Search

Blàr Chàirinis.

Contributors
Date
Track ID 99257
Part 1

Track Information

Original Track ID

CannaTape_0048 (O.T. XIX)

Original Tape ID

CannaTape.0048

Summary

The Battle of Carinish.

The contributor explains the background to the Battle of Carinish in 1601, and describes what happened at the battle.

Item Subject/Person

Dòmhnall mac Iain 'ic Sheumais

Recording Location

County - Inverness-shire

Island - South Uist

Parish - South Uist

Village/Place - Lochboisdale

Item Location

County - Inverness-shire

Island - North Uist

Parish - North Uist

Village/Place - Carinish

Language

Gaelic

Collection

Canna

Transcription

Fear neo-ainmichte: ...air a chèile aig Càirinis an Uibhist a Tuath. Agus 's ann mar a thòisich an [?t-sabaid] a bha seo an toiseach, 's ann ann an Slèite a thòisich e, anns an Eilean Sgitheanach. Bha Dòmhnall Gorm Slèite, bha e pòsta aig Nighean Dhòmhnaill Ghlais à Dùn Bheagain, agus chaidh gnothaichean fàbharach gu leòr an toiseach, ach thàinig an uair sin rudeigin eatorra, agus 's e an rud a bh' ann gun tug e dhi litir-dealachaidh, agus i a dhol dhachaigh air n-ais gu h-athair a Dhùn Bheagain. Cha robh an sin ach fhuair e each glas anns an robh aon sùil, agus fhuair e aon chù anns an robh aon sùil, agus bha buachaille aige anns an robh aon sùil, agus chàirich e... chàirich e Nighean Dhòmhnaill Ghlais air muin an eich, 's cha robh inntese ach aon sùil. Bha sin a' cheathrar aca a' falbh dhachaigh le aon sùil, no cam mar a their sinn. Agus an sin, ràinig iad, ach ma ràinig, ghabh Dòmhnall Glas fearg a bha uabhasach. Chaidh brath a dh'ionnsaigh na Leòdaich air fad o Dhùn Bheagain gu na Hearadh 's gu Leòdhas, agus bha an tòir a' dol a bhith air Dòmhnall Gorm Shlèite

Co-dhiù, bha Dòmhnall Glas air fàs sean, agus cha dèanadh e sabaid dhaibh. Bha e air fàs cho sean. Agus cha robh sìon a dh'fheum ann gu dhol a-mach air ceann nan daoine. Ach bha mac aige, agus air rèir choltais, 's e duine sgairteil a bh' ann. Agus chruinnich iad eathraichean, chruinnich iad aon bhirlinn, agus an còrr de dh'eathraichean-aiseig mu na Hearadh, agus sheòl iad a dh'Uibhist a Tuath, airson tòir a thogail an sin. Siud dòigh a bh' aca anns na h-amannan a bha siud air gnothaichean... an cuid fhèin... an cuid fhèin fhaighinn air n-ais, 's e chanadh iad. Bha iad a' goid leotha a' chruidh 's a h-uile sgath a b' fhiachaile na chèile. Agus cha b' urrainn do dhuine a dhol nan còir. Thigeadh iad air feadh na h-oidhche 's ghoideadh iad leotha siud, 's siud mar a bh' ann.

Ach co-dhiù, sheòl na gillean, agus ràinig iad Loch nan Geall ann an Uibhist a Tuath, deas, dìreach aig bun... bun na Fadhlach a Tuath. Dh'acraich iad ann a shin, agus chaidh iad air tìr agus ghabh iad còmhnaidh an oidhche sin ann an Eaglais na Trianaid. Nach e a chanas iad rithe? Shuas air a' bhruthach os cionn Chàirinis ann a shin. Chì sibh ann a shin fhathast i. Chì sibh am balla aice suas ann a shin fhathast. Agus chuir iad seachad an oidhche ann a shin.

Aig an àm, bha saighdear ainmeil sa cheann a deas ris an canadh iad Mac Iain 'ic Sheumais, agus tha teansa nach robh a leithid idir sna làithean a bha sin. Fhuair na Tuathaich... fhuair Clann Dòmhnaill brath thuige, agus ged a bha e anmoch gun a bhrath fhaighinn, rinn e a-nuas air fheadh na h-oidhche, leis an dà fhearaibh dheug a fhuair e. Cha d' fhuair e a chruinneachadh ach dà fhearaibh dheug, dhen fheadhainn bu chalma a bha an Uibhist, agus choisich e a-nuas leotha, a h-uile sgrìob, agus thàinig e air cùlaibh nan Leòdach, agus rinn e leabaidh ann a shin airson na h-oidhche gus an soilleiricheadh an latha. Ach dìreach air soilleireachadh an latha, thagh e àite fhèin airson a' bhatail. Agus ghabh e a' ghaoth, ghabh e... ghabh e còmhdhail na gaoithe, gaoth an ear-thuath, 's chùm e gu math a tuath air na Leòdaich. 'S cho luath 's a thàinig cnàimh an latha mhothaich e do dh'fhear... fear-fairidh, watchman mar a chanas sinn, air mullach... aig... aig an eaglais shuas, agus shrad e saighead, agus dìreach fhuair e san amhaich e.

Thuirt fear dhe na Leòdaich ris an uair sin:

"Ge brith cò," ars esan, "a shrad an saighead a bha siud, 's e Mac Iain 'ic Sheumais a bh' air a chùl, ach chì sinn."

Dh'fhuirich iad gus an d' fhuair iad an ath fhear, 's thug e... bhuail e an ath saighead air san amhaich a-rithist. Agus thuig iad an uair sin gura h-e a bh' aca, ach cha robh iad cinnteach cò an taobh air an robh e. Co-dhiù, thuirt iad gum fuiricheadh iad gus am faiceadh iad dè an taobh a thigeadh e leis a' ghaoith, agus seo mar a rinn iad. Thàinig an ath shaighead às an ear-thuath orra, 's bha iad cinnteach an uair sin gur e Mac Iain 'ic Sheumais a bha siud. 'S bhrùchd iad a-nuas am bruthach air rèir... air rèir mar a thàinig an saighead orra. 'S dh'èirich Mac Iain 'ic Sheumas agus a dhà fhear dheug, agus dhall iad orra a' tighinn a-nuas am bruthach air chor agus nach do dh'fhàg iad mòran dhiubh mun do ràinig iad. Thòisich am batal an uair sin ri taobh na fèithe, 's cha robh an ùine fada gus an robh na Leòdaich air tràghadh air fuil, 's an aon dithis a bha beò dhiubh, rinn iad air a' mhonadh cho luath 's a bheireadh iad leotha.

Dh'fhalbh esan às an dèidh, ach dh'iarr e gu teann, cruaidh air na gillean gun Dòmhnall Glas a mharbhadh idir, nan gabhadh e dèanamh.

"Ach mura gabh, marbhaibh e."

Agus 's e seo an rud a bh' ann. Lean e fhèin e. Ruith e dà mhìle mun d' fhuair e saighead a chur ann. Agus bha e ga iarraidh an siud 's an seo, 's an seo 's an siud gus mu dheireadh gun d' fhuair e a dh'ionnsaigh na tràghad aig a' Bhaile Sear, agus a-mach air a' mhuir a ghabh e ann a shin, dìreach gus do ràinig e an [???], agus Mac Iain 'ic Sheumais às a dhèidh. Bha an dithis aca air an lot cho fìor chràiteach agus nach b' urrainn dhaibh seasamh a-muigh san t-sàile na b' fhaide na siud, agus dìreach shàth Mac Iain 'ic Sheumais an claidheamh far an robh e ann, agus mharbh e ann a shiud e.

Thug e leis e suas, 's chaidh an ceann a thoirt dheth aig Eaglais na Trianaid ann a shin, agus a chur san uinneig aig an eaglais, agus a' cholann... a' cholann còmh' ri... a fàgail còmh' ris na Leòdaich eile shìos air a' bhruthach. Cho fad 's is fhiosrach mi, sin far an deach na colainnean aca a chur.

Ach an oitir a tha sin far an do thuit Dòmhnall Glas, tha i ri h-ainmeachas an-diugh air an oitir sin fhèin. Oitir Dhòmhnaill Ghlais a chanainn-sa ris a dh'ionnsaigh an latha an-diugh, agus 's e am Bruthach Buidhe a tha shìos a-rithist aig an abhainn ris an can iad... ris an can iad... dìreach far an robh am blàr, Blàr Chàirinis.

Uill, cha d' fhuair na Leòdaich sìon a thoirt leotha mar a bha dùil aca. Agus cha do rinn iad ach falbh lom, falamh, mar a thàinig iad, agus chuir sin crìoch air an obair riaslach a bh' aca an uair sin, eadar a chèile. Agus bha Mac Iain 'ic Sheumais glè mhath dheth an dèidh siud, agus chaidh òran brèagha a dhèanamh dha, agus cho fad 's is fhiosrach mise 's e càirdean de mhuinntir an Eilein Sgitheanaich sin a rinn... a bha a' toirt fasgadh dhan Phrionnsa treis mhòr.

'S i a rinn e. 'S e boireannach a rinn e. Tha... tha e ann an leabhraichean an-diugh, agus bithidh gu ruige seo, 's feadhainn aca ga ghabhail... ga sheinn.

Agus sin a-nis mar a chuala mise mar a dh'èirich do Mhac Iain 'ic Sheumais, agus do Bhlàr Chàirinis.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair