Rannsaich

Fèilltean.

Ceann-latha June 1960
Àireamh a’ chlàir 100666
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.118.A11

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.118

Geàrr-chunntas

Fèilltean.

Tha am fiosraiche ag innse mu na fèilltean. Tha na leanas nam measg:

(a) Latha Fhèill Brìghde, a' chiad latha dhen earrach.

(b) Latha Fhèill Pàdraig.

(c) Latha Bealltainn, a' chiad latha dhen t-samhradh. Bha e mì-shealbhach nam biodh seo air Dihaoine.

(d) Latha Fhèill Brianain, air a' 15mh no 16mh latha dhen chiad mhìos dhen t-samhradh. B' e latha nigheadaireachd a bh' ann. Nam biodh rud sam bith air a chur air an latha sin, chan fhàsadh e, mura biodh an neach air dìochuimhneachadh gu tur dè an latha a bh' ann.

(e) Latha Fhèill Mìcheil, nuair a bhite a' dèanamh strùan. Bhiodh rèisean air an Tràigh Mhòir. Bheireadh gillean na leannanan aca air an cùlaibh air an each. Sguir seo nuair a thuit tè de na 'cùlagan'. Bha urram aig tè a gheibheadh air an each aig MacNèill. Tha an t-òran 'Tog air each i, cuir air each i' air a sheinn.

(f) Latha Fhèill Moire nan Coinneal, anns a' chiad mhìos dhen earrach. Bhathar ag ràdh gun do chuir Moire a làmh anns a' mhuir air an latha seo, agus mar sin bha e blàth gu leòr gus snàmh ann.

(g) An t-Samhain - "Mas e Ciadaineach an t-Samhain, is iargaineach fir an domhain."

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math