spacer
spacer

Ceistean as Cumanta

Cò às a thàinig na clàran?

Ciamar a chaidh na clàran a thaghadh airson na làraich-lìn?

Tha clàr ann a tha a' còrdadh rium gu mòr. Am faod mi a thogail bhon làrach-lìn?

A bheil dòigh ann lethbhreac de chlàr fhaighinn?

Am bi sibh a' cur chlàran a bharrachd ris an làraich-lìn?

Tha mi a' smaoineachadh gu bheil clàran aig cuideigin càirdeach dhomh air an làraich-lìn. Ciamar a lorgas mi na clàran seo?

Chan eil an uiread de chlàran ann de neach a tha càirdeach dhomh 's a bhiodh dùil agam. Carson a tha seo?

Can gu bheil fiosrachadh ann mu neach càirdeach dhomh a tha ceàrr, dè bu chòir dhomh a' dèanamh?

Carson a tha sibh a' cleachdadh seann chrìochan nan siorrachdan air an làraich-lìn?

Nuair a phutas mi air siorrachd air a' mhapa gheibh mi liosta de chlàran airson na siorrachd sin ach chan eil dòigh ann paraistean a thaghadh. Ciamar a lorgas mi paraistean agus na clàran a' bhuineas riutha?

A bheil fiosrachadh beatha ann airson a h-uile fiosraiche?

Tha cuid de tiotalan na geàrr-chunntasan agus geàrr-chunntasan fhèin a' nochdadh sa Bheurla air dreach Gàidhlig na làraich-lìn. Carson?

Tha cuid de na cinnidhean aig luchd-labhairt na Gàidhlig a' nochdadh ann am Beurla air dreach Gàidhlig na làraich-lìn. Carson?

Tha ceist fhathast agam. Dè nì mi?

Cò às a thàinig na clàran?
Thàinig iad bho thrì cruinneachaidhean: Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann); am BBC; agus Cruinneachaidh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba.

Ciamar a chaidh na clàran a thaghadh airson na làraich-lìn?
Bha na clàran air an taghadh leis na buidhnean aig a bheil na clàran.

Tha clàr ann a tha a' còrdadh rium gu mòr. Am faod mi a thogail bhon làrach-lìn?
Cha fhaod oir tha seo a' briseadh riaghailtean chòraiche na làraich-lìn. Dh' fhaodadh tu clàran a chomharrachadh ged-tà. Airson fiosrachadh a bharrachd, leugh na roinnean Riaghailtean Cleachdaidh agus Còraichean.

A bheil dòigh ann lethbhreac de chlàr fhaighinn?
Ma tha thu ag iarraidh lethbhreac de chlàr aig Sgoil Eòlais na h-Alba tha agad ri faighneachd do Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba. Chan eil clàran a' BhBC no Urras Nàiseanta na h-Alba ri fhaotainn.

Am bi sibh a' cur chlàran a bharrachd ris an làraich-lìn?
Bidh agus bhiodh e feumail sùil a thoirt air an làrach-lìn gu tric gus na clàran ùra a lorg.

Tha mi a' smaoineachadh gu bheil clàran aig cuideigin càirdeach dhomh air an làraich-lìn. Ciamar a lorgas mi na clàran seo?
Dh'fhaodadh tu ainm an neach a tha thu a lorg a chur anns a' bhogsa 'Rannsaich' air an duilleig dhachaigh, a' dèanamh cinnteach gu bheil thu a' cur dà chromag turrach ann aig toiseach agus deireadh an ainm m.e. "Murchadh MacNeacail". Ma phutas tu air a' phutan rannsachaidh thèid thu gu duilleag 'Toradh an Rannsachaidh' far am faic thu liosta de clàran far a bheil na faclan 'Murchadh MacNeacail' a' nochdadh còmhla. Ma phutas tu air tiotal a' chlàir thèid thu gu fiosrachadh a' chlàir. Ma nochdas 'Murchadh MacNeacail' mar fhiosraiche no neach-clàraidh dh'fhaodadh tu putadh air an ainm gus fiosrachadh beatha fhaighinn mu dheidhinn. Ma 's e an aon duine a th' ann, dh'fhaodadh tu an ceangal 'Faic a h-uile clàr far a bheil an neach seo a' nochdadh mar fhiosraiche no neach-clàraidh' a phutadh gus a h-uile clàr aig an duine fhaicinn.

