Rannsaich

MacNìll agus am bodach a bha ri slinneanachd.

Ceann-latha 01 March 1960
Àireamh a’ chlàir 104314
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

CannaTape.0041

Geàrr-chunntas

Bha fear am Barraigh a bhiodh ri fiosachd, a' cleachdadh chnàmhan. Mharbh MacNìll molt agus, nuair a bha iad aig dinnear, dh'iarr e air an duine cnàmh an t-slinnein aig a' mholt a leughadh. Thuirt an duine ri MacNìll nach biodh e toilichte nuair a chluinneadh e na dh'innseadh e, ach thuirt MacNìll gun robh e ag iarraidh a chluinntinn. Dh'innis an duine dha gum biodh Uibhist às aonais Mhic 'ic Ailein, agus Barraigh às aonais MhicNìll. Cha chreideadh MacNìll e, agus dh'fheuch e breab air an duine. Bha na faclan aig an duine fìor, ge-tà.

Neach/Cuspair a' Chlàir

MacNìll Bharraigh

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Fròbost

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

Canna

Tar-sgrìobhadh

Aonghas MacIllFhialain: Bha bodach ann am Barraigh agus bhiodh e fuathasach math gu fiosachd. Bhiodh iad an uair ud a' leughadh slinnean beothaich, cnàimh an t-slinnein. Agus bha am bodach uabhasach math air a seo. Agus bha MacNìll latha a bha seo a' buan na mònadh - bha am bodach a' buan na mònadh aige - agus mharbh MacNìll, mharbh e molt do mhuinntir na mònadh. Agus nuair a bha iad aig an dinnear, fhuair MacNìll cnàimh an t-slinnein aig a' mholt agus ghabh e a-null far an robh am bodach leis.

"Seo a-nist," ars esan, "ma tha thu math gu leughadh," ars esan, "leugh sin."

Rug am bodach air agus bha e a' coimhead.

"An-tà, ma leughas mise seo," ars am bodach, "'s olc a chòrdas e riutsa."

"Chan eil e gu diofar," arsa MacNìll. "Leugh a-nist e."

"Uill, tha an slinnean sa ag ràdh, ma-thà," ars am bodach, "gum bi Uibhist agus gun Mhac 'ic Ailein, agus Barraigh gun MhacNìll, agus Caisteal Chìosamuil na [?chàithleach] radan."

"Tha thu breugach," arsa MacNìll, 's e a' toirt breab dhan bhodach.

Agus tha e coltach gun do thachair sin. Tha Uibhist gun Mhac 'ic Ailein agus tha Barraigh gun MhacNìll. Agus bha am bodach ceart gu leòr.

Sin agaibh mar a bha roinn a dh'fhiosachd a' bhodaich.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math