo.

CM: Uill gu dearbha, tha pìos fiosrachaidh agam air mo bheulaibh. Tha seo ag ràdh rium gun robh e... gur e, mar a chanadh iad, inspector of Highland roads and bridges, gun robh e anns an dreuchd sin dà fhichead bliadhna bhon a' bhliadhna ochd ceud deug ceithir air fhichead...

MC: Tha thu ceart.

CM: ...agus gun robh e na einnseanair aig Bòrd Iasgaich na h-Alba. Mar sin, tha e annasach cò dha a bha e ag obair an uair sin, ach a rèir coltais, tha e air làrach gu math mòr fhàgail air a' Ghàidhealtachd ann an seo.

MC: Tha. 'S e na commissioners... uill, 's e an riaghaltas a bha, fhios agad, ga fhastadh, commissioners of bridges and roads. Agus bha e a' dèanamh ioma rud eile. Bha mi dìreach a-raoir fhèin anns an leabhar a tha seo air mo bheulaibh a' coimhead, agus bha e uair 's uair thall anns an eilean agaibh fhèin ann a shin, agus an turas... an rud a bha mi a' leughadh a-raoir, far an do thog e... an robh e a' coimhead mu dheidhinn togail dà eaglais. A-nise, cha do dh'ainmich e far an robh iad. Cha chreid mi nach e government churches, no parliamentary...

CM: Ò tha fhios agam...

MC: Tha fhios agad fhèin air a sin?

CM: Tha. Tha mi a' smaoineachadh gun robh tè aca anns an Rubha. Bha mi aig coinneamh anns an Rubha a-raoir 's bha iad a' bruidhinn mu dheidhinn tè aca.

MC: Nise, a thaobh an leabhair a th' agam ann a sheo, chaidh an leabhar sa an toiseach, na reminiscences seo, a-mach, fhios a'd, ann an eighteen thirty-three, ach cha do rinn iad ach na h-uimhir dhiubh a chlò-bhualadh, agus tha fhios gur e, mar a chanas iad, subscriptions a bha daoine a' pàigheadh. Ach bha cuideachd, bha e a' dèanamh a leithid a shiubhal air feadh na dùthcha, air feadh na Gàidhealtachd, fad na bliadhna co-cheangailte ris an obair. Chuir e eòlas uabhasach chan e a-mhàin air àitean ach air na daoine a bh' ann, air na h-uachdarain 's air na h-oighreachdan, air luchd-gnìomhachais. Agus 's e tha na rud feumail dhuinne gun do chuir e seo ann an clò. Ach aig an àm a thàinig na leabhraichean a-mach an toiseach, bha feadhainn dhe na... tha mi cinnteach, na h-uachdarain a bha sin, nach robh buileach toilichte mu cuid dhe na rudan 's dòcha a bha e a' ràdh. Chan eil mi a' ràdh gun robh e a' ràdh dad às an rathad nach robh iomchaidh 's ceart, ach b' fheàrr leotha nach deigheadh a ràdh, mar a bhios a' tachairt nar latha fhèin.

CM: Uill gu dearbha. Agus mòran taing dhut gu dearbh airson beagan rannsachaidh a dhèanamh air cò bh' ann an Eòsaph Mitchell a bha seo. 'S e esan a thog agus 's e a bha a' fuireach anns an taigh seo, Viewhill House, aig mullach Sràid a' Chaisteil ann an Inbhir Nis, a tha luchd-leasachaidh ag iarraidh a leagail. Tha tòrr anns an sgìre ag iarraidh a bhith air a chumail. Agus an leabhar a tha siud mun robh Murchadh a' bruidhinn, Reminiscences of my life in the Highlands, nochd e a-rithist ann an naoi ceud deug trì fichead 's a h-aon-deug. Chaidh a chur a-mach le fear Iain Robertson ann an Newton Abbot, agus a chlò-bhualadh le David and Charles Limited. Murchadh Caimbeul ann an Inbhir Nis ann an sin, agus mo thaing dha gu dearbha.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good