Rannsaich

Am fiabhras mòr.

Ceann-latha 06 July 1960
Àireamh a’ chlàir 104399
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

CannaTape.0043

Geàrr-chunntas

Bha bràthair aig an fhiosraiche a bha ag obair na ghreusaiche anns an Eilean Sgitheanach. Ghabh e am fiabhras agus thàinig e dhachaigh a dh'Uibhist. Fhuair e seachad air an tinneas, ach beagan an dèidh sin ghabh a bhràthair Eachann e. Thàinig an dotair MacDhòmhnaill agus dh'aithnich e sa bhad gur e am fiabhras a bh' air Eachann. Ghabh a pheathraichean Mòr agus Peigi, agus a phàrantan, an uair sin an galar. B' fheudar dhan fhiosraiche a bhith a' frithealadh dhaibh uile, agus a' dèiligeadh ris na beathaichean, oir cha tigeadh neach sam bith faisg air an taigh. Thàinig an dotair gu tric, agus dh'iarr e air an fhiosraiche uisge glan a thoirt a-steach gach latha. Bha am fiosraiche glè mhuladach gun robh a mhàthair cho tinn agus bha buaidh aige sin air fhèin. Gheibheadh e bainne o Chlann MhicRath, a nàbaidhean, ach bha na h-aodaichean aige bog fliuch iomadh uair on a dh'fheumadh e a dhol a-mach cho tric. Aig a' cheann thall, bhrist a chraiceann a-mach na bhroth. Leighis an teaghlach an ceann ùine.

An ceann dà bhliadhna ghluais Clann MhicRath gu Beinn a' Bhadhla. Bhàsaich an searbhanta aca, Màiri NicRath, an sin, air sgàth an fhiabhrais. Thill Seumas agus Dòmhnall MacRath gus am mullach a thoirt far an taighe agus am fiodh a thoirt a Bheinn a' Bhadhla. Dh'fhàs Seumas tinn ann an Loch Aoineart agus b' fheudar dha bhràthair a bhith a' frithealadh dha. Cha robh leapannan anns an taigh, agus b' fheudar dhaibh cadal air an làr.

Dh'iarr màthair an fhiosraiche air bainne, aran agus ìm a thoirt thuca on a bha iadsan cho coibhneil riutha reimhid, agus chomhairlich i e gun a dhol am broinn an taighe. Chaidh e faisg air an taigh agus gheàrr e fead, ach cha do nochd neach sam bith. B' fheudar dha a dhol a-steach. Cha robh aig an taigh ach Seumas, oir bha a bhràthair air falbh a' lorg bainne. Bha Seumas gu math tinn agus rinn e toileachadh mòr ris an fhiosraiche, ach bha an t-eagal air gum faigheadh am fiosraiche fhèin an galar. Dh'fhuirich e còmhla ris gus an do thill Dòmhnall, agus thug Dòmhnall air an uair sin falbh às an taigh. Fhuair Seumas seachad air an tinneas, ach bha am fiosraiche gu math sgìth an dèidh dha a bhith a' cuideachadh na bha tinn leis an fhiabhras.

Notaichean a' Chlàir

See:
'Saoghal an Treobhaiche' (J. L. Campbell ed.) p. 11
'The Furrow Behind Me' (J. L. Campbell ed.) p. 7

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

Canna

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math