Search

Somhairle MacGill-Eain: sinnsearachd agus foghlam.

Date
Track ID 67324
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1982.150

Original Tape ID

SA1982.150

Summary

Sorley MacLean: ancestry and education.

The poet Sorley MacLean speaks about his own ancestry. Firstly, he gives his own patronymic. He says that his father was an excellent singer. His grandmother, Mary Matheson, died in 1923. Her great-grandfather hailed from Lochalsh. She used to sing old Gaelic songs. His father's sister Peggy also had a great repertoire of old Gaelic songs; she used to sing these whilst out on the boat fishing with Sorley. His grandfather was a composer of verse.

There was a strong piping tradition in the family. His mother's patronymic is given, which includes a renowned piper, Somhairle Pìobaire. He speaks on various family branches, including Mathesons, MacDonalds, Nicholsons and MacLeods. He also mentions the Skye Stewarts and his education at Portree and Edinburgh University.

Item Subject/Person

MacGill-Eain, Somhairle

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Uill ma-thà, a Shomhairle. Sin agaibh e, agus bha sinn a' dol a dhèanamh beagan bruidhinn mu eachdraidh nan daoine agaibh fhèin, mur deidhinn fhèin, mu na daoine on tàinig sibh, mun an t-suidheachadh às an tàinig sibh anns a h-uile dòigh, agus mar a tha sin co-cheangailte ris an obair agaibh, ris a' bhàrdachd agaibh 's gnothaichean dhen t-seòrsa sin. Nist, tha mi a' smaoineachadh anns a' chiad dol a-mach, gur dòcha gum faodaidh mi tarraing a thoir air na daoine 's air sloinneadh agus air a leithid sin. Nist, dè mu dheidhinn an toiseach Clann 'IllEathain?

Somhairle MacGill-Eain (SM): Uill, 's mise Somhairle mac Chaluim 'ic Chaluim 'ic Iain 'ic Thormoid 'ic Iain 'ic Thormoid. Sin cho fad 's a thèid sinn air ais le cinnt an Ratharsair.

DE: Nist, abair siud fhathast a Shomhairle. Somhairle mac...

SM: Mac Chaluim 'ic Chaluim 'ic Iain 'ic Thormoid 'ic Iain 'ic Thormoid.

DE: Agus bha daoine, b' aithne dhaibh cuideachd fhèin an sloinneadh a bha sin air ais dìreach mar sineach?

SM: Ò b' aithne. Fhios agad, tha òran a rinn boireannach dha mo shinn-shinn-seanair, ris an canadh iad Tormod Mòr Iain 'ic Thormoid, air fonn an aon fhonn ri ''IcMhaoilein a Shaorainn', ach chan eil ach dà cheathramh agamsa a fhuair mi o piuthar m' athar:

A Thormoid Iain 'ic Thormoid
'S e d' sheanchas a leòn mi
Bhith cuimhneachadh do shùgradh
Gun dùil ri do phòsadh

A Thormoid a' Chaolais
Nan gorm-shùilean bòidheach
Cha d' aithnich thus' a-raoir mi
Seach maighdeannan Òsgaig

Niste, bha Tormod, 's e Tormod Iain 'ic Thormoid. Bha MacIllEathain Ghleann Sannda ag ràdha gur e Iain an t-ainm a bh' air athair an Tormod mu dheireadh, sin seanair Thormoid Iain 'ic Thormoid, agus gur e mac a bh' ann dhan a' chiad MhacIllEathain - nach e Niall a bh' air - a thàinig a Dhùis 'icLeòid san Eilean Sgitheanach, agus gur esan a thàinig a Ratharsair. Ach chan eil fhios a'm càit an d' fhuair MacIllEathain Ghlinn Sannda sin, fhios agaibh, tha e marbh agus cha do choinnich mise riamh ris. Ach chan ann dhòmhsa a dh'innis e sin ach dha caraide dhomh ann an Ameireaga.

DE: Seadh. Ò, bha fiosrachadh mòr aig an duine sin, ge-tà.

SM: Tha e coltach gun robh, agus mar sin bha sinn cha mhòr... Bhiodh Catrìona... cha mhòr nach robh sinn cinnteach gur ann à Uibhist a thàinig sinn. Agus, fios agad, an duine aig Iseabail mo phiuthar, Iain, uill tha esan, fios agad... athair agus Uilleam Chill Chreagain mar a their iad, am pìobaire ainmeil, 's e mac an dithis bhràthar a bh' annta. Agus bha sloinneadh aig athair-san,** 's e Seumas a bh' air athair, Seumas mac Iain 'ic Uilleim 'ic Ghilleasbaig 'ic Uilleim 'ic Ghilleasbaig 'ic Iain 'ic Lachlainn 'ic Iain 'ic Lachlainn. Agus bha rud acasan gur e fear a thàinig a Ratharsair, gur e Iain Mòr Buidhe a bh' air, agus gur e mac dha fear de Chlann 'IllEathain Bhoighreigh a bh' ann.

[** Air clàradh a rinneadh às dèidh seo, tha Somhairle ag innse gun do dh'fhàg e às aon ghinealach, agus gur e an sloinneadh aig athair Iain: Seumas Iain Uilleim 'ic Ghilleasbaig 'ic Uilleim 'ic Ghilleasbaig 'ic Dhòmhnaill Bhàin Hallaig 'ic Iain 'ic Lachlainn 'ic Iain 'ic Lachlainn. Èist ris an seo.**]

Ach bhiodh Catrìona Uilleim, sin piuthar athair Uilleim Eairdsidh, am pìobaire ainmeil, bha i ag ràdha gur e an aon daoine, an aon Chlann 'IllEathain a bh' anns na daoine againne 's a bh' anns na daoine acasan, agus bha sinn air ar tiodhlacadh ri taobh a chèile anns an t-seann chladh an Ratharsair, na daoine againn. Ach chan eil fhios a'm air sin. Chan eil fhios a'm air sin idir.

