Search

Toradh a' bhainne agus an droch-shùil.

Contributors
Date 1961
Track ID 80697
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1961.032

Original Tape ID

SA1961.032

Summary

The milk profit and the evil eye.

The contributor talks about taking the milk profit, the evil eye, and how they were countered. Water poured over silver or gold was sprinkled on cows from which the profit had been stolen, and a verse recited.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAoghuis (IM): Nise, bhiodh naidheachdan gu leòr agaibh, tha mi cinnteach, mun an toradh, agus daoine a bhiodh a' toirt an toraidh bhon a' bhainne?

Duncan MacLean (DM): Och, bha, bhithinn gan cluinntinn a' bruidhinn an uair sin, mu dheidhinn nuair a bheireadh iad an toradh às a' chrodh, ach chan eil fhios a'm an robh... chan eil fhios a'm mu dheidhinn sin, an robh rud ann an sin no nach robh.

IM: Bha iad a' creidsinn ann co-dhiù.

DM: Bha iad a' creidsinn ann. Bha.

IM: A bheil beachd agaibh an robh dad sam bith aig na seann daoine, a bheil fhios agaibh, a chumadh boireannach sam bith no tè sam bith a bhiodh ag iarraidh an toradh a thoirt... a thoirt às a' chrodh, dad aca a chuireadh stad air a seo?

DM: Ò uill, chuala mi iad a' cantainn uaireigin gum biodh iad a' cur uisge òr 's airgead air beathach. Ach 's e bha sin, 's e bha sin droch-shùil.

IM: 'S e. 'S e rud eadar-dhealaichte a tha sin.

DM: Evil eye.

IM: Dìreach. Dìreach.

DM: 'S e sin a bha sin a' minigeadh. Bhiodh iad a' cantainn gum biodh iad [???] an eileamaid sin, uaireigin.

IM: Nise, am faca sibh fhèin sin riamh?

DM: Och uill, cha chreid mi gum faca. Chan fhaca. Cha chreid mi gum faca.

IM: 'S an cuala sibh gum biodh iad a' toirt an uisge à àite sònraichte sam bith, a bhiodh iad a' cur air beothach le uisge airgead, no uisge òr 's airgead?

DM: Uill, chuala mi iad a' cantainn gum biodh iad a' toir an t-uisge, gum biodh iad a' toir an uisge à allt fhad 's a bhiodh am beò 's am marbh a' dol seachad, air am biodh am beò 's am marbh a' dol seachad. Bha sin a' minigeadh, nam biodh allt a' tighinn a-bhàn bhos cinn an rathaid, agus a' dol tron an rathad, a' dol tro saidhbhear, tron rathad... fon rathad... fon rathad a bheireadh iad an t-uisge.

IM: Dìreach. Dìreach. Agus nuair a bhiodh iad...

DM: Ach cha chreid mi gun robh dad anns an [???].

IM: Uill, nise, nuair a bhiodh iad a' cur òr 's airgead anns an uisge, an robh iad a' ràdh dad sam bith, a bheil fhios agaibh?

DM: Ò uill, cha d' fhairich mi gun robh.

IM: An robh briathran sam bith aca?

DM: Cha d' fhairich mi gun robh dad aca a bhiodh iad a' cantainn, ach chuala mi iad a' cantainn gum biodh feadhainn aca, gun robh rann aca, gun robh rann air choreigin aca a bhiodh iad a' cantainn.

IM: Dìreach. Agus 's e rann a theireadh iad ris? Cha robh ainm sam bith eile aca air, an robh?

DM: Cha robh.

IM: An cuala sibh riamh am facal ortha?

DM: Ortha?

IM: Seadh. No, na h-orthaichean. Duine dham b' aithne na orthaichean.

DM: Òragan. Òragan.

IM: 'S dè tha seo a-nist? Dè th' ann an òragan?

DM: Òragan. Tha seann... seann facail, seann... mar gun canadh tu, seann sgeulachd, bha iad a' minigeadh le sin, cha chreid mi. Tha e aca... nan cluinneadh tu duine ann an sin a' cantainn, 'Och, èist le chuid seann òragan'.

IM: Tha mi a' tuigsinn.

DM: A bheil thu a' faicinn?

IM: Tha mi a' tuigsinn. Seadh, seadh.

DM: 'S e... 's e... mar gun canadh tu, 's e seann òragan air a bheil mise a' bruidhinn an-dràsta. Seann... seann rud a bh' ann. Seann òragan.

IM: Dìreach. Dìreach. Ach cha b' e rann a bhiodh duine a' ràdh...

DM: Ò cha b' e. Cha b' e.

IM: ...thairis air an uisge a bha seo?

DM: Cha b' e. Cha b' e.

IM: Agus a-nise, an cuala sibh naidheachd sam bith mu dhuine aig an robh beothach agus laigh sùil cuideigin air?

DM: Och uill, bhithinn gan cluinntinn a' cantainn sin. Bhithinn uaireannan gan cluinntinn ag aithris sin... a' cantainn sin [???] nam biodh beathach ann 's gu... gum biodh... gum biodh iad a' cantainn... uill, gum biodh iad ga mholadh, gun robh e... gun robh e math, 's gun robh e siud 's gun robh e seo, 's gur e beathach math a bh' ann. Nan èireadh dad dhan a' bheathach a bha sin, bhiodh iad a' cantainn, 'Och, ghabh an t-sùil aig an neach ud air'.

IM: Ghabh an t-sùil?

DM: Seadh. Ghabh an t-sùil air.

IM: Sin mar a theireadh iad?

DM: 'S e.

IM: Agus am faodadh duine sin a dhèanamh, a' bhuaidh sin a bhith aige air beothach ged nach biodh e ann an droch rùn sam bith dhan an duine leis bu leis am beothach? Canaibh nan tiginn-sa an-dràsta agus...

DM: Uill chan eil fhios a'm, ma tha iad uaireannan... ma tha iad uaireannan... cantainn gum faodadh. Gum faodadh.

IM: Dìreach gum faodadh...

DM: Gum faodadh duine ann an sin a chantainn, 'Ò uill, 's e beathach math a tha siud', 's gun a bhith dad... gun a bhith droch rùn aige dhan an fhear leis bu leis e no dhan a' bheathach, gum faodadh e call a dhèanamh dhan a' bheathach an dèidh sin.

IM: Seadh. 'S an cuala sibh riamh...

DM: Ach cha robh mi fhìn a' creidsinn gun robh sin ann.

IM: Uill fuirichibh a-nise, an cuala sibh duine a ràdh uair sam bith, 'Fliuch do shùil'? Nam moladh sibhse beothach sam bith.

DM: Uill bha iad an-còmhnaidh... bha an linn a thàinig romhainn, bhiodh iad an-còmhnaidh a' cantainn nam biodh neach a bhruidhinn air beathach ann an sin, gum bu chòir dha a bheannachdainn.

IM: Dìreach. Nan dèanadh e moladh sam bith air?

DM: Seadh. Tha mi... nan canadh e, 'Uill gum beannaich... gum beannaich e; 's e beathach math a th' ann'.

IM: Tha mi a' tuigsinn.

DM: Bheil thu a' faicinn?

IM: Tha mi a' tuigsinn. 'S a-nise, an cuala sibh nam moladh duine am beothach agaibhse, gum faodadh sibhse stad a chur air droch rud sam bith a thachradh dha le rud a ràdh sibh fhèin? An cuala sibh sin riamh?

DM: Ò uill... nam moladh e beathach?

IM: Seadh. Canaibh nan tiginn-sa an-dràsta 's gum molainn am beothach agaibhse, agus gun robh sibh a' smaoineachadh gun robh droch rud air choreigin fo m' aire. Am b' urrainn dhuibhse dad sam bith a ràdh a chuireadh stad ormsa, mar gum bitheadh?

DM: Ò uill cha chreid mi gun cuala mi sin.

IM: Cha chuala sibh duine ag ràdh, ma mholas duine do bheothach, theirig thusa os a chionn ga mholadh? Mol thusa nas fheàrr e.

DM: Ò uill, cha chuala. Cha chuala mi sin.

IM: Cha chuala sibh sin idir?

DM: Cha chuala. Cha chuala.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good