Rannsaich

Ròcabarra air chall.

Ceann-latha 26 April 1960
Àireamh a’ chlàir 104364
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

CannaTape.0042

Geàrr-chunntas

Bha seann bhodach dall ann am Barraigh a bha a' fuireach ann an taigh far an robh iasgairean. Gach latha, dh'fhairicheadh e an t-iasg agus chanadh e riutha nach robh iad anns an àite cheart. Aon latha, dh'fhalbh e còmhla riutha, agus fhuair iad àite far an robh trosg gu leòr ri fhaighinn. Dh'fhaighnich am bodach dhaibh am faiceadh iad tìr sam bith agus dh'iarr e orra a dhol dhan àite. Bha taigh an sin, agus dh'iarr am bodach orra iasg a thoirt ann. Bha seann chailleach an sin agus dh'aithnich ise am bodach. Rinn i biadh dhaibh agus, an dèidh sin, dh'iarr am bodach air na h-iasgairean sealltainn feuch an robh am bàta sàbhailte. Thug iad an aire gun robh an t-eilean a' dol fodha. Ràinig iad am bàta agus, nuair a sheall iad, cha robh sgeul air an eilean. B' e sin Ròcabarra, agus cha tèid a lorg gus am faigh Ruairidh nan trì Ruaireachan agus Ruairidh a' chinn bhàin e.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Fròbost

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

Canna

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math