Search

Dubh a' Ghiuthais.

Date
Track ID 42551
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1955.164.B7

Original Tape ID

SA1955.164

Summary

A supernatural tale about a Norwegian princess who burnt down the forests of Scotland, disguised as a white bird; smoke turned her black and the people named her 'Dubh a' Ghiuthais'. A plan was hatched to destroy her using her sympathy for animals. All young animals were taken from their mothers and she took pity on them, came down to earth, and was caught and killed. The King of Norway sent a boat for her body but it was turned back three times by storms and she was eventually buried where she fell at Kildonan.

Item Subject/Person

Dubh a' Ghiuthais

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

'S e seo sgeul a chuala mi bho mo sheanmhair mun deach mi riamh don sgoil. Nuair a ruiginn i gun mi a bhith glè ghlan, theireadh i le fiamh a' ghàire, "Thàinig Dubh a' Ghiuthais," agus dh'fheumainn-sa faighinn a-mach cò bh' ann an Dubh a' Ghiuthais.

Mar a tha fios aig neach, tha mòinteach na dùthcha seo làn giuthais. Chì sinn stuic nan... stuic nan craobh anns an talamh, le am freumhaichean a' sìneadh a-null 's a-nall timcheall orra... timcheall orra. Chì sinn uairean a' chraobh na laighe anns a' mhòintich mar a thuit i, agus chunnaic mi uairean coltas air na craobhan sin gun robh pàirt dhiubh air an losgadh. Mar sin, feumaidh e a bhith gun robh an dùthaich seo air a chòmhdachadh le coille mhòr bho chionn iomadh ceud bliadhna.

Nise, bha eud mòr air Rìgh Lochlainn airson a' choille bhrèagha leis an robh Albainn air a còmhdachadh, agus bu mhiann leis cur às dhi. Bha e latha cho tùrsach, iomagaineach 's gun d' fheòraich a nighean dheth dè bha a' cur dragh air. Fhreagair e gum b' fheàrr leis gum faigheadh e rian air sgrios a' choille Albannaich... a' choille Albannaich seo.

"Nì mise sin," ars a' bhana-phrionnsa, "ma gheibh sibhse bana-bhuidseach a chuireas mi ann an cruth eòin."

Gun tuilleadh dàil, chuir an rìgh fios air bana-bhuidseach ainmeil, agus thionndaidh i a' bhana-phrionnsa gu eun mòr brèagha geal. Dh'èirich i air iteig, agus cha b' fhada a bha ise a' ruighinn taobh siar Albainn. Thàinig i a-bhàn an siud 's an seo, agus nuair a bhean i ri craobh le slataig a bh' aice fo a sgèith, ghabh a' chraobh teine. Cha b' fhada gus an robh an t-eun brèagha geal na h-eun grànda dubh le ceò a' ghiuthais, agus thug muinntir na tìre seo Dubh a' Ghiuthais mar ainm oirre.

Cha robh e furasta grèim a dhèanamh oirre, agus bha i a' dèanamh mòran calla. Ach fhuaradh a-mach gun robh cridhe teòma aice, aig Dubh a' Ghiubhais, gu h-àraidh mu thimcheall bheathaichean. Dh'amais duine aig Loch Bhraoin air innleachd a chuireadh an sàs i. Chaidh an t-àl a thoirt bho gach sprèidh - na laoigh bho na mairt, na h-uain bho na caoraich, na searraich bho na làir, na minn bho na gobhair, na h-uirceanan bho na mucan, na cuileanan bho na coin, agus eadhon na h-eòin bheaga bho na cearcan. Chaidh na màthraichean a chur ann an aon bhuaile, agus an t-àl ann am buaile eile. Nuair a thàinig am feasgar, b' e sin a' mhèilich, an geumraich, an sitrich, a' chomhartaich agus an sgreadail a bu tiamhaidhe a chualas le cluais duine riamh.

Bha Dubh a' Ghiuthais a' gabhail seachad air a turas sgriosail, agus bha a cridhe cho goirt airson nam beathaichean bochd gum b' fheudar dhi teàrnadh gu talamh. Cha bu luaithe air an talamh i na chuir fear dhe daoine na dùthcha saighead na cridhe, agus thuit i marbh.

Fhuair Rìgh Lochlainn sgeul air mar thachair, agus chuir e birlinn le sgioba chalma a thoirt a' chuirp dhachaigh gu Lochlann. Ach nuair a sheòl iad a-mach gu doras an locha, gu doras an Locha Bhig, thàinig stoirm uabhasach a thug orra tilleadh. Thug iad trì oidhirpean air falbh leis a' ghiùlan, ach mu dheireadh chunnaic iad gum feumadh Dubh a' Ghiuthais a bhith air a tiodhlacadh far an do thuit i, aig Cill Donnain, aig ceann shuas an Locha Bhig. Tha tolman bòidheach uaine air ainmeachadh ann an sin mar a h-àite tàimh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good