Search

An trosg mòr a dh'ith an abhag.

Date 24 June 1953
Track ID 3588
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.168.6

Original Tape ID

SA1953.168

Summary

The large cod that ate the terrier.

Men were out fishing and caught a huge cod, but it got free and ate a terrier they had with them. The following year they caught another huge cod and this time they managed to land it. When gutted, they found it was the same fish, with the terrier and three puppies inside.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1960B

Transcription

Tormod Dòmhnallach: Ma-thà, bha bodach iasgair anns an dùthaich seo uaireigineach. Chan eil sinn a' dol a chanail uile-gu-lèir cò an t-ainm no càit an robh e, ach bha e gu math ròlaisteach air dèanamh naidheachdan, agus bha e ag innse do charaid dha a bha san... faisg air an àite mu dheidhinn an iasgaich, agus e a-mach latha ann an seo ag iasgach aig lìn-mhòra, aig àm nan trosg.

Bha abhag aige, ò bha e a' canail gun robh i cho brèagha ri abhag a bh' aig duine-uasal riamh san Eilean Sgitheanach, agus bhiodh i a' falbh an-còmhnaidh còmhla riutha a dh'iasgach. Bhiodh i anns a' bhàta còmhla riutha.

Ach an latha a bha seo gu sònraichte, fear dhe na gillean, bha e a' tarraing nan loidhneachan agus 's ann a thuirt e gun robh e a' faireachadh iasg air choreigineach eadar e agus an grunnd 's nach do dh'fhairich e beothach èisg riamh cho làidir ris, gun robh e a' toirt nan loidhneachan às a làmhan.

Ach 's ann ri sin a bha e. Bha e a' tarraing nan loidhneachan gus an tàinig an t-iasg a bha seo am fradharc a-nuas, agus gu dè rud a bh' ann ach trosg uabhasach. Agus nuair a thàinig e gu beul a' bhàta, bha e a' dèanamh a leithid a phlubadaich agus 's ann a leum an abhag a-nuas a choimhead gu dè rud a bh' ann, agus bhrist... bhrist an trosg air falbh far an dubhain mun d' fhuair iad grèim air clip a chur ann. Agus leum an abhag às a dhèidh. Agus thill an trosg agus dh'ith e an abhag.

Ach cha robh air a sin ach sin fhèin. Bha an abhag a dhìth orra, 's caoidh mhòr aca oirre.

Ach air an ath earrach a-rithist - 's ann an àm an earraich a bhite ag iasgach nan trosg anns an dùthaich seo an-còmhnaidh - agus mu àm... car mun àm cheunda thàinig... bha iad aig na lìn-mhòra a-rithist agus bha iad a' togail nan lìon agus 's e am fear a bha gan togail an-uiridh a bha a' tarraing nan loidhneachan am-bliadhna cuideachd, 's thuirt e gun robh beothach eadar e 's an grunnd 's nach do dh'fhairich e gin riamh roimhe a bha cho làidir ris ach an trosg mòr a dh'ith an abhag an-uiridh.

Agus 's ann mar sin a bha. Thàinig am beothach èisg a bha sin a-nuas. Gu dè rud a bh' ann ach an trosg mòr, ceart gu leòr, 's fhuair iad am fear sin a-staigh ceart gu leòr. Ò bha brù air a bha uabhasach, tha e coltach, agus nuair a chaidh iad dhachaigh thuirt am bodach ris a' chaillich:

"Feuch," ars esan, "gun toir thu an aire air an trosg mhòr gu math," ars esan, "nuair a bhios tu ga... ga sgoltadh," ars esan, "agus bidh triubhas ann a bhios uabhasach, tha e coltach."

Ach dh'fhalbh a bhean 's nuair a thug i... dh'fhosgail i an trosg cha robh triubhas no [?blos] ach bha goile ann a bha cianail. Dh'èigh i ris an duine nach robh triubhas anns an trosg seo idir ach gun robh goile ann a bha uabhasach, ge be air bith gu dè rud a bh' ann.

"Dh'fhalbh mi fhìn," ars esan, "agus chuir mi sgian sìos air mo shocair air goile an truisg," ars esan, "'s leig mi às na bh' ann. 'S bha sin an abhag," ars esan, "a chaill mi an-uiridh," ars esan, "agus trì chuileanan aice."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good