Search

Prògram Choinnich

Date 06 March 1997
Track ID 7099
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 06.03.1997

Summary

The life history of Mary Queen of Scots.

Iain Sinclair tells about the sad life history of Mary Queen of Scots from the time she was born in Linlithgow in 1541 until she was executed in England in 1587. She lived in France when she was young, she was married three times and her life was affected by the political and religious conflicts of the time. She was a prisoner in different castles.

Item Subject/Person

Mary Queen of Scots

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Nach tric a chuala sinn an t-ainm Màiri Banrigh na h-Alba, Mary Queen of Scots. An t-seachdain sa, tha sinn a' cluinntinn gu do phàigh cuideigin còrr agus ceithir fichead mìle not airson bonn òir bhon àm nuair a bha i na banrigh. Bidh sinn a' cluinntinn mu deidhinn gu math tric, ach a bheil fhios againn air na tha sin mu deidhinn? Nuair a smaoinicheas mi air, chan eil na tha sin agam fhìn co-dhiù. Tha mi an dòchas nach urrainn dhomh sin a ràdh tuilleadh. Tha Iain Mac na Ceàrdaich gu math eòlach air a h-eachdraidh. Tha e còmhla rium ann an seo an-dràsta. Iain, fàilte ort.

Iain Mac na Ceàrdaich (IM): Halò.

CM: Dè... cuin a rugadh i?

IM: Uill, rugadh Màiri ann a... sa bhliadhna còig ceud deug dà fhichead 's a h-aon, agus 's ann an Linlithgow a rugadh i.

CM: Agus, uill, cò leis a bha i?

IM: Uill, 's e an nighean aig Seumas an Còigeamh Rìgh de Alba, Seumas, agus bha esan... chaochail esan aig an aon àm a rugadh Màiri, agus nuair a bha i còig, dh'fhalbh i dhan an Fhraing, agus phòs i Francis Rìgh an Fhraing ann a shin.

CM: Agus, uill, tha sin a' dèanamh... ag innse dhuinn beagan, a-rèiste, mu dheidhinn an ceangal a bha eadar an Fhraing agus Alba aig an àm, nach eil?

IM:'S e. Uill, 's e an Fhraing a bha ag iarraidh air Màiri a' pòsadh Francis, air sgàth 's bha sùil aig an Fhraing air Sasainn aig an àm seo, agus bha buntanas aig Màiri ri Sasainn fhèin, agus bha claim, mar a chanadh tu, aig Màiri air Sasainn.

CM: Agus 's e poilitigs a bha a-staigh anns a' chùis a-rèiste cuideachd. Bha an Fhraing ag iarraidh còir air Sasainn agus Alba, agus cha d' fhuair iad sin. Ach innis dhomh beagan mu deidhinn, mu deidhinn a beatha... mu dheidhinn a beatha.

IM: Uill, airson cuideigin a tha cho ainmeil mar Albannach, tha e annasach a' faicinn nach robh i ann an Alba ach airson seachd bliadhna den a' bheatha aice, agus thàinig i air ais gu Alba nuair a bha i naoi-deug, agus 's e an t-adhbhar a thàinig i air ais, bha Francis... chaochail Francis, agus mar siud cha robh... cha robh buntanas aig Màiri an uair sin gun an Fhraing mar banrigh, agus cha robh aice air fhàgail ach Alba. Ach bha i ag iarraidh Sasainn cuideachd.

CM: Uill, dh'fhalbh i na nighean òg, a-rèiste. 'S e bana-Fhrangach a bh' innte dha-rìribh, nuair a thill i, nach e?

IM: 'S e. Ò, gu dearbh. Fraingis a' chiad cànan a bh' aice, tha mi cinnteach.

CM: Ach aig an àm a bha sin cuideachd, bha gnothaichean creideimh a' tighinn a-steach dhan a' chùis gu math mòr, nach robh?

IM: Bha, agus bha sin a' buntainn gu mòr ris an suidheachadh aig Màiri. Bha John Knox aig an àm sin gu math làidir ann an Alba, agus bha strì eadar Màiri agus John Knox.

CM: Agus an strì sin cuideachd mar phàirt dhen an deasbad eadar Alba agus Sasainn fhèin aig an àm a tha sin, nach robh?

IM: Bha. Uill, bha Ealasaid na Banrigh ann an Sasainn aig an àm sin. 'S e Pròstanach a bh' innte, agus 's e Caitligeach a bh' ann a... a bh' ann am Màiri.

CM: Tha fhios againn uile, 's e sin an aon rud a tha fhios againn mu dheidhinn, gun robh Ealasaid mar mheadhan air Màiri a chur gu bàs. 'S e sin an sgeulachd a th' againn co-dhiù, nach e?

IM: 'S e.

CM: An e an fhìrinn a tha sin?

IM: Tha mi a' smaoineachadh gur e, agus tha feadhainn a' ràdh gun robh e annasach gun robh i beò cho fada ann an Sasainn mus d' fhuair i bàs.

CM: Dè tha thu a' ciallachadh? Dè cho fad 's a bha i beò ann an Sasainn?

IM: Uill, chaidh i sìos gu Sasainn ann an còig ceud deug 's a trì fichead 's a h-ochd, às dèidh am blàr aig Langside faisg air Glaschu a chall, agus chuir Ealasaid i gu bàs anns a' bhliadhna còig ceud deug ceithir fichead 's a seachd.

CM: So bha i faisg air fichead bliadhna, a-rèiste...

IM: Bha.

CM: Na prìosanach, an ann?

IM: 'S ann. Ann an diofar caistealan ann an Sasainn.

