Search

Chaidh Màiri nighean Alasdair Ruaidh a thiodhlacadh ann an R...

Date 1961
Track ID 57907
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1961.50.A4

Original Tape ID

SA1961.050

Summary

Mary MacLeod was buried in Rodel in Harris with her face placed downwards, as she had requested.

Item Subject/Person

MacLeod, Mary [Màiri nighean Alasdair Ruaidh]

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Harris

Village/Place - Rodel

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): 'S bha sibh ag ràdh gun robh Màiri nighean Alasdair Ruaidh air a tiodhlacadh...

Iain MacDhòmhnaill (IMD): Tha Màiri nighean Alasdair Ruaidh air a tiodhlacadh an sin cuideachd. Agus tha i air a tiodhlacadh air a beul fòidhpe, mar a dh'iarr i. Na bith dè an reusan a bh' aice air, theagamh gun robh ag ràdh rithe fhèin, 's tha mi a' creidsinn gun robh... gun robh i ro abairteach dar a bha i ann an tìr nam beò, agus gun robh i airson gum biodh a beul fòidhpe, nach b' urrainn dhi mòran a ghràdh.

IM: Dìreach. Dìreach. 'S cha chuala sibh riamh bana-bhàrd eile a bh' air a tiodhlacadh mar sin, an cuala?

IMD: Cha chuala. Cha chuala. Ò, cha chuala.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good