Chan eil an uiread de chlàran ann de neach a tha càirdeach dhomh 's a bhiodh dùil agam. Carson a tha seo?
Tha clàran air an catalogadh a rèir gach teip agus 's docha nach deach a h-uile teip de neach a tha càirdeach dhut a chatalogadh fhathast, no 's dòcha nach eil cead againn fhathast airson daoine eile air an aon teip.

Can gu bheil fiosrachadh ann mu neach càirdeach dhomh a tha ceàrr, dè bu chòir dhomh a' dèanamh?
Cuir fios thugainn agus atharrachaidh sinn fiosrachadh a' chlàir cho luath as urrainn dhuinn. Dh' fhaodadh tu cuideachd fiosrachadh a bharrachd a chur thugainn mun deidhinn ma thogras tu.

Carson a tha sibh a' cleachdadh seann chrìochan nan siorrachdan air an làraich-lìn?
Dh'fhuirich na seann crìochan seo mar a bha iad eadar 1890 gu 1974 ach dh' atharraich crìochan nan siorrachdan dhà no trì tursan bhon an uair sin. Tha na seann chrìochan seo air an cleachdadh air làraichean-lìn eile aig buidhnean mar Statistical Account for Scotland.

Nuair a phutas mi air siorrachd air a' mhapa gheibh mi liosta de chlàran airson na siorrachd sin ach chan eil dòigh ann paraistean a thaghadh. Ciamar a lorgas mi paraistean agus na clàran a' bhuineas riutha?
Put air a' cheangal fon mhapa air ainmeachadh mar 'Liosta de Pharaistean agus na Bhuineas Riutha'. Chì thu liosta de pharaistean ann an òrdugh aibidil. Ma phutas tu air ainm paraiste chì thu liosta de chlàran ceangailte ris a' pharaiste sin.

A bheil fiosrachadh beatha ann airson a h-uile fiosraiche?
Air sgàth 's gu bheil an t-uamhas de chlàran againn ri chatalogadh taobh a-staigh ùine ghoirid cha b' urrainn dhuinn ach glè bheag de fhiosrachadh bheatha a chur air an làraich-lìn, ged a tha sinn uaireannan a’ dèanamh ceangal ri làrach-lìn eile. Uaireannan chan eil ach glè bheag de fhiosrachadh againn co-dhiù agus uaireannan chan eil càil againn. Tha sinn an dòchas gun cuir sinn fiosrachadh a bharrachd riutha sam àm ri teachd.

Tha cuid de tiotalan na geàrr-chunntasan agus geàrr-chunntasan fhèin a' nochdadh sa Bheurla air dreach Gàidhlig na làraich-lìn. Carson?
Chan eil geàrr-chunntasan Gàidhlig ann airson clàran a chaidh a chlàradh ann an Albais no Beurla agus mar sin tha teacs nan clàran seo a' nochdadh sa Bheurla a-mhàin.

Tha cuid de na cinnidhean aig luchd-labhairt na Gàidhlig a' nochdadh ann am Beurla air dreach Gàidhlig na làraich-lìn. Carson?
Chaidh cuid de na clàran a chlàradh aig àm nuair nach robh cinnidhean Gàidhlig air an cleachdadh cho tric agus, mar thoradh air seo, bha na cinnidhean gu tric air an sgrìobhadh ann am Beurla. Mura h-eil fios againn le cinnt air chinneadh an neach tha sinn ga fhàgail ann am Beurla. Ma tha fios agad air a' chinneadh Ghàidhlig airson neach sam bith cuir fios thugainn.

Tha ceist fhathast agam. Dè nì mi?
Ma thèid thu gu roinnean mar Cuideachadh, Cuideachadh le Rannsachadh Àbhaisteach, Riaghailtean Cleachdaidh agus Còraichean gheibh thu barrachd chuideachadh an sin.

spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA