Prògram Choinnich
Fiosraichean
Luchd-agallaimh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir
10345
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Turas gu campa phrìosanach Dachau sa Ghearmailt.
Tha Dòmhnall Iain Moireasdan, a thug buidheann òigridh air chuairt gu campa-marbhaidh Dachau ann am Bavaria far an deach co-dhiù 40,000 neach a chur gu bàs, ag innse mun bhuaidh làidir a bh' aig na chunnaic iad air a h-uile duine, agus a' bruidhinn air eachdraidh nan campaichean aig an riaghaltas Nazi.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Ros is Cromba
Eilean - Leòdhas
Paraiste - Steòrnabhagh
Baile/Àite - Steòrnabhagh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Coinneach MacÌomhair (CM): Tha grunnan riochdairean bhuidheannan òigridh às na h-Eileanan an Iar dìreach air tilleadh às a' Ghearmailt. Chunnaic iad gu leòr a chòrd riutha, ach chunnaic iad aon nì a thug buaidh mhòr orra. Chuir iad seachad ùine aig na tha air fhàgail de champa phrìosan Dachau, far an do chaill na mìltean mòra de dh'Iùdhaich am beatha aig àm an Dara Cogaidh. Bha Dòmhnall Iain Moireasdan am measg na bh' air an turas. Tha e air an loidhne còmhla riumsa an-dràsta. Uill, a Dhòmhnaill Iain, dìreach innis dhomh beagan mu dheidhinn Dachau: an ùine a bha sibh ann; dè chunna sibh.
Dòmhnall Iain Moireasdan (DM): Uill tha mi a' smaoineachadh, dh'fheumadh tu a bhith mar am beothach fhèin mura dèanadh e làrach ort. Chan e a-mhàin gun do rinn e làrach ormsa, rinn e làrach air na bha còmhla rium cuideachd, an òigridh gu sònraichte. Agus aon rud a sheas a-mach - tha sinne, 's dòcha, pròiseil a bhith nar n-Albannaich, 's tha na Gearmailtich fhèin tha iad pròiseil a bhith nan Gearmailtich. Ach bha aon rud cinnteach - cha robh an fheadhainn a bha còmhla rinne às a' Ghearmailt pròiseil a bhith nan Gearmailtich a' mhadainn a bha siud a chaidh sinn dhan a' champa. Agus na ceistean a bha a' dol tro ar n-inntinn, 's e an aon cheistean a bha a' dol tron an inntinn acasan, mu thimcheall carson a dh'fheumadh a leithid 's a bha siud tachairt. Chan eil aona fhreagairt againn dha na ceistean a bha sin a bha sinn a' faighneachd.
Chaidh an campa, tha mi a' smaoineachadh, fhosgladh ann an nineteen thirty-three. Bha e fosgailte gu deireadh a' chogaidh, dà bhliadhn' deug, agus mar a tha fhios aig a h-uile duine, chaidh iomadach neach às an rathad airson an dà bhliadhn' deug a bha e fosgailte. Ma tha mo chuimhne ceart tha mi a' smaoineachadh, anns an ùine sin, gun deachaidh còrr math air dà cheud mìle duine troimhe, à iomadach rìoghachd air feadh an t-saoghail, agus a rèir na statistics, a rèir na records, cha chreid mi gu bheil iad uabhasach cinnteach dè cho cinnteach 's a tha an àireamh sa, gun deachaidh deich mìle fichead, agus... eadar deich mìle fichead agus dà fhichead mìle duine a mhurt anns an ùine a tha sin.
CM: Agus dè th' ann an-diugh?
DM: Tha a' chuid as motha dhe na togalaichean a bh' ann anns an latha sin, tha iad ann fhathast. Na bunkers, tha gas chamber ann, agus na crematoriums a thog iad fhèin, tha iad sin ann fhathast, agus tha e a' dèanamh làrach air an inntinn fiù 's nuair a chì thu sin. Tha cuimhn' a'm nuair a bha mi na mo bhalachan a' fàs suas anns an sgoil, anns na primary agus air an secondary bhithinn a' cluinnteil aig na tidsearan mu thimcheall na ghabh àite anns a' Chiad Chogadh agus anns an Dàrna Cogadh, 's tha cuimhn' a'm an uair sin nuair a chaidh mi dhan a' cholaiste bha sinn a' dèanamh rannsachadh dhuinn fhèin mu thimcheall eachdraidh an t-saoghail agus gu sònraichte na ghabh àite aig àm a' chogaidh - an Dàrna Cogadh, 's dòcha, bu mhotha - ach bha sinn ann le chèile an latha ud agus chunnaic sinn dhuinn fhèin mar gum b' eadh at first hand, agus tha e cho duilich dhan an inntinn greimeachadh air gun do thachair a leithid an siud, airson chunnaic sinn le chèile sealladh a-staigh do shaoghal eile. Tha mi a' creidsinn gum faodainn a ràdh gur e saoghal a bh' ann anns nach robh dòchas, agus saoghal anns nach robh tròcair, nuair a smaoinicheas duine air an dòigh bàs a chaidh air na prìosanaich an sin.
