Tobhta an t-Seann Taigh
Track Information
Original Tape ID
Summary
The composer was inspired to compose this song of nostalgia upon seeing the ruins of her mother's old home. The song looks back to days gone by and the kind of life they had in the old home.
Item Notes
Composed by the contributor's mother, Joanna MacSween.
Recording Location
County - Inverness-shire
Parish - Harris
Island - Harris
Village/Place - Scarista
Item Location
County - Inverness-shire
Parish - Harris
Island - Harris
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
'S e tobht' an t-seann taigh a ghluais mo sgeul,
Thug orm an rann seo a chur an cèill;
Bhon bha e nam gheall a dhol oirre shealltainn,
Theann mi nall rithe ceum air cheum.
'S bha aon àite nam chuimhne riamh,
A bhiodh mo mhàthair a ghnàth a' dìon.
Saoil leam gun d' dh'fhàg iad an iomall làraich,
Far am biodh a' chàrd aic' 's a' chuibheall-shnìomh'.
Le cridhe cràidhteach gun d' dh'fhàg mi i,
'S mi caoidh nan làithean bha mi na lùib.
Fhad 's bhios mi 'n làthair le ciall is tàlant,
Bidh Tobht' a' Gheàrraidh gu bràth nam chuimhn'.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good