Rannsaich

Cleasan cloinne ri linn an fhiosraiche.

Ceann-latha March 1970
Àireamh a’ chlàir 10545
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.35.B4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.035

Geàrr-chunntas

Cleasan cloinne ri linn an fhiosraiche.

Bhite a' cluich Iomairt air Speil agus Cluich an Taighe anns an sgoil nuair a bha am fiosraiche òg. Tha mion-chunntas air gach gèam air a lìbhrigeadh. Bhite ag iomain le caman a bhathar a' dèanamh iad fhèin.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Nist, nuair a bha sibh beag, dè na cleasan a bhiodh agaibh? Dè... dè na geamannan a bhiodh na gillean 's na h-igheanan a' cluich?

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Cha bhiodh ag obair air Iomairt air Speil, 's Cluich an Taighe.

DE: Nist, ciamar a bha Iomairt air Speil a' dol?

DA: Bha dithis... bha iad a' dol ann an dà bhuidheann, uiread 's uiread air gach taobh mar seo, agus bha dràibhear aca 's ball. 'S e ceirle snàtha a bhiodh ann mar bu trice. Chan e ball rubair mar a th' ann an-diugh ann, a bhalaich, ach ceirle bheag shnàtha. Bhiodh i... ò cha bhiodh i uiread rim dhòrn idir. Agus bha dràibhear ann, bha e air a dhèanamh fada mar sin, agus a' chas aige air a thoirt a-staigh mar seothach, a' chas aige. 'S bha X 's O air, X air an dàrna taobh 's O air an taobh eile. Bha a-nist an dà bhuidheann a' dol an aghaidh a chèile, 's bhathar a' cur suas an dràibhear feuch cò... 's bha thusa... bha buidheann dhiubh a' gabhail X 's buidheann eile O, cò... bhathar a' caitheamh suas an dràibhear 's cò am figear a bha gu h-àrd. Uill, 's e X a bh' ann, chaidh muinntir na X, 's iad a chaidh a-staigh. 'S iad a bha a' tòiseachadh an toiseach. Bha toll air a dhèanamh mar sineach anns a... anns a' chnoc, toll cruinn mar siud, 's bha bìdeag de mhaide mar siud ann.

DE: Cha robh sin ach bioran beag?

DA: Bioran beag 's e rud beag tana.

DE: Dè, bhiodh mu shia òirlich no rudeigin mar sin ann?

DA: Seadh, mu shia òirlich no rud ann, 's bhiodh e mun leud sin, mu leud mo dhà mhèoir. 'S ann a b' fheàrr e. Agus cha robh thu an uair sin ach... bha thu a' bualadh... bha thu a' bualadh an dràibheir a bha seo, 's e dràibhear a theirte ris, bha thu a' bualadh an dràibheir air an [???] 's bha am ball a' leum. Uill, cha robh thu an uair sin ach a' toirt [?offer] dhan bhall leis an dràibhear.

DE: Seadh. 'S dè mura buaileadh tu e?

DA: Mura buaileadh bha thu a-mach. Bha thu an uair sin air do thilgeil a-mach. Chaill thu.

DE: Seadh. Agus ma bhuail thu e?

DA: Ma bhuail thu e bha iadsan, an fheadhainn a bha a-muigh, a' feuchainn ri ghlacadh, 's ma ghlacadh am ball ort bha thu a-mach air an aon dòigh.

DE: Ach nan glacadh iad e mus buaileadh e an talamh?

DA: Seadh, mum buaileadh e an talamh. Ò, 's ann mum buaileadh e an talamh. Ò cha dèanadh e sìon a dh'fheum an dèis an talamh a bhualadh. Ach mun tigeadh e gu talamh idir ma bha thu ga ghlacadh, bha thu a-mach. Bha an uair sin fear eile dhen bhuidheann a' dol a-staigh nad àite-sa.

DE: Agus dè a-nist... dè bha a' tachairt às a dhèidh sin, mura glacadh duine e?

DA: Dè?

DE: Mura glacadh iad idir e?

DA: Cha robh ach bhathar ga thilgeil a-staigh thugad air ais airson tè eile a chur a-mach. Bha siud a h-aon orrasan. Bha siud a' cunntas fear nan aghaidh-san. Marc nan aghaidh-san.

