Fear à Sanndraigh a cheannaich dealbh aig fèill.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
54826
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1960.106.B3
Original Tape ID
Summary
A man from Sandray who bought a picture at a fair.
There was a man from Sandray who bought a picture of his father at a fair. He kept it locked in a chest and wouldn't let anyone else look at it. His wife became suspicious and took the picture out of the chest. She saw a picture of a woman, who she didn't think was very beautiful. Her husband had bought a mirror.
Recording Location
County - Inverness-shire
Island - Vatersay
Parish - Barra
Item Location
County - Inverness-shire
Island - Sandray
Parish - Barra
Language
Gaelic
Genre
Collection
Classification
Transcription
Nan NicFhionghain: Bha bodach a' fuireach ann an Sanndraigh uaireigin dhen t-saoghal agus thàinig e a-nall a Bhàgh a' Chaisteil latha a dh'ionnsaigh na fèille. Bhiodh fèill am Bàgh a' Chaisteil an uair ud. 'S e an Àird Ghlas a bh' aca air an uair ud, air Bàgh a' Chaisteil.
Agus chaidh e suas ann a shin far an robhar a' creic, agus ò gu dè rud a b' iongantaiche a-nis a chunnaic e ach dealbh athar, agus cheannaich e e. 'S thug e leis dhachaigh e, agus chuir e sa chistidh e. Agus cha do sheall e riamh dhan chaillich e air eagal 's gum biodh i a' trod ris a chionn a cheannach.
'S bha e sa chistidh aige, 's a h-uile latha mum falbhadh e a-mach a dh'obair, no nuair a bhiodh e a' dol dhan a' bheinn no sgath, bha e a' coimhead sa chistidh air dealbh athar.
Ach ghlac a' chailleach amharas air choreigin air an triop a bha seo, agus thuirt i rithe fhèin:
"Leabhra, nuair a dh'fhalbhas e a-màireach, coimheadaidh mise sa chistidh ach cò air a bheil e a' coimhead, ach gu dè rud a th' aige sa chistidh."
Cha robh co-dhiù ach nuair a dh'fhalbh am bodach dh'fhalbh a' chailleach gu fàilidh agus dh'fhosgail i a' chiste.
"Ò," ars ise, "cha b' iongnadh e," ars ise, "chan eil i cho brèagha."
Dè bh' ann ach sgàthan. Chan fhaca am bodach sgàthan riamh, 's leis cho coltach 's a bha e fhèin ri athair shaoil e gur e dealbh athar...

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good