Cailleach os-nàdarrach a mharbh boireannach agus a chaidh an...
Contributors
Fieldworkers
Date
29 September 1958
Track ID
39542
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1958.84.A12
Original Tape ID
Summary
Supernatural hag murders a woman and turns into a horse.
A sick old woman came to where other women were tending animals. They put her in their own bed. During the night one of the women noticed blood. She drew a circle round herself with a cross in the middle. The hag asked her to come out, but she refused. The hag turned into a horse and disappeared when the moorcock crew. The other woman's throat had been cut.
Recording Location
County - Argyllshire
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Calum MacIllEathain (CM): Cà robh iad?
Peggy MacDonald (PM): Bha iad air buailidh.
CM: Air buailidh, seadh.
PM: Seadh, agus bha iad a' saodachadh nam beothaichean, fhios a'd, 's bha iad a' cur a-staigh na laoigh dhan chotan. Agus co-dhiù, thàinig an sin cailleach, agus ò, bha i uamhraidh bochd, agus dh'fhalbh iad - cha robh aca ach an aon leaba - 's chuir iad aig an casan na cadal i. Chaidil tè dhiubh còmhla rithe 's bha tè eile aig a casan.
Ach dhùisg an tè a bh' aig an casan, agus dh'fhairich i plodadh air choreigin agus sheall i. 'S dè chunnaic i ach fuil. Agus dh'èirich i agus rinn i a-mach cho fad 's a bh' aice. Agus dh'fhalbh i sin. Bha an t-eagal oirre gun tigeadh ise às a dèidh, agus chuala i... gun do rinn i circle mun cuairt oirre fhèin, agus chuir i crois na mheadhan. Agus chunnaic i i siud a' tighinn. Agus dh'iarr i oirre tighinn a-mach às a siud 's thuirt ise nach tigeadh. Agus:
"Thig," ars ise, "a-mach às a sin."
"Cha tig," ars an tè eile. "Chan eil mi a' dol a thighinn a-mach às a sin idir," ars ise.
Agus bha i ann an sineach, agus thòisich an tè a bha... chaidh i ann an riochd eich agus dh'iarr i oirre tighinn a-mach. Cha tigeadh, gus an do ghairm an coileach, na circe-fraoich, 's ann a dh'fhalbh i.
'S thug i an uair sin a h-aghaidh air a' bhaile, agus thàinig iad sin far an robh i, agus bha an tè a dh'fhàg i aig an leabaidh air a sgòrnan a ghearradh. Agus cha robh sin ach na daoine a thogail a-mach agus a tiodhlacadh.
Chuala mi i sin aca. 'S bha dealbh na h-àireadh ann, a bheil fhios agaibh, 's na soithichean a-mach 's a h-uile nì. Bha.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good