Nuair a Sheòl Sinn A-mach à Cluaidh
Fiosraichean
Luchd-clàraidh
Ceann-latha
August 1980
Àireamh a’ chlàir
104574
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1980.069
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Òran seòlaidh anns a bheil fear ag innse mar a thàinig air sreap suas dhan chrann, ged nach robh toil aige sin a dhèanamh. Cha robh na rinn e leis na siùil ro mhath air a dhèanamh. Tha e an uair sin ag innse mar a thachair e ri tè air a' Bhroomielaw ann an Glaschu. Thug ise leatha e, chuir i an deoch air, agus dh'fhàg i e air an t-sràid gun sgillinn ruadh aige. Mar thoradh, chaidh e dhan arm.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Tuath
Eilean - Uibhist a Tuath
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Ewen Morrison (EM):
Nuair a sheòl sinn mach à Cluaidh
Shil i 's shèid i, dh'fhàs i fuar
'S ann ormsa thàinig a dhol suas
Mo thruaighe 's gun mi eòlach.
Thuirt an sgiobair mi dhol dhan chrann
Thuirt mi ris nach d' rachainn ann
Thuirt e: "Feumaidh tu dhol ann
'S e nì a gheall thu dhòmhsa."
'S nuair a ràinig mise shuas
Cheangail mi 'n gaff-topsail cruaidh
'S nuair thàinig mi 'n uair sin a-nuas
Cha robh e fuathasach bòidheach.
Thuirt mi ris mur dèan e feum
Seo am fear nach seall na dhèidh
Ged a rachadh e na bhrèidean
Dha na speuran còmhla.
'S nuair ràinig mi 'm Broomielaw
Sheas mi tacan air an t-sràid
Thàinig tè a ghlac mo làmh
'S chuir fàilt' orm le sòlas.
Labhair i gu modhail ciùin
'N tèid thu steach còmhla rium a rùin
Gheibh thu deoch nas fheàrr na leann
Ma thèid thu leam dhan t-seòmbar.
Fhuair mi siud 's gun d' fhuair mi dràm
Dhen stuth làidir chaidh nam cheann
Thrèig mo thàlantan mi san àm
'S gun do shìn mi thall air sòfa.
Nuair a dhùisg mi às mo shuain
Mar gun èirinn às an uaigh
Bha mo cheann air cabhsair cruaidh
'S gun fhàirdean ruadh nam phòca.
'S fheudar dhomh nis a bhith falbh
Agus liostaigeadh san arm
Chuir mi orm an t-seacaid dearg
'S tha shade glè ainmeil dhòmhsa.
Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò uill uill, tha sin math dha-rìribh.
EM: Tha iadsan... chan eil iad a' gabhail an dàrna leth dheth.
DE: 'S cò fear a bha sibh a' ràdh a rinn an t-òran co-dhiù?
EM: À Loch Euphort a bha e. Chan eil fhios a'm cò... dè chanadh tu ris no sìon, ach chuala mise o chinn fhada gur ann à Loch Euphort a dh'fhalbh e.
DE: 'S chan eil fhios dè an t-ainm a bh' air?
EM: Chan eil sìon a dh'fhios a'm dè an t-ainm a bh' air no sìon ach gur ann à Loch Euphort a dh'fhalbh e o chinn fhada.
DE: Ach co-dhiù, mar a bha sibh a' ràdh, tha còir an t-òran a ghabhail ceart, a bheil fhios agaibh, o thoiseach mar gum bitheadh.
EM: Och ghiall, tha.
Nuair a sheòl sinn mach à Cluaidh
Shil i 's shèid i, dh'fhàs i fuar
'S ann ormsa thàinig a dhol suas
Mo thruaighe 's gun mi eòlach.
Thuirt an sgiobair mi dhol dhan chrann
Thuirt mi ris nach d' rachainn ann
Thuirt e: "Feumaidh tu dhol ann
'S e nì a gheall thu dhòmhsa."
'S nuair a ràinig mise shuas
Cheangail mi 'n gaff-topsail cruaidh
'S nuair thàinig mi 'n uair sin a-nuas
Cha robh e fuathasach bòidheach.
Thuirt mi ris mur dèan e feum
Seo am fear nach seall na dhèidh
Ged a rachadh e na bhrèidean
Dha na speuran còmhla.
'S nuair ràinig mi 'm Broomielaw
Sheas mi tacan air an t-sràid
Thàinig tè a ghlac mo làmh
'S chuir fàilt' orm le sòlas.
Labhair i gu modhail ciùin
'N tèid thu steach còmhla rium a rùin
Gheibh thu deoch nas fheàrr na leann
Ma thèid thu leam dhan t-seòmbar.
Fhuair mi siud 's gun d' fhuair mi dràm
Dhen stuth làidir chaidh nam cheann
Thrèig mo thàlantan mi san àm
'S gun do shìn mi thall air sòfa.
Nuair a dhùisg mi às mo shuain
Mar gun èirinn às an uaigh
Bha mo cheann air cabhsair cruaidh
'S gun fhàirdean ruadh nam phòca.
'S fheudar dhomh nis a bhith falbh
Agus liostaigeadh san arm
Chuir mi orm an t-seacaid dearg
'S tha shade glè ainmeil dhòmhsa.
Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò uill uill, tha sin math dha-rìribh.
EM: Tha iadsan... chan eil iad a' gabhail an dàrna leth dheth.
DE: 'S cò fear a bha sibh a' ràdh a rinn an t-òran co-dhiù?
EM: À Loch Euphort a bha e. Chan eil fhios a'm cò... dè chanadh tu ris no sìon, ach chuala mise o chinn fhada gur ann à Loch Euphort a dh'fhalbh e.
DE: 'S chan eil fhios dè an t-ainm a bh' air?
EM: Chan eil sìon a dh'fhios a'm dè an t-ainm a bh' air no sìon ach gur ann à Loch Euphort a dh'fhalbh e o chinn fhada.
DE: Ach co-dhiù, mar a bha sibh a' ràdh, tha còir an t-òran a ghabhail ceart, a bheil fhios agaibh, o thoiseach mar gum bitheadh.
EM: Och ghiall, tha.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math