Search

'S ann a Bhruadair Mi Raoir

Contributors
Date October 1962
Track ID 39433
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1962.50.A1

Original Tape ID

SA1962.050

Summary

This love song begins with a dream image of a swan on the sea. The composer expresses his sadness that he and the girl he loved have parted. He tells of his hard life at sea, and wishes he could go to the girl, though he knows she has broken her promise to him. He wants to know the truth and will not pass judgement on her.

Item Notes

Seven quatrains sung followed by a repeat of the first. Mrs Munro seems to be the only recorded source for this song. Her mother used to sing it when she was spinning.

Mrs Munro herself acknowledged that there had been text corruption at the end of the fifth quatrain as sung here ("Bhiodh macraichean triall do chuim"), and always stated this when singing the song. A comparison with the fragmentary version of the song as sung by Agnes Currie on track 45813 may be helpful.

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Màiri Munro (MM):

'S ann a bhruadair mi raoir
An eal' air a' chuan 's i snàmh
'S a h-aghaidh gu tìr
Bha mo leannan 's mi fhìn mar sgaoil.

Gura mis' tha fo ghruaim
Bidh mi sin, ach a luaidh an-dràst'
Gur e stoirm is droch uair
A tha gad shìor chumail bhuamsa, ghràidh.

Tha mo làmhan cho sgìth
'S nach urrainn mi inns' an-dràst'
'S mi ri tarrainn nan ròp
'S ri cumail nan seòl an-àird.

Tha an lèin' tha rim chùl
Cho fliuch 's a nì 'm bùrn no sàl
'S mi ri iarraidh dol sìos
Far bheil nighean mo ghaoil a' tàmh.

Gur e brìodal do bheòil
A mheall mi 's mi òg is faoin
Ach nam faighinn mo mhiann
Bhiodh macraichean triall do chuim.

Thug thu gealladh às ùr
'S chaidh an comann air chùil a bha
Gura fhada bhon uair
O mheall iad thu bhuamsa, ghràidh.

Cha tòir mi ort binn
Ach innis dhomh 'n fhìrinn rèidh
Cha bhi naidheachd ri inns'
Aig fear eil' orm fhìn mu d' dheidhinn.

'S ann a bhruadair mi raoir
An eal' air a' chuan 's i snàmh
'S a h-aghaidh gu tìr
Bha mo leannan 's mi fhìn mar sgaoil.


Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): An e sin e? Ò uill, 's e fear math a tha sin. 'S cò aig a chuala sibh e, a bheil cuimhn' agaibh?

MM: Aig mo mhàthair.

DE: Aig ur màthair. Ò uill, tha sin math fhèin.

MM: Bhiodh i ga ghabhail - cha robh mi ach glè òg - ga ghabhail.

DE: An ann a' tàladh a bhiodh i ga ghabhail?

MM: Chan ann, ach bhiodh i... uill, chan ann a' tàladh idir. Bhiodh i uaireannan a' snìomh. Bhitheadh.

DE: 'S dè an fheadhainn eile a bh' aice a' snìomh a-niste? A bheil cuimhn' agaibh air gin?

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good