Niste, bha mise a' smaoineachadh riamh ciamar nach robh ainmeannan Chlann 'IllEathain, ainmeannan chumanta Chlann 'IllEathain, againn. Ach bha. Bha Tormod Iain 'ic Thormoid, bha bràthair aige air an robh Calum - uill bha sin cumanta gu leòr an Ratharsair - 's bha bràthair aige air an robh Eachann, 's bha bràthair aige air an robh Niall. Ach dh'fhalbh an sliochd-san uile a Chanada. Uile, ach aon nighean le Calum, a phòs fear de Chlann 'icLeòid à Ratharsair, Dòmhnall mac Uilleim, agus bha cuid dhe sliochd-se an Ratharsair, ach bha Bellag an Achaidh, a bha math air sloinneadh, ag ràdh gur e piuthar dha Tormod Iain 'ic Thormoid a bh' anns a' Chatrìona seo a phòs.

Co-dhiù, tha sinn air a bhith an Ratharsair airson seachd no ochd a ghinealaich co-dhiù. Niste, bha Clann 'IllEathain... bha m' athair anabarrach math air seinn, agus bha e na phìobaire anabarrach math, ged nach do dh'fheuch e riamh. Bha mo bhràthair Seonaidh ag ràdha gum faithnicheadh e meur athar an àite sam bith. Agus bha a bhràthair Alasdair na phìobaire cuideachd. Agus bha m' athair glè mhath air seinn, agus gu h-àraidh bha e math air... bhiodh e a' seinn òrain Uilleim Rois. Cha chuala mi duine riamh cho math air an òran 'Gur mis' tha fo mhulad san àm' 's a bha e, agus gu dearbha cha mhòr gur toigh leam an t-òran sin a chluinneil o dhuine eile. Bha e mìorbhaileach cuideachd air 'Crò Chinn t-Sàile', fhios agad, pìoba... Agus bha rudan aige. Tha cuimhn' a'm e bhith a' seinn 'Marbhrann Eòghainn' aig Rob Donn, agus 's e am fonn a bh' aige am fonn a th' air ''Ic Dhùghaill 'ic Ruairidh', agus chan eil fhios agamsa an urrainn... a bheil duine ann a bhios a' seinn 'Marbhrann Eòghainn' aig Rob Donn.

DE: Chan aithne dhòmhsa...

SM: Niste, bha e eòlach air... Tha e neònach. Fhad 's is cuimhne leam bha e eòlach air bàrdachd Iain Luim, cuid dheth co-dhiù. Ach tha mi a' smaoineachadh nach robh e air bàrdachd Alasdair mhic Mhaighstir Alasdair. Ged tha cuimhn' a'm e a bhith ag ràdha, fios agad, an rud ud a thug an... ag innse mun rud a thuirt an t-Àireach Muileach mu dheidhinn Alasdair mac Mhaighstir Alasdair: "Cha b' e an creideamh ach am brosgal chuir thu ghiùlan crois a' Phàpa." Niste, an e sin... chan eil cuimhn' a'm an e sin a th' anns na leabhraichean? No an e "Cha b' e an creideamh ach sodal-cùirte"?

DE: Chuala mise... Chan eil fhios a'm gu dearbha an e a chluinnteil no... chuala mi agad fhèin roimhe gun teagamh, ach tha... chunnaic no chuala mise an àiteigin, "a chuir thu a dh'ionnsaigh"; "Cha b' e an creideamh ach am brosgal a chuir thu a dh'ionnsaigh crois a' Phàpa," tha mi a' smaointeachadh. Tha sin air sgrìobhadh ann an àiteigin tha mi a' smaointeachadh.

SM: Ah uill, fios agad, ann an leabhar beag, leabhar bàrdachd Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, tha e agam sa Bhràighe, tha rudan a thuirt an t-Àireach Muileach ann.

Niste, bha m' athair, bha e anabarrach math air seinn, agus, ò, ach a sheanmhair... chan e, ach mo sheanmhair, màthair m' athar. Niste, chaochail i ann an 1923. Bha i mu 86, 's bha i a' fuireach againne, san taigh againne. 'S e Màiri NicMhathain a bh' oirre. Thàinig a sinn-seanair à Loch Aills'. Màiri Iain 'ic Sheumais 'ic Dhòmhnaill Ruaidh. Thàinig Dòmhnall Ruadh à Loch Aills' na mhuillear gu Steinnseal air an Taobh Sear, agus tha eachdraidh Chlann 'icMhathain ag ràdha gur e athair-san Murchadh Ruadh, a thug an crois-tara mu dheireadh tro Loch Aills'.

DE: Cò a' bhliadhna a bha sin a-nist?

SM: Uill, tha mi cinnteach gur e 1719 no 1715. Agus bha athair-san, Eòghann a bh' air, Eòghann Glas nam Boglach, Glas nam Boglaich an Loch Aills', agus athair-san Murchadh, 's tha cuid dhe na aon làmh-sgrìobhainn ag ràdha gur e Murchadh mac Ruairidh Bhig 'ic Ruairidh Mhòir... chan e... Murchadh mac Ruairidh Bhig 'ic Iain 'ic Ruairidh Mhòir 'ic Mhurchaidh Bhuidhe, Triath Loch Aillse. Agus tha Uilleam MacMhathain ag ràdh gu bheil cinnt gur e Ruairidh Beag a bha ainm an duine, curaidh uabhasach ainmeil a bh' ann, gur e... nach e athair Mhurchaidh sin a bh' ann ach a bhràthair. Fios agad, gur e Murchadh Ruadh mac Eòghainn mac... dè thuirt mi... mac Eòghainn mac Mhurchaidh mac Iain mac Ruairidh Mhòir mac Mhurchaidh Bhuidhe. Agus tha e coltach, tha aon... tha iad ag ràdha...uill, tha làmh-sgrìobhainn Thiridhe 's Mhanchester, mu eachdraidh Chlann 'ic Mhathain, ag ràdha mu dheidhinn sin: "He was rascally deprived of his land by the Earl of Seaforth." Sin Eòghann.

