Rannsaich

Nighean a chunnaic bòcan air Èiseabhal.

Ceann-latha 01 March 1960
Àireamh a’ chlàir 104312
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

CannaTape.0041

Geàrr-chunntas

Bha nighean à Smeircleit a' fuireach còmhla ri a h-athair agus a bràthair. Bha i ann an taigh Dhòmhnaill Fhearghasdain aon oidhche a' ceannach parafain. Thill i dhachaigh taobh Èiseabhal. Gu grad, chunnaic i cù mòr neònach. Chaidh an cù na dhuine, agus chaidh an nighean ann an neul. Nuair a dhùisg i, bha a màthair [a bha marbh] mu coinneamh. Rug i air làimh air an nighinn agus chuidich i i gus seasamh. Lean i an nighean. An ceann treis, chuala an nighean ceòl meileòidian agus thuirt i gun robh e brèagha. Fhreagair a màthair nach robh e cho brèagha ris a' cheòl ann am Flaitheanas nuair a ràinig Anna nighean Nèill. Thuirt i ris an nighinn gun robh i fortanach gun robh ise ann gus a cuideachadh, agus dh'iarr i oirre gun an rathad ud a ghabhail tuilleadh leatha fhèin. An sin, chaidh i à sealladh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Uibhist a Deas

Paraiste - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Fròbost

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Uibhist a Deas

Paraiste - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Smeircleit

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

Canna

Tar-sgrìobhadh

Mòr Chaimbeul: Nighean, tha mi a' smaointinn gur ann a mhuinntir Smeircleit a bha i shuas, agus cha robh a-staigh ach i fhèin 's a h-athair, agus bràthair dhi. Agus bha i an oidhche ud ann an taigh Dhòmhnaill Fhearghasdain car anmoch agus i ag iarraidh gnothaichean ann, agus bha flasg parafain aice, agus ghabh i tarsainn ceann na beinne, Èiseabhal, 's e a their iad ris. Agus nuair a bha i a-null ann a shin, bha co-thràth na h-oidhche ann, agus thachair cù mòr rithe, agus e a' dol a-mach dhan bheinn.

"Càit a mhic an deamhain," ars ise, "a bheil thu dol? An ann a dh'ithe nan caorach a tha thu a' dol?"

Mun do leig i am facal às a beul, bha e na dhuine air a beulaibh. Uill, thuit an nighean ann an neul ann a shin fhèin, agus ge brith gu dè an ùine a bha i ann, dh'fhairich i rud fuaraidh ma beul, agus dh'fhosgail i a sùilean, agus bha a màthair ma coinneamh, agus rug i air làimh oirre, 's thuirt i: "Èirich a ghaoil," ars ise.

Dh'èirich an nighean, agus cha robh... chan fhaca iad sìon tuilleadh. Chan fhaca i... [???] cù no duine nuair a dh'èirich i, no a dhùisg i, agus bha a màthair ga leantail, agus... Chuala i seothach... Chuala i seo meileòidean ag obair shìos ann an taigh air choreigin, agus thuirt i: "Nach brèagha an ceòl a tha siud."

"Ò seadh," ars ise. "Ach suarach e," ars ise, "ris a' cheòl a bh' ann am Flaitheanas an oidhche a ràinig Anna Nighean Nèill. Ach na bi thusa a' gabhail an rathad sa idir tuilleadh," ars ise, "agus bha feum agad ormsa a-nochd, agus na bi a' gabhail an rathad sa uair sam bith leat fhèin."

'S dh'fhalbh i às an t-sealladh, mar gum biodh ann am priobadh na sùl.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math