CM: Agus... uill, tha na seòmraichean diofraichte a tha sin rim faicinn. A bheil càil air fhàgail man a sinn air a chluinntinn, can an-dràsta, a bh' ann an Auschwitz far a bheil iad air aodaichean 's rudan mar sin a chumail?
DM: Tha. Tha museum mhòr ann. Tha museum mhòr ann, agus tha mi a' creidsinn do dhuine sam bith a thèid a Dachau - cuimhnichidh duine na thachair ann an Auschwitz, Treblinka agus ann an Sobibor - agus tha tòrr dhe na... tha tòrr dhealbhannan agus ìomhaigh... na h-ìomhaighean a' champa air fad anns a' mhuseum a tha sin, dealbhannan agus... chan eil fhios agamsa gun gabh facail a chur a thaobh 's an ìomhaigh a tha iad a' toirt seachad. Tha cuimhn' a'm nuair a chaidh sinn dhan a' mhuseum, cha chluinneadh tu prìne a' tuiteam, a bheil fhios agad. Bha cinn a h-uile duine sìos agus iad a' gabhail uabhas air na chunnaic iad air ballaichean a' mhuseum. Agus tha bhidio a' dol air adhart cuideachd, ag innse sgeulachd no eachdraidh a' champa airson an dà bhliadhn' deug a bha i fosgailte.
CM: Nuair a bha sibh a' bruidhinn ri Gearmailtich ann an sin - 's ann an cois Ghearmailtich a bha sibh - ciamar a tha iadsan ga fhaicinn? Dè seòrsa... dìreach dè seòrsa faireachdainn a th' acasan mu dheidhinn?
DM: Tha iad mar gum b' eadh airson a bhith a' seasamh air cùl gnothaich mar gum b' eadh, anns a' bhackground. An latha ud nuair a chaidh sinne air fheadh, 's e guide às an Fhraing a thug sinn air fheadh air fad. Chan eil, mar sin, an com-pàirt aig na Gearmailtich fhèin, fhios agad, ann a bhith ag innse do luchd-turais mu thimcheall... mu thimcheall na ghabh àite. Ach cha tuirt sin, fhios agad, nach eil iad a' gabhail ris gun robh iadsan ciontach na ghabh àite. Ach tha tòrr dhe na sgoilearan acasan, dhen an òigridh, chan eil iad a' cluinnteil càil dhen a siud [?chun am fruighinn] iad aois sia bliadhn' deug, seachd bliadhn' deug, nuair a thèid iad dha na colaistean, fhios agad, agus tha iad a' gabhail uabhas gun do rinn na bhuineadh dhaibh fhèin, fhios agad, gun robh iad na mheadhan air siud a thachairt.
CM: Nise, tha fhios agam gun robh sibhse a' dèanamh tòrr rudan eile air an turas a bha seo. Chunna sibh tòrr rudan... tòrr rudan inntinneach, ach tha mi a' tuigse, nuair a bhios dìochuimhne agaibh air a h-uile càil a tha sin, gu bheil Dachau air làrach fhàgail oirbh nach fhàg sibh.
DM: Ò tha sin ceart. Chaill mise sgeul air a... bha againn ri coinneachadh aig a' bhus, saoilidh mi, aig dà uair feasgar 's bha mise air sgeul... cha robh... bha mi air sgeul a chall air na bha còmhla rium 's bha dùil a'm 's dòcha gun robh iad aig ceann eile a' mhuseum, agus dh'fhàg mise a' mhuseum 's rinn mi mo rathad chun a' bhus, ach rinn na chunnaic mi uiread a làrach air m' inntinn 's bha e cho duilich dhomh gabhail ris gun do thachair a leithid a rud 's gun robh mi air mo cho-èigneachadh a dhol air ais an dàrna triop agus dearbhadh dhomh fhèin gur ann dha-rìribh anns an t-saoghal sa a thachair e. Agus tha cuimhn' a'm an oidhche sin nuair a chaidh mi dhachaigh, cha d' fhuair mi norradh, cha d' fhuair mi cadal na h-oidhche, a' faicinn na h-ìomhaighean a bha sin, agus tha iad fhathast a' dèanamh làrach orm ann an dòigh sònraichte.
CM: Uill, a Dhòmhnaill Iain, tapadh leatsa gu dearbha airson an sgeulachd sin innse dhuinn. 'S dòcha gun cluinn sinn an tuilleadh mun an turas agaibh, ach sin an latha a chaidh sibh gu campa phrìosan Dachau. Tapadh leatsa gu dearbha.
DM: Glè mhath. Tapadh leibh.
CM: Dòmhnall Iain Moireasdan ann an sin, agus e fhèin agus buidheann eile air tilleadh bho chionn ghoirid às a' Ghearmailt. Chunnaic iad Dachau am measg rudan eile.

Cruth Inneal a' Chlàir
Dat
Càileachd an Fhuaime
Math