Niste, thàinig ise... bha ise... rugadh ise air an Taobh Sear, chan ann an Steinnseal tha e coltach, ach àiteigineach eile air an Taobh Sear, oir cha robh a' mhuilinn aca - bha a' mhuilinn aig Dòmhnall Ruadh, a sinn-seanair, 's aig Seumas, a seanair, ach cha robh aig a h-athair, Iain. Ach chaidh an cur às an Taobh Sear airson gun do thog a h-athair taigh math. Bha iad air oighreachd Mhàidsear Friseal, agus 's esan uachdaran bu mhiosa san Eilean Sgitheanach aig an àm.

Agus an uair sin bha iad san Sgorr. Bha i mu... eadar sia 's ochd, chan eil fhios a'm dè, nuair a dh'fhàg iad an Taobh Sear. Agus an uair sin thàinig iad dhan Sgorr, mu choinneamh Phort Rìgh, taobh a-muigh Beinn [Peighinn] nam Fìdhlear. Niste, chan eil mi cinnteach an e an cur às a chaidh a dhèanamh air na daoine a bha san Sgorr no gun d' fhàg iad len toil fhèin, ach chaidh iad a Bhràighe. Bha iad sa Bhràighe, agus sin far an do chaochail a h-athair, Iain mac Sheumais. 'S phòs ise Calum mo sheanair, 's chaidh iad a Ratharsair.

Niste, bha ise anabarrach math air seinn, agus... uill, bha i an-còmhnaidh a' seinn, agus bha i a' seinn... bha seann òrain uabhasach math aice. Ri mo chiad... cha mhòr nach e... ri mo chiad chuimhne bhiodh i a' seinn òrain coltach, 'Cumha Iain Ghairbh', 'Fhad 's a tha mi nam shuidhe air an fhadhlainn', 'Tha na fèidh am Bràigh Ùige', 'Mo shàthghal goirt' aig Màiri nighean Alasdair Ruaidh, 'Milis Mòrag', dè an fheadhainn eile 's cuimhne leam? 'Crò Chinn t-Sàile', ò dè nach bitheadh i a' seinn.

'S tha e coltach... bha i, an teaghlach air òrain a thoirt à Loch Aills' 's à Cinn t-Sàile, bha iad air òrain a chruinneachadh fhad 's a bha iad an Ìochdar Thròndairnis, oir nuair a thàinig Dòmhnall Ruadh às Loch Aills' dhan Taobh Sear, phòs e NicMhathain eile dhe teaghlach a bh' anns an Eilean Sgitheanach mar-thà; 's ann à Peighinn Sòraig faisg air Ùige a bha i. 'S mar sin, fios agad, bha òrain Ìochdar Thròndairnis, an fheadhainn a bh' ann, 's bha òrain Loch Aills', 's òrain, uill, a bhiodh mun an Sgorr 's àiteachan mar sin, 's às a' Bhràighe.

Agus bha cuimhne anabarrach aice. Bhiodh Alasdair bràthair mo mhàthar a' tighinn a-nall a dh'aon ghnothach a sgrìobhadh òrain a bh' aice. Agus bha i air a leabaidh le, uill 'son a cheithir bliadhna mu dheireadh dhe beatha, ach cha do sguir sin i fhèin. Cha do sguir sin i fhèin. Agus ged a bha i dhen Eaglais Shaor Chlèireach, fios agad, cha robh sin a' cur bacadh sam bith oirre. 'S e dìreach òrain 's ceòl agus crodh. Crodhadh. Sin far an robh a h-ùidh, agus bha i... bhiodh Alasdair bràthair mo mhàthar cuideachd a' sgrìobhadh sìos ainmean laoidhean 's rudan mar sin bhuaipe. Bha i... tha e coltach gun robh i anabarrach fiosrach. Ah, nam biodh i air a... nam bithinn... fios agad, cha robh mise dusan nuair a chaochail i.

DE: 'S dè an aois a bha ise an uair sin?

SM: Chan eil sinn cinnteach an ann 84 no 86 a bha i.

DE: Agus bha i a-staigh agaibh fhèin... 's ann a-staigh agaibh fhèin a bha i?

SM: Ò 's ann againne a bha i a' fuireach. Agus ged a bha i air a leabaidh le rheumatics airson ceithir bliadhna, cha robh dad ceàrr air a h-inntinn, 's cha robh i... agus bha i garbh, fhios agad, bha i anabarrach bàidheil, agus bha i dìreach dhen bheachd nach robh mòran dhaoine air an t-saoghal coltach ri Clann 'icMhathain, 's tha cuimhn' agam, fios agad... Seonaidh mo bhràthair, chan e ainm a sheanar a bh' air idir ach ainm Seonaidh am mac bu shine aicese. Chaochail e an Glaschu nuair nach robh e ach 28, le pneumonia. Agus bha Seonaidh, bha falt ruadh air, dorcha ruadh, 's fios agad, na sùilean caran donna, fios agad, soilleir dhonn agus seòrsa cumadh aodainn a bh' air, bha i ag ràdh a bh' air Clann 'icMhathain, agus 's e sin, fios agad... bha i... cuideachd, fios agad, an t-ainm a bh' air, bha sin a' cunntas cuideachd, agus bha i ag ràdh gun robh e coltach ri Clann 'icMhathain, 's tha mi a' smaoineachadh gun robh i ceart. Ach bha iad ag ràdh gun robh i glè bhrèagha i fhèin. Tha e coltach gur e Siùcar Iain 'ic Sheumais am far-ainm a bh' oirre. Agus a piuthar pòsta, Catrìona Mhòr Iain 'ic Sheumais, pòsta aig Somhairle Neacail, Gille Dubh a' Bhràighe. Bha ise na boireannach mòr 's bha iad ag ràdh gun robh i cho làidir ri dithis fhireannach. 'S e sin Catrìona Mhòr a piuthar, a bha beagan na b' òige na i.

