Search

Mar a theich Alasdair Breac nuair a chaidh a shluigeadh le muc-mhara.

Date 24 June 1953
Track ID 3585
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.168.5

Original Tape ID

SA1953.168

Summary

How Alasdair Breac escaped after being swallowed by a whale.

Alasdair Breac and his boat were swallowed by a whale while out fishing on Loch Eishort. The whale was finally stranded on the shore in Strath. Alasdair tore the whale's side with a knife and got out.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1960B

Transcription

Tormod Dòmhnallach: Ma-thà, bha seann bhodach ròlaisteach ann an Ceann Loch Eiseort shuas a bha na sheann bhuachaille ann uaireigin, agus bha mòran de naidheachdan aige nach gabhadh a chreidsinn idir. Ach bhiodh e an-còmhnaidh, tha e coltach leam, ag iasgach, agus bha bàta beag aige 's bhiodh e a-mach oidhcheannan a rèir 's mar a bhiodh feum aige air a... na chuireadh e feum a dh'iasg. Bha e fhèin agus a bhean agus nighean dha a' fuireach ann an sin.

Ach dh'fhalbh e latha a bha seo a-mach, agus chaidh e a-mach na b' fhaide anns an loch na b' àbhaist gus mu choinneamh àite ris an canadh iad an Dubh-àird, an acarsaid aig Ceann Loch Eiseort. Agus bha e ag iasgach. Bha an t-acair aige a-muigh agus ò, dh'fhairich e... ò dh'fhairich e raoic uabhasach aig muc-mhara pìos air falbh - fad air falbh. Agus sheall e, agus an ath èigh... raoic a dh'fhairich e aig a' mhuic-mhara, 's ann a bha i a' teannadh air, mu letheach an astair a bha i an toiseach.

Ach dh'fhalbh Alasdair. Ghabh e an t-eagal agus 's ann a rinn e air tarraing an acair cho luath 's a b' urrainn dha.

Mun robh an t-acair a-staigh aige thàinig a' mhuc-mhara agus shluig i e fhèin agus am bàta. 'S bha e ann a shin am broinn na muice-mara gun fhios aige air an t-saoghal gu dè rud a dhèanadh e.

Ach smaoinich e gur ann a ghabhadh e cuairt air feadh na muice-mara. Agus bha e a' falbh an seo agus 's ann a chunnaic e rionnag de sholas, agus 's ann a thuirt e gu feumaidh gun robh doras oirre an àiteigineach, no uinneag.

Dh'fhalbh e 's ràinig e, 's nuair a ràinig e an solas, dè rud a bh' ann a sheo ach toll an t-sìl aig a' mhuc-mhara. Agus:

"A ghiall, tha solas air. 'S ann a tha teansa agam fhathast."

Agus thill e air ais, agus thug e leis fear de ràimh na geòla, agus chuir e a-mach air toll an t-sìl aig a' mhuic-mhara e 's thòisich e air sgolaigeadh.

"Uill," ars Alasdair, "chaidh thu poille math cho fad 's a thoilich thu fhèin, san rathad a thogradh tu, ach thèid thu a-nise an rathad a thoilicheas mise greiseag."

Thòisich e air sgolaigeadh 's bha e a' sgolaigeadh 's cha robh fhios aige air an t-saoghal gu dè an rathad a bha e a' dol, ged a bha e a' sgolaigeadh mar sin. Ach an Dia, 's ann a dh'fhairich e mu dheireadh i a' dèanamh grunnd. Agus bha i a' slabadh 's a' slabadh 's... ò, gus an do steig i air a' ghrunnd ceart gu leòr 's:

"Uill," ars Alasdair, "tha mi ceart gu leòr a-nist. Gheibh mi a-mach nuair a thràghas e. Tha fhios agam gu math gur e tràghadh a th' air."

Ach nuair a shaoil e a bha a' mhuc-mhara tràghte, dh'fhalbh e 's chuir e an sgian mhòr ann an cliathaich na muice-mara. Shrac e sìos air a cliathaich i 's thàinig e a-mach. Bha e tràghte air an tràigh fo thaigh Thormoid Dotair ann an Àird an t-Sratha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good