Search

Fichead seanfhacal, le mìneachadh air corra fhear dhiubh.

Date 05 June 1975
Track ID 74526
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.81.B9-B28

Original Tape ID

SA1975.081

Summary

Twenty proverbs, with some explanations given.

Miann a' chait san tràigh, 's cha toir e fhèin às e.

'S e 'n cuan an dàra h-uaigh.

Chan eil duine no beathach air tìr, nach eil a shamhail anns a' chuain.

Ultach teine cuid fear eile.

An rud nach gabh na coin, thoir do dh'Iain Odhar e.

Gaoth far thonn, 's gaoth tro tholl, 's gaoth fo bhonn siùil: na trì gaothan as fuair' a th' ann.

Is beag an rud a thoilicheas clann.

Chaidh e ri fear ainme.

Cha b' fheàrr an-asgaidh e.

Chan eil deur air an t-sùil, ged a tha an cù a' caoineadh.

Am fear a gheibh bean, gheibh e buaradh.

Cas a' falbh is cas a' fuireach.

Mol gach neach mar a gheibh thu e.

Cha bhi iomall air cuid a' chait.

Cha tig aon rud gun dà rud.

Tha eagal aig a' bheò ron mharbh.

Socraich d' inntinn fèin air na chaidh seachad, mus miann leat na tha ri teachd a thoirt gu ceart fainear.

Chan iongnadh cèir na cluais a bhith searbh, is ioma rud a tha i a' cluinntinn.

Nach tusa bha 'n-diugh a' tighinn, an àite bhith 'n-diugh a' falbh.

Cha tig fuachd gun tig earrach, cruaidh-chàs no droch cheannach.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good