DE: Agus an robh iad a' ràdha gun robh ur seanmhair, gun robh i fhèin làidir, gun robh an neart anns na daoine a bha sin?

SM: Ò tha mi a' smaoineachadh gun robh, ceart gu leòr. Niste, Clann 'IllEathain dhe robh sinne. Tha e coltach... ann an Eilean nam Fear Mòra, an Ratharsair, bha Tormod Mòr Iain 'ic Thormoid a bh' air, 's Calum Mòr a bh' air a bhràthair, 's Eachann Mòr Sgreapadail a bh' air fear eile dhiubh, bràthair eile 's e Niall Mòr a bh' air fear eile. Ach phòs Tormod Iain 'ic Thormoid boireannach uabhasach beag. 'S e NicLeòid a bh' innte. Agus phòs a mhac Iain sin às a dhèidh. 'S mar sin, dh'fhàs Clann 'IllEathain Ratharsair, dh'fhàs iad caran beag. Uill, bha Alasdair bràthair m' athar, bha e mu shia troighean, ged a bha m' athair, bha e dìreach mu mo mheud fhìn.

DE: Nist, mun canadh iad 'mòr' ri duine mar sin, dh'fheumadh e bhith na dhuine gu math mòr, tha mi a' creidsinn?

SM: Dh'fheumadh an Ratharsair, oir bha daoine anabarrach mòr an Ratharsair, fios agad. Chan e dìreach facal a th' ann an Eilean nam Fear Mòra. Tha cuimhn' agamsa nuair a bha mi fhìn òg aig tiodhlacadh an Ratharsair, bhithinn a' gabhail iongnaidh air meud nan daoine. Clann 'icLeòid, Clann 'icNeacail. A' chuid mhòr. Bha feadhainn eile ann cuideachd. Ach tha e coltach gun robh...

Uill, niste, bha ise làn de sheann òrain. Fios agad, òrain a fhuair i... bha mi a' smaoineachadh uaireannan gun do dh'ionnsaich i mòran o mo sheanair - bha esan na iasgair 's bha smac aice ach chaochail e le pneumonia nuair nach... cha robh e ach 52, 's bha i na banntraich mòran dhe beatha. 'S tha e coltach... bha i uabhasach math air obair, agus tha e coltach gun robh i ainmeil air speuradaireachd, fhios agad, ag innse dè an t-sìde a bhiodh ann. 'S e boireannach comasach a bh' innte. Och bha i... niste... ò, na chuala mise, fios agad, bhuaipe de dh'òrain, agus bhiodh Alasdair, bràthair mo mhàthar, bhiodh e dìreach ag èisteachd. Bhiodh e a' tighinn a-nall a dh'aon ghnothach às a' Bhràighe, às dèidh a' chogaidh. 'S bha i air a leabaidh an uair sin.

DE: Agus a bheil cuimhn' agaibh fhèin fhathast air na faclan aig na h-òrain a bha sin, a bha sibh a' cluinntinn aice?

SM: Ò Shìorraidh, tha. Tha e neònach, fios agad, cha b' urrainn dhomh an dìochuimhneachadh, air dòigh. Agus bha rudan aice... tha cuimhn' a'm nuair a chuala mi iad a' seinn 'Luinneag MhicLeòid', ò na faclan, fios agad, agus an diofar a bh' ann, seach mar a bha... bha ise cho mall leis. Cho mall leis. Chan eil fhios a'm carson a thug iad luinneag air, ach, ò bha rudan coltach ri 'Cumha Iain Ghairbh'.

Niste, Peigi. 'S e Peigi piuthar m' athar, bu shìne dhen teaghlach. Bha i deich bliadhna na bu shìne na m' athair, Peigi. 'S bhiodh Peigi a' tighinn airson mìos a dh'fhuireach còmhla rinn a h-uile bliadhna. Bha i ag obair ann an Glaschu 's ann an Lunnainn glè thric. Agus dh'fheumamaid a dhol a-mach a dh'iasgach còmhla rithe. Bhithinn-sa a' dol mach... fhios agad, bha mi garbh dèidheil air bàtaichean. Agus bhiodh Peigi, bhiodh i ag èirigh mu aon uair deug, 's a-mach a dh'iasgach gus an tigeadh sinn dhachaigh gu ar dinnear, agus às dèidh sin a-rithist, agus an uair sin air an oidhche, iasgach saoidhean. Agus nuair a bhithinn fhìn 's Peigi, bhithinn-sa, na mo ghille, nuair nach robh mi ach, uill, fios agad, bhiodh Peigi a' tighinn an dèidh bàs a màthar, bhiodh i a' tighinn fhad 's a bha i beò, ach bha i mu dheireadh an Ratharsair. Agus bha mi fhìn 's Peigi, bhithinn a' dol a-mach leatha leam fhìn, agus cha robh ann ach òrain, 's bha i làn de sheann òrain. Ò, bha ise... bha guth math aice cuideachd, 's bha i làn de sheann òrain, agus bhithinn-sa, fios agad, bhithinn... bha mise cho dèidheil air bàtaichean... [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

DE: Bha sibh a' ràdha gum biodh sibh... nuair a bha sibh a' dol a-mach anns a' bhàta còmhla ri Peigi - piuthar ur n-athar, nach e? - agus bhiodh i a' gabhail nan òran anns a' bhàta?

