Dùn Bhuirgh na Theine
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
51723
Part 1
Track Information
Original Track ID
CW0201.1173
Original Tape ID
Summary
A wife from Borve was making tweed, but had so much to do that she asked the fairies to help her. One by one, the old ladies came to the house and started to card, spin, etc. The woman had to keep feeding them all the time. They finished the job but refused to leave. Someone told her to shout 'Dun Borve on fire', and this did the trick.
Recording Location
County - Inverness-shire
Island - Canna
Parish - Small Isles
Item Location
County - Inverness-shire
Island - Barra
Parish - Barra
Village/Place - Borve
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Fear Chanaigh: This is the isle of Canna, on the 29th of July 1957. Miss Annie Johnston is going to record one or two little anecdotes and songs.
Anna NicIain: Bha siud ann reimhid ann am Borgh, bean, agus bha i a' dèanamh clò dhan duine. Agus 's e àm trang na bliadhna a bh' ann, nuair a fhuair i fios on bhainich gun robh inneadh air a' chlò, agus cha robh fios aice dè mar a gheibheadh i an t-inneadh a dhèanamh 's i cho trang ris a' chur.
Ach co-dhiù, dh'fhan i na caithris an oidhche a bha seo agus thug i thuice an càrd agus thuirt i rithe fhèin: "B' fheàrr leam na na chunna mi riamh gun robh cuideachadh air choreigin agam, ged a b' ann às an t-sìthean fhèin a thigeadh e."
Agus cha robh am facal a-mach às a beul ach air èiginn nuair a chuala i gnogadh aig an doras, agus dh'fhalbh i chun an dorais, agus bha cailleach bheag shìth ann an sin. Agus thàinig a' chailleach bheag a bha seo a-staigh, 's dhùin ise an doras.
Cha b' fhada gus an tàinig gnogadh a-rithist. Cò bha seo ach tè eile. Uidh air n-uidh, lìon an taigh, 's a h-uile gin riamh ag iarraidh obair, 's thòisich iad air an òran mar seo:
"Cò bheir thugainn an t-inneadh à Fiaraigh?
Cò chìreas, chàireas, shnìomhas?
Cò bheir thugainn an t-inneadh à Fiaraigh?
Cò chìreas, chàrdas, shnìomhas?"
Rug tè dhiubh air a' chàrd, 's rug tè dhiubh air a' chlòimh ga cìreadh, 's rug tè dhiubh air a' chuibhill, 's thòisich iad air obair. Ach ma thòisich iadsan air obair, thòisich bean an taighe air obair cuideachd. Thòisich i air dèanamh biadh dhaibh, 's thòisich i air fuine. Thòisich i air fuine, 's mar a dh'fhuineadh ise dh'itheadh iadsan. Bha iad ag obair air snìomh 's air càrdadh 's air cìreadh 's air tlàmadh, 's air tlàmadh 's air càrdadh.
Co-dhiù, bha ise cho trang ag obair air fuine fad na h-oidhche, 's iad ag ithe mar a dh'fhuineadh i, gun robh mu dheireadh a' mhin air brath-teirigeachdainn oirre. Cha robh fios aice gu dè mar a gheibheadh i sgur a chur orra no crìoch a chur air an obair, agus dh'fhalbh i a-mach sa mhadainn. Dh'fhalbh i a-mach agus bha am baile gun èirigh, agus chaidh i gu taigh duine glic a bha faisg air làimh, 's dhùisg i an duine a bha seo, agus dh'innis i dha a cor, 's dh'innis i dha mar a thàinig... mar a dh'òrdaich i na sìthichean, 's mar a thàinig iad, agus a-nist nach b' urrainn dhi an cur a-mach às an taigh.
Agus thuirt esan rithe: "Thalla thusa," ars esan, "air ais a dh'ionnsaigh an taighe agus seas air an dùn mu choinneimh an dorais agus èigh gu bheil Dùn Bhuirgh na theine."
Agus seo an rud a rinn i. Thill i air n-ais a dh'ionnsaigh an taighe, 's sheas i air an dùn a bh' air beulaibh an dorais 's dh'èigh i: "Dùn Bhuirgh na theine, Dùn Bhuirgh na theine, Dùn Bhuirgh na lasair dheirg."
Ach, a ghràidh, thàinig na sìthichean a-mach an uair sin, 's a h-uile tè ag èigheach gun robh ann an Dùn Bhuirgh an rud bu docha leatha, 's an rud bu phrìseil a bh' aice.
Agus... a-nist, nuair a thuirt... nuair a dh'innis an duine... an seann duine dhi gu dè bu chòir dhi a dhèanamh, thuirt e rithe: "A-nist, nuair a thèid thu dhachaigh," ars esan, "'s a dh'fhalbhas iad a-mach, gheibh thu h-uile sìon a bha iad a' làimhseachadh, agus cuiridh tu an aghaidh an ranna e seach mar a bha e acasan."
Agus nuair a fhuair ise a-mach air an doras iad, chaidh i a-staigh agus thòisich i air a h-uile sìon a chur o dhòigh seach mar a bha na sìthichean ga làimhseachadh. Chuir i... thug i am bann far na cuibhle, 's chuir i na càrdaichean cas mu sheach, agus chuir i car dhen h-uile sìon air an robh iad ag obair, agus cha rachadh aca air tilleadh air n-ais.
Agus sin mar a chuala mise e.

Source Type
Wire
Audio Quality
Good