Mac Iain Bhàin Ghobha agus na robairean

Date
Track ID 78752
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.057.A2

Original Tape ID

SA1963.057

Summary

Mac Iain Bhàin Ghobha and the robbers.

Mac Iain Bhàin Ghobha from Mull is courting his neighbour's daughter. She leaves home to find work and goes to America where she finds work as a servant and is taken to a cave of robbers. The other servant turns out to be Mac Iain Bhàin Ghobha dressed as a woman. Together they deal with the robbers. They get a lot of money as a reward. They return to Mull where they marry.

Item Location

County - Argyllshire

Island - Mull

Item Location (outside Scotland)

United States of America

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): 'S ciamar a bha i seo, a-nist?

Aonghas MacIllFhialain (AM): Bha fear ann am Muile, Mac Iain Bhàin Ghobha a chanadh iad ris, agus bha e a' suirghe air nighean nàbaidh a bha ri an taobh. Agus 's ann a dh'fhalbh an nighean an seothach às an dùthaich agus chaidh i gu ruige Glaschu, a' falbh gu cosnadh. Agus 's ann a chaidh i seo gu ruige Ameireaga. Cha robh i a' faighinn teansa sam bith a-bhos. Agus nuair a ràinig i Ameireaga, cha robh i fad an sin nuair a thachair sgeamp de dhuine òg rithe agus pònaidh aige. Dh'fhaighneachd e dhith an robh i airson fastadh. Thuirt ise gun robh. Aodach boireannaich air. Agus:

"Uill, ma-thà," ars esan, "'s ann airson searbhanta a thàinig mise a-staigh," ars esan, "agus tha searbhanta eile againn," ars esan, "ach tha an obair tuilleadh 's a' chòir trom oirre," ars esan, "agus thàinig mi a-staigh," ars esan, "feuch am faigheamaid," ars esan, "searbhanta eile. Tha feadhainn eile," ars esan, "còmhla rium," ars esan. "Am bi thu deònach a dhol a-mach?"

"An-tà, càit a bheil an t-àite agaibh?" ars ise.

"Ò, tha e pìos mòr a-mach às a' bhaile," ars esan, "ach cha dèan sin diofar sam bith dhutsa," ars esan.

'S ann a dheònaich [???] falbh còmhla ris. Dh'fhalbh e, 's ghabh iad a-mach tro choille. Thàinig e seo air... gu uamh a bh' ann agus:

"Uill, seo an t-àite," ars esan.

Agus chaidh e a-staigh dhan uaimh. Cò an truaighe a bha a-staigh roimhe ach nighean a nàbaidh, an tè a bha e fhèin suas rithe. Agus cha do dh'aithnich i idir e, agus e ann an aodach boireannaich. Ach dh'aithnich esan ise taghta.

Fhuair iad gabhail aca math gu leòr 's... Bha ceathrar ann agus aon fhear de cheannard a bh' orra de dhuine mòr ruadh. Thàinig an seo àm cadail 's chuireadh an dithis shearbhantan còmhla a chadal. Agus chaidh a' cheathrar eile suas do sit-down a bh' aca ann an ceann shuas na h-uamha. Agus bha leaba aig an fhear ruadh dha fhèin.

Uill, nuair a chaidh iad dhan leabaidh thòisich an tè a bh' aig na robairean, thòisich i air faighneachd dheth cò às a bha e. Thuirt esan gun robh e à Muile. Agus dh'fhaighneachd i a h-athair 's a màthair, am b' aithnte dha iad.

"Ò, 's aithnte," ars esan, "glè mhath."

"Dè mar a tha iad?" ars ise.

"Ò, tha iad gu math," ars esan.

Dh'fhaighneachd i sin e fhèin, ciamar... am b' aithnte dha e.

"Ò, 's aithnte," ars esan. "Tha e dìreach còmhla riut," ars esan.

"Ò, Dhia m' anam," ars ise, "an tusa a th' ann?"

"Ò, 's mi," ars esan.

"Gu dè, a Dhia, a chuir thusa an seo ged a chuir an cruaidh-fhortan mise ann?" ars ise.

"Chuir air do shon-sa," ars esan.

"An-tà, dithis," ars ise, "a bhios marbh," ars ise, "mise agus tusa," ars ise.

"Ò, uill, bidh barrachd 's mise marbh, ma-thà," ars esan.

Cha robh an cadal ann fad na h-oidhche. Agus an seo an soilleireachadh an latha dh'èigh am fear ruadh dhan t-searbhanta a bh' aca èirigh 's am bracaist a dhèanamh. Dh'èirich i sin na suidhe a' dol a dh'èirigh às an leabaidh 's chuir esan a làmh rithe.

"Fan far a bheil thu," ars esan. "Leig leis."

Agus an ceann treise dh'èigh e a-rithist dhi èirigh gu h-allamh a-mach à siud.

Dh'fhalbh ise a' dol a dh'èirigh 's thill esan i.

"Fuirich ann a shin."

Ach an treas turas dh'èigh e gu math brothach rithe a-mach à siud.

"An e mise a tha sibh ag ràdh?" ars [???], a' togail a chinn.

"'S tu cuideachd," ars esan. "A-mach à sin còmhla rithe."

Leum esan a-mach às an leabaidh 's rug e air claidheamh a bha crochte dìreach 's chàireadh an ceann far an fhir a bha san leabaidh. Dh'èigh e dhìse:

"Thig thusa a-nuas a-nist," ars esan.

Ghabh e suas far robh an fheadhainn a bh' anns na leapannan. Cha robh sìon... fios aca dè rud a [?chàireadh] iad. Nan gluaiseadh fear aca bha an ceann dheth.

Dh'iarr e an sin air fear aca èirigh agus an triùir eile a cheangal. Bha ise a' frithealadh dha. Thòisich e air an ceangal 's cheangail e an triùir aca. Thionndaidh e an uair sin 's thug e dhìse an claidheamh.

"Seo dhutsa a-nist an claidheamh," ars esan. "Fear sam bith a ghluaiseas," ars esan, "dìreach càirich dheth an ceann," ars esan.

Cheangail e fhèin an ceathramh fear dhiubh. Ruith e sin orra air fad feuch am faiceadh e an robh iad air an ceangal ceart, nach fhaigheadh iad fuasgladh. Agus:

"Uill, thugainn a-nist," ars esan.

Dh'fhalbh iad, i fhèin 's e fhèin, 's nuair a thàinig iad a-staigh dhan bhaile report esan an gnothach mar a thachair dha 's an rud a rinn e.

Cha robh ach anns a' mhionaid uarach dh'fhalbh poileasmain a-mach far a... feuch am faigheadh iad iad. Fhuair iad ceangailte tòin ri tòin iad anns an uaimh agus am fear ruadh an ceann dheth. Agus bha airgead mòr ceann asta. 'S e robairean a bh' annta, feuch am faighte an glacadh. Agus fhuair esan an t-airgead-ceann agus thill e a-nall gu ruige Muile, agus phòs e fhèin agus i fhèin ann am Muile agus bha iad gu math toilichte.

DE: Uill, 's e sgeulachd mhath a tha sin cuideachd. 'S cò aig a bha i seo.

AM: Tha i sin fìor gu leòr.

DE: Cò aig a chuala sibh i seo?

AM: Chuala aig Dòmhnall mac Dhonnchaidh. Dòmhnall Dòmhnallach ann am Peighinn nan Aoireann.

DE: Ò, athair Dhonnchaidh.

AM: Sheadh.

DE: Ò, tha i math cuideachd.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good