Belle Stewart (1906-1997): Queen Amang The Heather

B’ i Belle Stiùbhart tè de phrìomh luchd-aithris òrain is mith-sgeòil Albannach: bhathar a’ gabhail ‘Queen Amang the Heather’ oirre às dèidh fear dhe na h-òrain a bhiodh i tric a’ gabhail. Chlàraich i an t-uabhas do Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba agus gheibhear iad sin a dh’aithghearr air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Dèanaibh gliog gu h-ìosal gus Belle èisteachd a’ gabhail ‘Queen Amang the Heather’, clàraichte ann an 1971 (Àireamh Clàraidh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1971.191.3).




Rugadh Belle Stiùbhart (née NicGriogair) ann an teanta air bruaichean Abhainn Tatha aig Capaig, faisg air Blàr Ghobharaidh. Bhuineadh i do theaghlach luchd-siubhail aig an robh beairteas beul-aithris a’ sruthadh tro na ginealaichean. ’S e gobha stàin a bha na h-athair, Dan MacGriogair, agus iasgair neamhnaid: bha e ri ràdh gur e a b’ fheàrr a ghabhadh òran am measg luchd-siubhail shiorrachd Pheairt. ’S e Stiùbhartach a bha na màthair, Martha, agus bhuineadh ise do theaghlach làn phìobairean, sheinneadairean agus sheanchaidhean.

Chaochail athair Bhelle nuair nach robh i ach naoi mìosan a dh’aois agus rinn a màthair suas a h-inntinn gun dèanadh i a dachaigh ann am Blàr Ghobharaidh le Belle agus a dithis bhràithrean. Dh’fhàs Belle suas air a cuairteachadh le sgeulachdan is òrain a thàinig a-nuas tro na linntean, agus dh’ionnsaich i a ciad òran ‘The Twa Brothers’ nuair nach robh i ach sia bliadhna a dh’aois. Dèanaibh gliog gu h-ìosal gus Belle èisteachd ga ghabhail ann an 1955 [Àireamh Clàraidh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1955.036.A3).




Nuair a bha Belle seachd bliadhna deug chaidh i dh’Èirinn còmhla ri a dithis bhràithrean agus bràthair a màthar, às dèidh dha na càirdean taobh a màthar air am fiathachadh a-null gu iasgach nan neamhnaid. Sin far an do thachair i air Ailig Stiùbhart: bha iad anns na h-iar-oghaichean, agus cha robh i air fhaicinn o bha i na pàiste beag. Theann iad ri leannanachd agus phòs iad ann am Baile na Mòna ann an 1925.

Thill Belle gu Blàr Ghobharaidh mus do rugadh a ciad mhac, Iain, agus bhiodh i a-null ’s a-nall eadar Alba is Èirinn mar a bha an teaghlach a’ fàs. Rugadh Cathie ann an 1927, Andy ann an 1929, agus Sheila ann an 1935. Greis às dèidh sin, dh’uchd-mhacaich Belle is Ailig nighean bheag, Rena. Mu dheireadh thall rinn iad an dachaigh ann am Blàr Ghobharaidh, ach bhiodh iad a’ siubhal as t-samhradh airson iasgach nan neamhnaid agus obair air tuathan. Bhiodh pàircean dhearcag san sgìre aig Ailig air màl agus thigeadh taistealaich eile às gach ceàrn de dh’Alba gam buain: ’s e an cruinneachadh bliadhnail a bha seo a thug air Belle an t-òran ‘the Berry Fields o’ Blair’ a dhèanamh ann an 1947, fear dhe na h-òrain as ainmeile a rinn i. Dèanaibh gliog gu h-ìosal gus Belle èisteachd a’ gabhail an òrain seo ann an 1955 (Àireamh Clàraidh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1955.062.A5).




Choinnich Hamish MacEanruig, fear dhe na chuir Sgoil Eòlais na h-Alba air chois aig Oilthigh Dhùn Èideann, ris an teaghlach Stiùbhart an toiseach ann an 1954: bha e a’ dol a chlàradh athair-cèile Belle, Jock Stiùbhart, a ghlèidh farpaisean pìobaireachd nàiseanta na latha. Ged nach b’ urrainn dha seinn air a’ phìob tuilleadh, bha e air dheagh chomas bruidheann air pìobairean eile, agus sgeulachdan innse. Fhuair Hamish a-mach gu robh stòras prìseil de dh’òrain aig Belle, agus gun tug i cuideachd bho a sinnsirean an dèine ciùil na guth-seinn ris an canadh iad an ‘coniach’. Thòisich Hamish air iarraidh air Belle, Ailig, Cathie agus Sheila pàirt a ghabhail ann an cuirmean-ciùil: bhiodh e cuideachd gan clàradh fhèin is taistealaich eile aig àm buain nan dearcag. Thuirt Hamish a-rithist: ‘Bha cruinneachadh òran air na pàircean dhearcag mar gun cumadh tu crogan beag fo uisge eas Niagara. Ach ... bha e soilleir gun tàinig an tabhartas sònraichte, chan ann bho na taistealaich far an robh sinn a’ campachadh, ach bhon teaghlach Stiùbhart.’

