Search

Mo Chaileag, Mheall Thu, Mheall Thu Mi

Contributors
Date 1963
Track ID 77797
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.54.A10

Original Tape ID

SA1963.054

Summary

In this song a man addresses a young woman who has deceived him. He still loves her and wishes they were coming home after taking their marriage vows before the minister.

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Mary Munro (MM):

'S mo chaileag mheall thu, mheall thu mi,
Carson a mheall thu mi?
Thug thu dhòmhs' an gealltanas,
Nach bitheadh ann ach mi.
'S nuair fhuair thu fear a dh'fhaighneachd thu,
'S ann mheall thu mi nad chridh;
Bhon chumadh e crodh-laoigh riut
Bheireadh bainn' is annlann tì.

'S ged chumadh e crodh-laoigh riut,
O 's mart cinn-dubh air an t-sliabh.
Cha mhòr a chì thu dhe d' chompanaich,
A thèid gu ceann do thaigh.
Ged rachadh iad a shealltainn,
Air ceann an gnothaich fhèin;
Chan fhaigh iad biadh, 's chan fhaighneachdar
A-chaoidh bheil ortsa beul.

'S nuair chunnaic mis' an toiseach thu,
Gur ann sa bhail' ud shuas
Latha dhomh 's mi spealadh ann,
Is tusa ceangal sguab.
'S nuair thàinig thu le biadh thugainn.
Bu bhòidheach leam do shnuadh;
Bha còta sgiobalt' grinn ort
Agus 'polka tidy' suas.

'S gur mise tha trom inntinneach
O 's mi gad chaoidh cho mòr.
'S mi air falbh air chuairt a-muigh,
Measg gruagaichean an àit'.
Càite faic mi gruagach
Tha cho stuama ri mo ghràdh?
Mo leannan dh'fhàg fo ghruaimean mi
Cha chluinn mi fuaim na gàir.

'S cha tug mi 'n gaol cho mòr dhut,
'S nach fhaod mi chur air ais.
Nach fhaod mi chur air dìochuimhn'
Cho fad 's tha 'n iar bhon ear.
Deur cha tig le m' shùil-sa
Nas mò cha ruig thu leas.
Gheibh mise tè cho rìomhach riut,
A bheir dhomh gaol nas fhaid'.


Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Agus 's ann aig ur màthair a bha seo?

MM: Chan ann a-nist ach aig gille a mhuinntir tuath a bha a' falbh le bhàn a bh' aig a' Ghiliosach ann a shin, agus bhiodh e a' dol dhan taigh againn daonnan 's bha e eagallach fhèin math air na h-òrain.

DE: Dè chanadh iad ris?

MM: Chan e ach... [???] Sheumais 'ic Iain Òig. Alasdair mhic Iain Òig a chanadh ris, MacDonald. Tha bràthair dha a-muigh ann a shiudach pòsta, à Togh Beag, 's bha e math math air na h-òrain. Bhiodh e a-staigh againn tric, agus bhiodh e ag ionnsachadh gu leòr a dh'òrain dhuinn.

DE: 'S chan eil e beò an-diugh, a bheil?

MM: Chan eil. Chaidh a mharbhadh sa Chiad Chogadh.

DE: 'S chan eil fhios agaibh cò rinn an t-òran?

MM: Ò chan eil, chan eil. Cha chuala mi riamh cò rinn e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good