Search

Còig air fhichead seanfhaclan Gàidhlig. Tha am fiosraiche ga...

Fieldworkers
Date 02 July 1960
Track ID 54312
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.125.B17-B41

Original Tape ID

SA1960.125

Summary

Twenty-five Gaelic proverbs. The contributor gives the meanings.

Lethcheann coin is cait.

Is ann air an tràghadh a rugadh tu.

Cadal a' gheòidh, sùil dùinte 's sùil fosgailte.

Is tu a thug ruaig na caorach dhan dris.

Is ceum air ghàgan leat a dhol ann.

Cosg mar a gheibh 's gheibh mar a dh'fhòghnas.

Ceann mòr is amhach chaol, aogasg an droch ghamhna.

Biodh do chòrr air do dheireadh.

Caimbeulaich bhog an ime thog an sgillinn às a' bhuachar.

Nàire nan con sa Charghas.

Cleas nam bleideirean.

Cuir do chasan a dh'aon taobh.

Cac laoigh ri làimh.

Cho tiugh ri cluas laoigh.

Thugainn ars' an rìgh, fuirich ars' a' ghaoth.

Gaol an fhithich air a' chnàimh.

Muc am poca.

Cha b' e ceannach a rinn e air, an t-òganach.

Mac na muinntireach.

Ruitheadh ubhal eadar a dhà cheann.

Cho daor ris an aran-mhilis.

Cha tig thu ro na bràithrean.

Cha dèan duine rud glic gus an dèan e rud gòrach.

Chan eil muinntireas aig sagart.

Chan eil dùthchas aig mnaoi no aig ministear.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Genre

Other

Collection

SoSS

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good