CM: Ach, a-nise, am faod sinn a dhol air ais a-rèiste. Thàinig i air ais a dh'Alba aig aois naoi... naoi bliadhna deug. Dè rinn i nuair a thàinig i air ais?

IM: Uill, nuair a thàinig i air ais, bha i gu math deònach na daoine, na h-Albannaich, an creideamh aca fhèin a chumail. Cha robh i airson a bhith a' cur an Eaglais Caitligeach air ais mar a bha e, ach bha i ag iarraidh an creideamh aice fhèin a chumail. So mar siud, thàinig cùisean glè mhath an toiseach, 's an uair sin phòs i Darnley, agus 's e droch mearachd a bha sin, agus bha...

CM: Cuir nar cuimhne cò bh' ann an Darnley.

IM: Darnley, 's e morair a bh' ann an Darnley, agus bha e gu math òg e fhèin. Cha robh e ach fichead. Agus 's ann às a sin a thàinig am mac aca, Seumas. 'S dòcha Seumas... an aon de na Seumasaich as ainmeil, James the First of England, Sixth of Scotland.

CM: Agus, uill, tha thu ag ràdh, 's e mearachd a bh' ann. Carson as e am mearachd a bh' ann?

IM: Uill, cha robh e... às dèidh a bhith pòsta, cha mhòr nach... cha deach bliadhna seachad agus bha i sgìth de Darnley. 'S e nàdar de amadan a bh' ann an Darnley, a rèir Màiri co-dhiù. Agus bha e... bha càirdeas aice leis am fear a bha seo, Riccio, agus thàinig Darnley 's feadhainn de na... de na morairean eile, agus mhurt iadsan Riccio, agus chuir seo Màiri ceàrr buileach, 's bha... cha robh i toilichte idir le seo. Agus mar siud, ann an trì fichead 's a seachd, mhurt... chan eil fhios aca le cinnt cò, ach mhurt cuideigin Darnley, agus ann am bliadhna phòs Màiri a-rithist gu Bothwell, agus...

CM: Ciamar a chaidh sin?

IM: Chaidh sin gu dona cuideachd. Aig an àm seo, bha... phòs i Bothwell, agus bha tòrr daoine a' ràdh gur e Bothwell a bha air Darnley a mhurt, agus chaill... chaill Màiri... cha robh duine anns an dùthaich deònach Màiri a bhith na banrigh aca a-nis, agus bha blàr eadar Màiri agus feadhainn de na morairean eile, agus dh'fhalbh i gu Sasainn.

CM: Agus an deach a cur an grèim? An deach a cur dhan a' phrìosan cho luath 's a theich i a Shasainn?

IM: Chaidh i sìos gu Sasainn airson faighinn air falbh bho na morairean ann an Alba, ach chuir Ealasaid i dhan phrìosan air an spot, cha mhòr.

CM: Agus, uill, mas e agus gun robh i na cunnart do dh'Ealasaid, gun robh ise ag iarraidh crùn Shasainn dhi fhèin, carson nach do chuir Ealasaid às dhi anns a' bhad?

IM: Deagh cheist. Deagh cheist. Uill, 's e cousin do dh'Ealasaid a bh' ann am Màiri. Bha iad... bha càirdeas aca. 'S dòcha gur e sin an t-adhbhar.

CM:'S an dùil dè as coireach gu bheil i cho ainmeil? A bheil fhios agad, 's iomadh duine ainmeil a tha sinn air a dhìochuimhneachadh. Tha còrr... tha còrr agus ceithir cheud bliadhna bhon a seo, tha i fhathast cho ainmeil, tha... chì thu... thèid thu dha na taighean-tasgaidh agus canaidh tu, ò, bha a leithid seo ann bho àm Màiri Banrigh na h-Alba. An dùil dè as coireach gu bheil i cho ainmeil?

IM: Chan eil fhios a'm. 'S dòcha gur e an dà chuid gur e boireannach a bh' innte a bha gu math làidir na latha 's gu math annasach, agus gur e beatha annasach a bh' aice cuideachd. Tha mi a' faicinn gun do thachair tòrr rudan ann an ùine glè ghoirid anns a' bheatha aig Màiri, agus 's dòcha gur e sin an t-adhbhar.

CM: Dè an aois a bha i nuair a chaidh a cur gu bàs?

IM: Dìreach còrr 's dà fhichead.

CM: Mar sin, chan e boireannach aosta a bh' innte idir?

IM: Chan e. Ach tha sgeul ann an sin cuideachd mu dheidhinn a' bhàs a tha annasach, agus nuair a chaidh i dhan execution block, mar a chanas iad, bha feum aig an... bha feum aig an duine a bha a' cur às dhi seachd triopan a' feuchainn ris an ceann aice a chur às a' chorp. Agus b' àbhaist sin a bhith dìreach a' tachairt ann an diog. Ach 's e seachd triopan a bha... a bha aca ri sin a dhèanamh. Agus an uair sin, nuair a bha an ceann aig am boireannach bochd a bha seo na làmh, aig an executioner, thàinig an gruag às a' cheann, agus bha e a' sealltainn gun robh e... nach robh falt brèagha ruadh oirre idir mar a tha sinn uile a' smaoineachadh aig an aois sin. Agus aon rud mu dheireadh, thoisich an corp a' gluasad na laighe air am block, agus bha daoine... cha robh daoine a' tuigsinn dè bha a' tachairt, ach 's e an rud a bha air tachairt, bha cù beag air a bhith a' dol fon corp aice, agus mar siud, bha an corp aice a' gluasad. So 's e sgeul... sgeul truagh a th' ann, gu ìre.

CM: Uill, 's e gu dearbha.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good