Search

Cleachdaidhean Callainn.

Date September 1958
Track ID 39693
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1958.85.A4

Original Tape ID

SA1958.085

Summary

Verses, sheep's tail candle, cairn of curses and other Hogmanay customs.

The boys went from door to door reciting verses at Hogmanay. The contributor recites one. Bannocks were made for them and they were given all kinds of food. Information about the Hogmanay hide: a sheep's tail was used as a candle and the man and woman of the house had to put it round their heads three times for luck. The boys gathered in one house and shared what they had been given. They built a 'cairn of curses' opposite the house of those who had refused to give them anything.

Recording Location

County - Argyllshire

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): ...Callainn, am bitheadh? Am biodh sibh a' falbh... am biodh sibh a' falbh o dhoras gu doras a' gabhail duan?

Peggy MacDonald (PM): Ò 's e na balaich a bhiodh ann.

CM: Na balaich. Cha bhiodh na caileagan idir?

PM: Na balaich, bhiodh iad ag èigheach: "A' Chullaig seo, a' Challaig seo." Agus nuair a thigeadh iad chun an dorais, dh'fheumadh tu duan a ghabhail. Tha cuimhn' a'm balach beag a' tighinn 's thuirt e:

"Mise a-nochd a' tighinn air Chullaig,
Gille beag nan casan rùisgte;
Chan eil orm ach smachd na h-òige,
'S ma bhios mi beò nì mi diùnlach.
Coisnidh mi biadh agus aodach,
Ma gheibh mi saoghal 's ùine;
Ge be a bheir dhòmhsa a' Challaig,
Guma math a thèid a' Bhliadhn' Ùr leis."

CM: Seadh, dìreach. Seadh, bhiodh iad ag ionnsachadh nan rannan sin. 'S gheibheadh iad rud anns a h-uile taigh?

PM: Ò Dhia, bha bonnaich ga dhèanamh air an son. Bha. Bonnaich, agus... agus bha an duine agam fhèin air Chullaig cuideachd na bhalach, nuair a bha e na bhalach. Bhiodh bonnaich ga dhèanamh 's bha ìm aca 's bha jelly aca 's bha càise aca, 's bha h-uile rud aca ga toirt dhaibh an seo. Agus bha caisean-Callaig no gu dè rud a bh' ann...

CM: Dè bha seo a-niste? Craiceann, an e?

PM: 'S e earball caorach a bhiodh aca 's e air... teàrr no rudeigin air, a' dèanamh coinneal air. Bha e ga thoirt dhan... dhan fhear an taighe 's dh'fheumadh e a chur mun cuairt trì uairean air a cheann, agus bha e sin ga thoirt don chaillich, agus bha... bha iad a' toirt sineach dhan chaillich 's bha ise ga chur trì uairean air a ceann cuideachd, airson luck.

CM: 'S bhiodh iad a' giùlan seo timcheall nan taighean?

PM: Ò bha. Bha iad an sin a' cruinneachadh do dh'aon taigh, 's bha iad a' roinn a h-uile nì a bha iad a' faighinn. Bha poca aca a' falbh 's iad a' roinn a h-uile nì a bha iad a' faighinn, 's bha iad ga... 's bha iad... Sin agaibh gillean Cullaig. Agus duine nach... duine nach toireadh dhaibh a' Chullaig, bha iad a' togail càrnan mu choinneamh an dorais.

CM: An robh?

PM: Càrnan na mallachd: "Mas miosa am-bliadhna, guma sheachd miosa an ath-bhliadhna."

CM: Càrnan na mallachd. Duine a bhiodh... duine a bhiodh... a bhiodh mosach mura toireadh e dad dhaibh. Tha sin math. Tha sin math. Seadh, seadh. Bha iad a' ruith air fad... agus 's e na balaich... bhiodh na gillean a bhiodh a' gabhail nan duan?

PM: Ò 's iad, 's iad na balaich. Cnapaich de bhalaich.

CM: Seadh. Agus am biodh iad a' gabhail Duan na Muilidheartaich 's Duan na Ceàrdaich?

PM: Ò, cha bhitheadh. Cha robh e aca. Cha robh.

CM: Cha bhitheadh, ach Duan Callaig.

PM: Duan Callaig.

CM: Seadh, dìreach. Dìreach. Ò tha sin math.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good