SM: Ò bhitheadh. Bhithinn-sa a' maoidheadh gun d' reighinn air strike mura gabhadh i òran. Tha cuimhn' agamsa latha, nuair a bha a h-uile duine eile a' dol gu Geamachan Phort Rìgh, dh'fhuirich mi airson a toirt a-mach a dh'iasgach. Agus bhithinn an siud a' maoidheadh, ag argamaid mu dheidhinn poilitigs, fhios agad, bha ise air fàs na Tòraidhe mun àm sin, leis a' Chiad Chogadh, ged a bha i na Sòisealach 's na Nàiseantach agus na Suffragette ron a' chogadh; Ciad Chogadh. Bha. Ò, 's e boireannach, 's e boireannach anabarrach a bh' innte, ann am Peigi.

Niste, bhiodh... cha robh ann ach seinn agus... fhios agad, nuair a bha mise 16, 17, 18, 19, agus dh'fhàs mi uabhasach math fhèin air iomradh airson mo mheud agus mo neart. Dh'fhàs mi uabhasach math air iomradh.

Agus, niste, bha Flòraidh, piuthar m' athar, bha ise pòsta aig Uibhisteach. Cha bhiodh i an Ratharsair ach glè ainneamh, ach bha ise math air òrain cuideachd, agus bha seòrsa de sèist aice air 'Tha na Fèidh am Bràigh Ùige' nach cuala mise aig duine air an t-saoghal eile. Agus bha e neònach. Air dòigh, bha rudan aig Peigi nach robh aig a màthair. Fhad 's is cuimhne leam. Tha mi a' smaoineachadh... dh'fhaodadh gur ann o h-athair a fhuair i iad, oir 's e seòrsa de bhàrd a bh' ann an mo sheanair, Calum MacIllEathain, ach chan eil fhios a'm air guth... air facal bàrdachd a rinn e, oir bha iad ag ràdha... ò, bha e uabhasach dèidheil air a' mhuir 's tha e coltach gur e maraiche uabhasach math a bh' ann. Ach cha robh i aig a bhean, aig Màiri Iain 'ic Sheumais, ach air fearann 's crodh.

DE: Nist, tha... far an tug sibh tarraing ann a shiud, air an dòigh a bh' aicese air an fhonn aig 'Tha na fèidh am Bràigh Ùige', an ann mar a seo a tha e aig Catrìona, do nighean fhèin?

SM: Ò 's ann.

DE: Agus 's e thu fhèin a dh'ionnsaich...

SM: Eadar mi fhìn 's Seonaidh. A h-uile dad a th' aig Catrìona, uill, a' chuid mhòr a th' aice, de dh'òrain Ratharsair, 's e Seonaidh agus mi fhìn... fios agad, bha guth math aig Seonaidh, ged nach robh guth math agamsa. Ach tha mise a' smaoineachadh mi fhìn, tha e neònach, gun robh cluas mhath agam airson rud a chanadh tu, fhios agad, tìm 's gluasadan, air neo ruitheam. Tha mi a' smaoineachadh gun robh. Tha mi a' smaoineachadh gun robh. Agus cuideachd, tha e neònach, dh'ionnsaich mise òrain do Chatrìona mi fhìn gun Seonaidh idir, le bhith ag innse dhi...

Niste, tha cuimhn' a'm, fios agad, cuideachd, bhiodh Alasdair, bràthair mo mhàthar, a' tighinn a-nall, 's e ag arg... m' athair-sa fhèin ag argamaid, fios agad... ò, bha esan, fios agad, bhiodh e a' bruidhinn mu Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, ach cha chreid mi gun robh eòlas sam bith aig m' athair air Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, ach bha eòlas math aige air Donnchadh Bàn agus Rob Donn agus Uilleam Ros. Bha e uabhasach math air seinn Uilleim Rois, òrain Uilleim Rois.

Agus, uill, niste, mo mhàthair, 's e Curstaidh Shomhairle Mhòir Iain 'ic Shomhairle Phìobaire 'ic Iain 'ic Eòghainn. Sin cho fad 's as urrainn dhomh... Niste, bha... 'S e mo sheanair Somhairle Iain 'ic Shomhairle. Somhairle Iain 'ic Shomhairle Phìobaire. Bha Somhairle Pìobaire na phìobaire san Spàinn, agus chaidh a leòn anns na làmhan.

DE: Bha seo an cogadh a' Pheninsular, an ann?

SM: Aidh, agus fhuair e, fios agad, bhuail... rug an reothadh air agus chrùb a mheòir, agus thàinig e às an Arm. Bha e aig Corùna, agus 's ann ann an ratreut gu Corùna a thachair sin dha. Agus 's e duine... tha e coltach gur e duine anabarrach brèagha a bh' ann, oir tha port-à-beul mu dheidhinn: "Somhairle na Pìoba an gille grinn a bha an Holm, bha e mòr 's bha e bàn." Ach tha e sa phort-à-beul gun do phòs e "an tè bheag dhubh a mhill an fhuil".

DE: Ciamar a bha am port... Cha chreid mi gun cuala mi am port a-riamh. Ciamar a bha e a' dol, a Shomhairle?

SM: "Somhairle na Pìoba an gille grinn a bha an Holm, Somhairle gun chomhairle gun do tharraing thu, ò Somhairle na pìoba an gille grinn a bha an Holm." Niste, fios agad, bha rud ann, fios agad, [???] chan eil fhios a'm ciamar a bha an tionndadh mun tè bheag dhubh a mhill an fhuil. 'S e ban-Dòmhnallach a bh' innte.

DE: Ò bha thu a' ràdh rium gun robh taobh Dòmhnallach ort.

