spacer
spacer

Còraichean

Tha Tobar an Dualchais a' cur roimhe spèis a thoirt do chòraichean seilbh inntleachdail gach neach aig a bheil còraichean a bhuineas ri stuth a tha ri fhaotainn air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Chaidh Aontaidhean Cead a stèidheachadh le Tasglannan Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, le Tasglannan a' BhBC agus le Urras Nàiseanta na h-Alba, a tha a' leigeil le Tobar an Dualchais na stuthan seo fhosgladh dhuibh. Tha iadsan a' gleidheadh sealbh nan còraichean a thaobh nan clàran-fuaim fiosaigeach, agus tha na còraichean air leth, a bhuineas dhan fhacal labhairte, dha na h-òrain agus dhan cheòl, glèidhte aig an neach fhèin a tha clàraichte (mura deach a shònrachadh gu neach no buidheann eile). Dh'fhaodadh gu bheil còraichean nam briathran fhèin cuideachd aig na daoine a bha a' cruinneachadh is a' clàradh, agus tha iadsan uile ainmichte anns na clàran iomchaidh.

Fhuaradh Aontaidhean Cead cuideachd le luchd-glèidhidh chòraichean air leth, a tha a' leigeil leatsa na stuthan a chleachdadh a rèir nam molaidhean sgrìobhte anns na Riaghailtean Cleachdaidh. Tha a h-uile clàr an dà chuid leis an neach a tha clàraichte air, no na càirdean as dlùithe dhaibh, agus leis an tasglainn anns a bheil iad glèidhte (mura deach a shònrachadh gu neach no buidheann eile). Tha còraichean didseatach air leth anns na stuthan air fad glèidhte an dà chuid aig Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Dhùn Èideann.

Rinn Tobar an Dualchais a h-uile dìcheall gus a bhith cinnteach gu bheil gach mac-samhail a rinneadh, dèanta le làn chead nan daoine is nam buidhnean aig a bheil na còraichean, agus fhad 's is aithne dhuinn, nach eilear a' briseadh a-steach air còraichean treas pàrtaidh sam bith. Tha Tobar an Dualchais a' cur roimhe sgeul is aithne a chur air gach neach air leth a tha clàraichte, gus an t-aithneachadh air a bheil iad airidh a thoirt dhaibh. Ach ma tha thusa den bheachd nach d' fhuair thu creideas airson pìos clàraidh, agus thu a' creidsinn gu bheil sealbh agad air, feuch an cuir thu brath gu Sgioba nan Còraichean agus cuiridh sinn ceart an gnothach. Leugh cuideachd Poileasaidh againn.

Ged a rinn Tobar an Dualchais a h-uile dìcheall gus sgeul fhaighinn air gach neach aig a bheil sealbh air còraichean, tha stuthan ann a chaidh a chur air an làraich-lìn ged a dh'fhàillich e oirnn na daoine sin a lorg. Cuideachd tha stuthan ann far nach b' urrainn dhuinn càirdean a lorg airson daoine a chaidh a chlàradh agus nach maireann. Tha sinn den bheachd gu bheil an stuth cho sònraichte luachmhor is gun do chùm sinn anns a' chruinneachadh e, an làn dòchais gum bi cuideigin a' cleachdadh na làraich-lìn a dh'aithnicheas an guth, aig am bi fios cò iad, agus cò aig a tha na còraichean, ma ghabhas sin dèanamh. Nam biodh tu cho math coimhead air na duilleagan Cuidich Sinn.

Tha cead ciùil PRS aig Tobar an Dualchais a nì cinnteach gum faigh daoine a tha clàraichte le PRS (MCPS) pàigheadh mar a tha iomchaidh. Tha an cead 'Limited Online Music' seo a' toirt a-steach còraichean taisbeanaidh agus innleachdach ann am pìosan ciùil. Airson barrachd fiosrachaidh rach gu www.prsformusic.com.

spacer
spacer
BBC Alba
PRS
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA