Tobar an Dualchais Kist O Riches

Tobar an Dualchais Kist O Riches

The voices of the past... brought to life through the latest technology
Mun Làraich-lìn

Tha Julie Fowlis agus Chris Wright air a bhith nan Luchd-ealain air Mhuinntireas aig
Tobar an Dualchais

Tha clàran-fuaim air an làraich-lìn seo a chaidh a chlàradh ann an Alba agus nas fhaide air falbh, bho na 1930an agus air adhart. Tha an àireamh de chlàran air-loidhne a-nise a’ teannadh air 50,000.

Am measg nan clàran cluinnidh tu sgeulachdan, òrain, ceòl, bàrdachd agus fiosrachadh fìrinneach.

Rannsaich
Dh'fhaodadh tu facal/abairt, ainmean daoine, ainmean-àite no àireamhan Sgoil Eòlais na h-Alba a chur an seo.
Naidheachdan

Fàilte do làrach-lìn Tobar an Dualchais/Kist o Riches, a tha a-nis air bunait theicnigeach ùr. Chruthaich sinn an làrach-lìn eadar-amail seo airson a dhol ann an àite na làraich-lìn a bh’ ann bho thùs, a bha air fàs cugallach agus i stèidhichte air seann teicneòlas a tha an-diugh gun taic. Thug Oilthigh Dhùn Èideann maoineachadh do EDINA airson an làrach seo a leasachadh agus nì seo cinnteach gum faighear gu na clàran san àm ri teachd.

Cha robh e comasach cuid dhe na gnìomhan toinnte agus sònraichte bhon t-seann làraich a chruthachadh as ùr. Mar sin, ma dh’fhaodte gum faic luchd-cleachdaidh gu bheil pàirtean dhith air atharrachadh.

Tha cha mhòr 50,000 clàr a-nis ri chluinntinn air an làraich-lìn eadar-amail.

Tha com-pàirtichean Tobar an Dualchais/Kist o Riches an-dràsta a’ beachdachadh air na cothroman a dh’fhaodadh a bhith ann san àm ri teachd. Gus fios a bhith againn air feumalachdan chom-pàirtichean agus luchd-cleachdaidh, bhiomaid fada nad chomain nam b’ urrainn dhut an ceisteachan goirid seo a lìonadh air-loidhne: https://edin.ac/2Y5wMm4

Clàr na Mìosa
image

A rèir beul-aithris, ’s e th’ ann an tàcharan ach leanabh-sìth no seann sìthiche a dh’fhàg na sìthichean ann an àite leanaibh. Bhiodh an leanabh an uair sin air àrach aig na sìthichean. Bhathar a’ creidsinn gun robh clann na bu bhuailtiche a bhith air an goid mus robh iad air am baisteadh.

Bha diofar bheachdan ann air na h-adhbharan airson leanabh a ghoid. Bha cuid a’ creidsinn gun robh na sìthichean ag iarraidh leanabh àlainn an àite leanabh-sìth a bhiodh grànda no tinn. Bha cuid eile a’ smaointinn gur e mì-rùn a bh’ ann, air neo gum biodh leanabh air a ghoid airson a bhith na shearbhanta aca. Bhathar chuideachd dhen bheachd gun robh na sìthichean a’ creidsinn gum biodh e na b’ fheàrr do chlann-sìth a bhith air an togail le mac an duine. Nuair a bhiodh seann sìthiche air a chur ann an àite leanaibh, bha na sìthichean dhen bheachd gum b’ urrainn dha a bhith a’ tighinn beò gu cofhurtail, le bàidh bho na pàrantan.

Nam biodh leanabh a’ sìor rànaich, a’ sìor ithe no ag ithe tòrr mòr bìdh, no nam biodh comas labhairt aige ’s e glè òg, bhathar dhen bheachd gun robh e na chomharra gum faodadh e a bhith na thàcharan.

Bha diofar dhòighean ann tàcharan a thoirt am follais agus leanabh fhaighinn air ais. B’ e aon dòigh an tàcharan a leigeil ri teine. Chuirte am pàiste goirid dhan teine, no rachadh a chrochadh os a chionn ann an cliabh. Nam b’ e tàcharan a bhiodh ann, ghabhadh e a-mach tron t-similear, agus cainnt tàireil aige uaireannan. Bhite cuideachd a’ faighinn cuidhteas tàcharan le bhith a’ bagairt a leigeil ri uisge, no le bhith ag ràdh gu bheil an sìthean na theine.

Anns an sgeulachd seo, air a h-innse le Nan Eachainn Fhionnlaigh à Bhatarsaigh, tha na sìthichean a’ goid leanabh air boireannach agus a’ fàgail tàcharan na àite. Tha am pàiste ag ithe gun sgur, agus tha am boireannach a’ fàs amharasach. Latha a bha seo, tha i a’ leigeil oirre gu bheil i a’ fàgail an taighe, ach gun fhiosta dhan phàiste tha i a’ coimhead tron uinneig. Tha am pàiste a’ teannadh ri cluich an fheadain agus tuigidh am boireannach an uair sin gur e tàcharan a th’ ann. Tha bodach a’ comhairleachadh dhi am pàiste a thoirt dhan chladach agus a chàradh air sgeir nuair a tha an làn a’ tighinn a-staigh. Tha an tàcharan an uair sin a’ gabhail a dhreach fhèin - bodach-sìth - agus tha am boireannach a’ diùltadh cuideachadh sam bith a thoirt dha gus am faigh i an leanabh aice fhèin air ais.

Èist ri sgeulachd Nan.