SM: Och a Dhòmhnaill, feumaidh mi aideachadh 's e NicCuithein a bh' innte.

DE: Ò uill!

SM: Ach tha e coltach gun robh i uabhasach snog, ged a bha i beag 's ged a bha i dubh. Niste, Somhairle sin, Somhairle na Pìoba, 's e Somhairle mac Iain 'ic Eòghainn a bh' ann, agus tha iad ag ràdha, ach chan eil mi cinnteach, gun deach... gun robh a sheanair glè chàirdeach dha MacNeacail Sgorra Breac, 's gun deach a chur às fhearann math às a' Bhile faisg air Port Rìgh airson a bhith... airson cuideachadh ann an sàbhaladh a' Phrionnsa Teàrlach, ach chan eil fhios agamsa air sin.

Niste, nuair a chaidh an tuath a chur dhe Sgorra Breac, thàinig Somhairle Pìobaire a Bhràighe, na sheann duine, agus bha e an Camas Dìonabhaig 's an Gead an Tàilleir. Agus cha chreid mi gun robh mòran ciùil ann an, ged as e pìobaire a bh' annsan, ann an Somhairle Pìobaire, ann an Clann 'icNeacail sin. Agus Iain mac Shomhairle, mo sinn-seanair air an taobh sin, bha esan pòsta aig NicNeacail eile às a' Bhràighe. Taobh eile. Agus màthair mo mhàthar 's e Iseabail Dhòmhnaill Bhàin a bh' oirre. Fuirich, fuirich, fuirich, càit a bheil mi? Phòs mo sheanair, Somhairle Mòr Iain 'ic Shomhairle Phìobaire, phòs e Iseabail NicLeòid, nighean Dhòmhnaill Bhàin, agus Clann 'icLeòid seo, 's ann à Ratharsair a bha iad. Bha iad ann an Torra Mìcheig 's thàinig a Bhràighe nuair a chaidh na daoine a chur dhe Torra Mìcheig. Fhios agad far a bheil an golf course? Sgonnsar. Agus 's e esan, 's e Dòmhnall Bàn mac Alasdair 'ic Iain 'ic Ailein Ruaidh a theireadh iad ris. Agus tha Alasdair, athair Dhòmhnaill Bhàin, tiodhlacadh an Ratharsair.

Ach chan eil fhios a'm cò meud ginealach a bha iad sa... ged a tha iad san Eilean Sgitheanach, ach 's ann à Ratharsair a bha Ailean Ruadh agus tha feadhainn ag ràdha gur ann às Leòdhas a thàinig Ailean Ruadh. Chan e... chan ann Ailean Ruadh fhèin ach a shliochd. Chan e ach a shinnsre, tha mi cinnteach. Tha feadhainn eile ag ràdh gur ann à Geàrrloch no às a' Chòigeach. Ach tha muinntir Ailein sin air an tiodhlacadh ann an seo, an Caibeal Chlann 'ic 'ille Chaluim. Agus bha Bellag an Achaidh ag ràdha rinn, cha robh i càirdeach dhuinne, nuair a chaochail Ailean Ruadh, gun tuirt a mhic gum feumadh e a dhol far an robh na daoine aige ann an Caibeal Chlann 'ic 'ille Chaluim. 'S thuirt Mac 'ille Chaluim aig an àm nach robh àite ann dha. Ach thuirt mic Ailein Ruaidh gum feumadh e dhol ann, agus thog Mac 'ille Chaluim caibeal ùr dhan an teaghlach aca.

Ach bha feadhainn ag ràdha gur ann à Leòdhas a thàinig e, agus fios agad, bhiodh sin coltach... a shinnsre. Feadhainn eile ag ràdh gur ann à Geàrrloch no às a' Chòigeach, fios agad, far an robh Clann 'icLeòid. Ach tha e coltach gun robh iad càirdeach do Chlann 'ic 'ille Chaluim.

Niste, Iseabail Dhòmhnaill Bhàin, mo sheanmhair, chaochail i, cha robh i ach mu leth-cheud, ann an 1910 tha mi a' smaoineachadh a bh' ann. Cha robh mise... cha do rugadh mise. 'S tha e coltach ged a bha i, fhios agad, a' leantainn na h-Eaglais Shaor Chlèireach, fios agad, cha robh i na bean chomanaich, ach bha i gu math, fios agad, dòigheil. Bha e coltach gun robh i anabarrach math air seinn cuideachd, agus dh'ionnsaich muinntir mo mhàthar, òrain bhuaipe.

Niste, cha robh mo... cha dèanadh mo mhàthair seinn mhath ach tha Ceit a piuthar, a chaochail an latha roimhe, bha i anabarrach math... ò, bha i math, math air seinn. Ò, bha i math, math air seinn. Agus cha dèanadh Alasdair fhèin seinn ach bha Dòmhnall, dhèanadh e seinn, 's e na bhàrd, 's bha Aonghas anabarrach math air seinn. Fhios agad, thuirt Newman gur e, aig aon uair, gur e Aonghas an guth a b' fheàrr a chuala e air na records. Ach bha Aonghas, fios agad, bha e air falbh na chìobair air tìr-mòr agus 's ann glè ainneamh a bhiodh e sa Bhràighe. Uill, bhiodh e uair sa bhliadhna ann, agus cha bhiodh e ro thric an Ratharsair gus an robh e na sheann... uill, thàinig e ann an 1940, ga habhail an tuathanais, fios agad, an Ratharsair.

Ach, fios a'd, uill bha Dòmhnall na phìobaire, seòrsa... nist an robh? Bha Seumas, bràthair mo mhàthar, am fear a b' òige, na phìobaire uabhasach math, 's bha... agus, cò eile a-niste? Bha Alasdair na phìobaire, 's dhèanadh Calum seinn, bha Calum ainmeil airson iomain. Cha dèanadh mo mhàthair seinn, ach tha e coltach gun robh a màthair uabhasach math air seinn. Agus fhuair iad òrain bhuaipe. 'S fhuair Alasdair, bràthair mo mhàthar, òrain o dhaoine eile sa Bhràighe, gu h-àraidh de... Màiri Iain 'ic Chaluim, màthair Nic an Tòisich. Chaochail ise dìreach ro dheireadh a' Chiad Chogaidh. Tha fìor chuimhne agam oirre, air a faicinn, fios agad. Ò, 's fhuair Aonghas mòran òrain buaipese. Màiri Iain 'ic Chaluim a chanadh sinn rithe. Bha i a' fuireach an Achadh na h-Annaid corra uair.

Niste, nuair a bha Ceit, piuthar mo mhàthar ann an Sgoil Phort Rìgh, fhios agad, thàinig i às Sgoil Phort Rìgh nuair a chaochail a màthair, 's bha i a-riamh a' cumail taighe dha h-athair, 's fear no dhà dhe a bràithrean, agus bha a teagasg sa Bhràighe aig... tha fhios gur ann àm a' Chiad Chogaidh, Magaidh Chrìsdein, piuthar Ailein Chrìsdein, an dotair ainmeil, agus fhuair Ceit òrain bhuaipese. 'S ann bhuaipese a fhuair Ceit am fonn air, agus na faclan air, 'Mo Robairneach Gaolach', fhios agad, agus bha... 's dh'ionnsaich Seumas Caimbeul e o Cheit, piuthar mo mhàthar. Dh'ionnsaich. Mar a bha esan ga sheinn, agus na faclan, fhios agad, tha e coltach gur ann, agus, ò bha, mar sin, fhios agad, bha e air an dà thaobh.

Niste, bha Dòmhnall MacLeòid, Dòmhnall Bàn [???] mar a theireadh iad, bha e pòsta aig Catrìona Iain Stiùbhairt, agus bha na Stiùbhartaich, tha e coltach gun robh eanchainn annta, barrachd eanchainn na bh' ann am mòran dhaoine. Fhios agad, 's e bràthair mo shinn-seanmhar na Stiùbhart... a' chiad fianais a bha ro... a bha mu choinneamh Coimisean nan Croitearan. Ach tha e coltach nach robh ceòl anns na Stiùbhartaich. Ged a bha, tha e coltach gun robh eanchainn annta. Agus bha Iain Stiùbhart na bhàrd agus tha feadhainn ag ràdha gur e... gum biodh Gilleasbaig Aotrom a' tighinn gu Iain Stiùbhart, 's ag èigheach: "Iain Stiùbhart, tha mi dol air turas den [?rann-leabhar], agus feumaidh siud 's feumaidh seo a bhith ann."

Uill, sin an Iain Stiùbhart seo. Niste, bha na Stiùbhartaich sin ann am Peighinn a' Chorrain, anns an roll a' mhàil 1733, agus 's e an aon daoine a bh' annta ri Parnell ann am Bhaltos air an Taobh Sear. Tha e coltach, na Stiùbhartaich sin. Ach tha e coltach nach robh ceòl annta, ach gun robh eanchainn annta.

DE: 'S cò às a-nist... bha sinn a' bruidhinn air seo uaireigin roimhe tha mi a' smaointeachadh. Cò às a bha na Stiùbhartaich a bha sin? A bheil tuairmse agad?

SM: Chan eil fhios a'm cò às a thàinig iad, ach bha mòran Stiùbhart... bha rud math Stiùbhartaich san Eilean Sgitheanach. Tha mise a' smaoineachadh gun tàinig Stiùbhartaich an Eilein Sgitheanaich nuair a bha Ruairidh Sgaiteach airson gun leanadh an nighean a bha pòsta aig Mac Iain Stiùbhairt na h-Apainn e, an àite a bhràthar, Iain Breac. Ach màthair Dhòmhnaill Bhàin, 's e Maighrearad Bhàn NicMhaoilein a bh' oirre, agus tha iad ag ràdh gun tàinig a' chiad duine dheth, 's e na Clèirich a th' air Clann 'icMhaoil iad sin, 's tha... seann bhoireannach, uill chan eil i cho sean, tha i am Peighinn a' Corrain fhathast. Tha iad càirdeach dhòmhsa. Gun tàinig a' chiad MhacMhaoilein dhan Eilean Sgitheanach còmh' ris a' chiad Dòmhnallach, na chlèireach à Cnap Chinn Tìre. Agus 's e na Clèirich a th' aca orra. Agus tha e coltach gun robh Maighrearad Bhàn, gur e boireannach anabarrach brèagha a bh' innte. Dh'fhalbh i a dh'Astràilia na seann aois a dh'fhuireach còmhla ri a nighean. Bha feadhainn ag ràdh gun deach i a dh'Astràilia airson nach biodh i air a tiodhlacadh còmhla ris an duine aice, Alasdair Cealg ann an Ratharsair. Uill, niste, sin Clann 'icNeacail, 's Clann 'icLeòid agus na Stiùbhartaich.