Bha fèill mhòr air Belle agus an teaghlach am measg luchd-leantail ceòl dùthchasach: fon ainm, na ‘Stewarts o’ Blair’ rinn iad cuairtean seinn air feadh na Roinn Eòrpa agus Ameireaga. Mar as motha a chuala daoine mun chuimhne iongantaich a bh’ aig Belle air òrain, bha luchd-cruinneachaidh òran, luchd-ciùil agus luchd-rannsachaidh ciùil a’ sìor thadhal oirre. Chlàraich Hamish MacEanruig cruinneachadh mòr òran le Belle, an duine aice, agus na h-igheanan Cathie agus Sheila, aig stiùidio Sgoil Eòlais na h-Alba. Fhuair i Bonn Impireachd Bhreatainn airson a seirbhisean do cheòl dualchasach ann an 1981.

Ged a bha Belle ainmeil mar sheinneadair ceòl dùthchasach, ’s e sàr sheanchaidh a bh’ innte cuideachd, agus ghluaiseadh i bho bhith ag aithris sgeul traidiseanta air na sìthichean, gu bhith ag innse tè èibhinn blàith-drabasta, a’ toirt an aon inbhe dha na dhà anns an aithris. Dèanaibh gliog gu h-ìosal airson èisteachd ri tè dhe na sgeulachdan a dh’innis Belle mu dheidhinn fear-siubhail an rathaid agus an geall a chuir e air duine-uasal (Àireamh Clàraidh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1969.196).




Dh’fhuiling Belle leathachas fad a beatha a chionn ’s gum buineadh i do theaghlach luchd-siubhail, ach bha i riamh moiteil às a dualchas, agus a cainnt dhìomhair an luchd-siubhail ris an canadh iad Cant. Dèanamh gliog gu h-ìosal gus Belle a chluinntinn a’ bruidhinn mu dheidhinn Cant (Àireamh Clàraidh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1973.158).




Thòisich Belle air a cuimhne a chall na seann aois, agus sguir i sheinn, ach a dh’aindeoin sin is math a chòrd an cuirm a dheasaich a h-ighean Sheila nuair a ràinig i ceithir fichead ’s a deich rithe. Chruinnich seinneadairean ceòl dùthchasach bho air feadh an t-saoghail thuige. Chaochail i is i a’ sreap ri ceithir fichead ’s a dhà-dheug.

Anns an leabhar aig a h-ighean Sheila ‘Queen Amang the Heather: The Life of Belle Stewart’ tha Gus Langlands a’ dèanamh moladh iomchaidh air Belle le na briathran: ’S e adhbhar bròin a th’ ann nach fhaic sinn a leithid tuilleadh, ach tha e mar dhleastanas oirnne aig a bheil ùidh ann an ceòl, sna h-òrain, an caidreabh agus an dualchas, dhèanamh cinnteach gum mair dìleab Bhelle agus a daonnachd tharraingeach, gum bi iad buan san àm ri teachd, mar a tha iomchaidh a rèir a h-inbhe shònraichte ann an dualchas na h-Alba’.

Taing

Mòran taing do Sheila Stiùbhart airson cead a thoirt dhuinn an aiste seo a sgrìobhadh, agus airson cur ris. Bu mhath leinn cuideachd taing a thoirt do Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann) airson cead na dealbhan fhoillseachadh. Tha sinn cuideachd taingeil gun d’ fhuair sinn feum a dhèanamh den leabhar:

Sheila Stewart MBE, Queen Amang the Heather: The Life of Belle Stewart (2006)

Seann Eisimpleirean

Iain Dòmhnallach, Bàrd Loch Abar (1876–1964)
Annag agus Calum MacIain, Seanchaidhean Gàidhlig
Betsy Whyte
Na Peathraichean NicPhàic às na Pùballan

Belle in 1989
Belle ann an 1989






Belle (third left) with other members of her family
Belle (an treas bhon làimhe chlì) còmhla ri feadhainn eile den teaghlach






Rena, Belle, Alex and Sheila Stewart
Rena, Bella, Ailig agus Sìle Stiùbhart






Belle with her daughter Sheila
Belle còmhla ri Sìle, an nighean aice
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA