Search

Obair an iasgaich ann an Sgalpaigh.

Date 27 May 1977
Track ID 71101
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1977.69.B5

Original Tape ID

SA1977.069

Summary

The Scalpay fishing industry.

There were nine curing stations in Scalpay. Various species of fish were sold. The harbour was full of boats and the island full of strangers. They lived on board their boats. There were different types of boat. The buyers worked for companies on the mainland.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Scalpay

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Mòrag NicLeòid (MN): Agus, a-nise, bha iad a' ciùradh 's ag obair air an sgadan ann a sheo fhèin an uair sin.

Coinneach MacLeòid (CM): Bha. Seachd... naodh... naodh ciùrairean ann a sheo ann an Sgalpaigh. Naodh stèiseanan ann an Sgalpaigh an uair ud.

MN: 'S am biodh sibhse a' reic èisg ann a sheo?

CM: A' reic sgadain, 's a' reic an ugsa, a' reic an truisg, a' reic... cha robh an còrr ann. 'S bha sin a' dol... srainnsearan, cha robh... cha deigheadh tu dà cheum a-mach o do dhachaigh nach coinnicheadh srainnsear thu. Na h-eathraichean packed, 's le eathar o cheann gu ceann dhen acarsaid.

MN: 'S bhiodh iad sin a' fuireach air bòrd nan eathraichean?

CM: A' fuireach air bòrd nan eathraichean, 's a' fuireach na weekends. Bha iad cho fada on dachaigh.

MN: Far an taobh sear?

CM: Far an taobh sear 's far an taobh an iar.

MN: 'S an e an aon seòrsa bàtaichean a bh' aca sin?

CM: Chan e, chan e, chan e.

MN: Bha iad na bu mhotha, an robh?

CM: Bha 's na bu lugha. Feadhainn aca fada na bu lugha na bh' againne.

MN: 'S an fheadhainn bu lugha, bhiodh na bu lugha a chriutha orra?

CM: Bhitheadh. Cha bhiodh ann ach ceathrar.

MN: Agus an robh duine às a seo fhèin a bha a' ceannach, no...?

CM: Bha. Bha iad a' ceannach... Bha iad nan cùbairean a-mach o... o chompanies eile. Bha an-dràsta, am bùidsear, bha e aig fear Anderson à Glaschu. 'S bha iad mar sin, fhios agad, a' ceannach dha na daoine sin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good