Nochd duine mòr agus gheàrd e boireannach a bha a' coiseachd...
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
42055
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1960.12.B4
Original Tape ID
Summary
A large man appeared and protected a woman who was walking home.
A woman was walking home at night when a large man appeared beside her. He walked with her, although neither said a word. She was about to take a short cut when he spoke and advised her not to. She took the long road and he followed her all the way home. He then said she was lucky that he was there to see her home.
Recording Location
County - Inverness-shire
Island - South Uist
Parish - South Uist
Item Location
County - Inverness-shire
Island - South Uist
Parish - South Uist
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Calum MacIllEathain: Seo ma-thà...
Ruairidh MacFhionghain: Bha tè eile ann, agus 's ann air Taobh a Tuath Loch Baghasdail a bha i, agus tha sin seachd mìle às a seo. Agus thàinig i a choimhead air a càirdean ann a sheo dhan... do bhaile ann a sheo, agus nuair a bha i deiseil agus a bha i airson falbh dhachaigh, rinn i air a shon, agus dh'fhalbh i cuideachd, agus chaidh duine dhe na càirdean pìos math dhen rathad leatha, ach dh'fhàg iad an sin 'oidhche mhath' aice ann a shin fhèin.
Ach co-dhiù, cha robh i sin fad air tilleadh, nuair a chunnaic i duine mòr ri taobh. Bha ise a' cumail oirre gu tuath, 's bha an duine mòr sa a' cumail air cho math rithe fhèin. 'S cha robh e a' dol air thoiseach no air dheireadh oirre, ach steap mar a dhèanadh i fhèin dhèanadh esan.
Chùm i roimhpe, mìle dhen rathad, 's dà mhìle dhen rathad, agus suas a trì dhen rathad gun taigh idir... air an rathad idir. Shealladh i air a fiaradh an-dràsta 's a-rithist 's air a gualainn feuch am biodh e ann, 's bha e ann a shiud ri gualainn. Cha robh ise a' cantail guth, 's cha robh esan a' cantail guth.
Ach bha pìos, nuair a ràinig iad sìos teann air Dalabrog, bha rathad a' dol a-mach ann a shin gu Loch Baghasdail, a-mach taobh an t-Sròim, an Sròm Dearg a chanas iad ris, agus bha e na rathad aithghearra. Bha e a' cur dà mhìle a-staigh rithese dhen astar na bu ghiorra na ged a ghabhadh e an rathad mun cuairt air fad. Agus rinn i airson gearradh a-mach mar seo, ged a bha an oidhche dorcha dubh taobh an t-Sròim. Agus bhruidhinn esan an uair sin agus thuirt e rithe:
"Hò," ars esan, "'s fheàrr," ars esan, "rathad goirid... rathad fada glan na rathad goirid salach."
Cha do rinn i ach tionndadh an uair sin air ais, agus an rathad mòr a chumail mun cuairt, agus lean esan i. Bha e còmhla rithe fad na h-ùine gus an do ràinig i dìreach an taigh, agus nuair a ràinig i an taigh thuirt e rithe an uair sin gun robh feum aice gun robh esan ga geàrd air an rathad a-nochd.
Agus mar sin, fhuair i dhachaigh, ach tha mi cinnteach gu leòr gun robh oidhche no dha mun deach i a-mach air an doras tuilleadh leis an eagal.
Agus chan urrainn mise a chantail ach sin an-dràsta.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good