Niste, tha mi a' smaoineachadh... och, fios a'd, bha Peigi... Chaochail Peigi, thàinig i a dh'fhuireach a Ratharsair mu dheireadh, 's chaochail i bliadhna mus do chaochail m' athair. Chaochail i ann an 1950. Ach bha ise, bha i... bha i ceithir fichead 's a... bha i deich bliadhna na bu shine na m' athair, bha i 81 nuair a chaochail i. Ach bha Peigi, bha i... Thuirt mi ann am pàipear dha Comann Gàidhealach Inbhir Nis gun robh rud glè neònach aice, nach cualas aig duine eile a-riamh. Ò, bha cuid a dh'òrain aice, fios agad, nach... Bha mòran cheathramhnan dhe 'Ceud soraidh bhuam fhìn gu m' eòlas', an t-òran sin mu Sgorra Breac aice, nach eil cuimhn' a'm, o mo sheanmhair. Chuir mi sin ann an rud anns an leabhar aig Comann Gàidhealach Inbhir Nis. Agus, fios a'd, bha rud aice, fios agad, air fonn 'Mo rùn geal òg', agus an àite "mo rùn geal òg" 's e "mo Lachlann Mòr" a bh' ann, agus bha ann:

Cà 'm facas air thalamh
boinne fala a b' àille
na an t-oighre bh' air Dubhaird
Locha Buidhe agus Àros.

Ach tha an ceathramh sin, cha mhòr... fios agad, ann am marbhrann dha Eachann Ruadh a chaidh a mharbhadh ann an Inbhir Chèitinn. Ach dh'fhaodadh gur e seo òran na bu shìne. Smaoinich [???] cò às a thàinig sin.

Agus mo sheanmhair, fios agad, uill tha mi a' smaoineachadh gun robh òrain aig Peigi a fhuair i o h-athair. Fhios agad, cha bhiodh m' athair ach mu naodh nuair a chaochail athair, ach bhiodh Peigi naodh-deug. Bhiodh Peigi naodh-deug, agus 's e m' athair a b' òige dhen an teaghlach. Fhios agad, bha Peigi 's an uair sin Seonaidh a chaochail nuair a bha e òg, 's an uair sin Alasdair 's an uair sin Flòraidh 's an uair sin m' athair. Cha bhiodh Alasdair, 's e pìobaire a bh' ann an Alasdair cuideachd, ach bha a h-uile duine ag ràdh nach robh e cho math ri m' athair air pìobaireachd.

Agus bhiodh m' athair, ò fios agad, bhiodh e an-còmhnaidh a' bruidhinn air Geamachan Phort Rìgh, a bhith a' cluinntinn pìobaireachd, a' phìobaireachd aig an Dòmhnallach Mhòr, John MacDonald, Dòmhnallach Mòr Inbhir Nis. Agus ò, bha ùidh eagallach aige anns a' phìobaireachd aig an Dòmhnallach sin. Cha chreid mi gun cuala e Uilleam Eairdsidh, mar a chanadh iad, riamh, fhios agad. Cha bhiodh Uilleam Eairdsidh a' tighinn a Phort Rìgh, fhios a'd, cha chreid mi gun do rugadh esan an Ratharsair.

DE: Agus an cluichdeadh d' athair, an cluichdeadh e ceòl mòr e fhèin?

SM: Chan eil cuimhn' a'm e a bhith a' cluich ceòl mòr idir. Chan eil cuimhn' a'm air. Ach bha ùidh mhòr aige ann agus gu h-àraidh ann an ceòl mòr mar a bha e air a chluich leis an Dòmhnallach, leis an Dòmhnallach Mhòr. Ò bha. Cha chreid mi gun cuala e Uilleam MacIllEathain riamh, Uilleam Eairdsidh. Fios agad, cha bhiodh Uilleam Eairdsidh a' tighinn a Phort Rìgh uair sam bith. Sguir e ron a' Chiad Chogadh, a' feuchainn. Sguir e.

Niste, dh'fhàs mise anabarrach dèidheil air cuid, air mòran, gu h-àraidh na seann òrain, agus an ceòl 's am bàrdachd cuideachd, glè òg. Dh'fhàs mi anabarrach... Niste, nuair a chaidh mi a Sgoil Phort Rìgh, ghabh mi Gàidhlig agus bhithinn a' leughadh, fios agad, 's dh'fhàs mi gu math dèidheil air rudan coltach ri, sa Bheurla, [???] aig Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, 's pàirt de 'Ben Doran', 's rudan mar sin, glè òg. Agus cuideachd, fhios agad, nuair a thàinig mise a dh'Oilthigh Dhùn Èideann, cha robh mi cinnteach an gabhainn Gàidhlig le Laideann, no an gabhainn eachdraidh. Bha feadhainn ag iarraidh orm eachdraidh a ghabhail. Maighstir-sgoile Beurla am Port Rìgh ag iarraidh orm eachdraidh a ghabhail, oir bha e ag ràdh: "Ma ghabhas tu Beurla no rud mar sin, feumaidh tu bhith na do thidsear, agus na bi na do thidsear."

DE: 'S carson a bha e a' ràdh seo?

SM: Bha e na thidsear e fhèin. "Agus ma ghabhas tu eachdraidh, gheibh thu a-staigh... tha e fada nas fheàrr airson an Civil Service." 'S bha mi caran, bha mi math air eachdraidh. Agus... ach bha mise a' smaoineachadh nan gabhainn Gàidhlig nach fhaighinn obair gu sìorraidh, fhios agad. Bha e an àm cho dona, fhios agad. Ach nuair a... cha robh mi ach... fhios agad, ghabh mi aon chlas Gàidhlig, agus nuair a fhuair mi an Degree, bha Grierson ag iarraidh orm a dhol a dh'Oxford. Ach 's ann a bha mi a' smaoineachadh gun gabhainn, mar a chanadh tu, Inter-Honours Gaelic a' bhliadhna a bha mi ann am Moray House. Agus bhiodh seann MacBhàtair air rud sam bith a dhèanamh airson gum freagradh clasaichean mi, ach cha leigeadh muinntir Moray House leam. Bha iadsan cho mòr asta fhèin. Bha.

Niste... ach co-dhiù, ged a bhithinn air sin a dhèanamh, ciamar... bha mi a' smaoineachadh, fhios agad, bha mi airson tòiseachadh air cosnadh. 'S bha Seonaidh a' dol a Chambridge... [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good