DE: 'S bha sibh a' cumail nam marcaichean?

DA: Bha, bha. Bha thusa a' faighinn marc air a shon siud. Bha thu a' ruighinn an uair sin cò... naoi... bha thu... nuair a ruigeadh tu naoi bhathar a' faighneachd... bhathar a' cur suas, "Naoi, cò mheud as geama?"

DE: Dè rud?

DA: Naoi cò mheud as geama. Cò mheud a bhios anns a' gheama. Uill math dh'fhaodte gun canadh duine 'fichead', no thuirt e 'deich air fhichead' ann. Uill, ge brith cò ghlèidheadh sin, 's e bha a' gleidheadh a' gheama, nuair a dhèanadh suas na points thuige sin.

DE: Seadh, dìreach. Ach abair gum faigheadh an dala duine còig, 's gun dèanadh an duine eile sia an uair sin, bha iad ag addaigeadh an dà...

DA: Bha, bha, bha a' bhuidheann a bha còmhla. Fhios agad, a' bhuidheann a bha còmhla, mise 's tusa 's duine no dithis eile, bha sin a' dol còmhla, a h-uile... ge bith cò dhèanadh e, ged a dhèanadh tusa leat fhèin e, bha sinne ga fhaighinn a cheart cho math.

DE: Bha, dìreach. Agus an robh na gillean 's na h-igheanan a' cluich?

DA: Bha, bha. 'S iadsan a bh' ann an sin. Bha iad a' dol far a chèile mu dheidhinn cuideachd.

DE: 'S dè na cleasan eile bh' aca mar sin?

DA: Cha robh ach Cluich an Taighe.

DE: 'S dè bha seo?

DA: Bha sineach... 's e dràibhear agad fhèin 's ball. Bha coilleagan air a chur a-mach, trì a choilleagan. Bha tè mar seothach, bha àite aig ceann mar... seo agad an tè cheart, [???].

DE: Seadh. Nist, nuair a chanadh sibh coilleagan, dè tha sibh a' ciallachadh le coilleagan?

DA: Àiteachan. 'S e coilleagan a bh' againn orra. Àiteachan a bha agad ri ruighinn.

DE: Seadh, tha mi a' tuigsinn.

DA: Siud an t-àite a ruigeadh tu 's cha d' reigheadh tu nas fhaide na siud.

DE: Seadh. 'S dè fhad 's a bha iad seo o chèile?

DA: Bha iad... uill, bhiodh iad deagh phìos bho chèile. Och, bhiodh iad... bhiodh faisg mar a tha ceann shìos an t-seada ann a shiud.

DE: Bha iad, dè, fichead slat no mar sin?

DA: Seadh. Bha tè dhiubh... bha tè air an taobh seo mar seothach, agus bha tè air an taobh ud, 's bha tè shìos mar siud. Uill, bha a-niste, an fheadhainn a bha còmhla riutsa, math dh'fhaodte gur tusa am batsman a bh' ann. Bha thusa a' seasamh anns a' choilleig a bh' ann a sheo. Bha iadsan, an fheadhainn a bha nad aghaidh, bha iadsan a' tilgeil a' bhuill. Uill, bha thusa ga bhualadh, nam bualadh tu e no nam missadh tu e. Ma bha thu a' missadh bha thu a-mach às. Ach ma bha thu ga bhualadh, bha a-nist an fheadhainn a bha còmhla ris an fhear a bha a-muigh a' tilgeil thucasan a' bhuill, bha iad sin a' watchadh a' bhuill feuch an glacadh iad e. 'S nan tuiteadh e gu talamh, bha an duine agadsa an uair sin na... bha an duine agad an uair sin a' falbh às a' choilleig a bha thu fhèin ann. Fear dhen bhuidheann agadsa. Bha e a' ruith feuch an toireadh e a-mach a' choilleag às mum buailte ris a' bhall e.

DE: Ah seadh, seadh, tha mi a' tuigsinn.

DA: Bha e a' watchadh sin a-nist, bha e a-nist a' fuireach anns a' choilleig sin gu bràth gus an toireadh tusa... cuireadh tusa an ath [?fhaighear] a-mach.

DE: Cha chumadh e seachad air a' choilleig aige...

DA: Cha chumadh, cha chumadh.

DE: ... ged a bhiodh ùine aige?

DA: Chumadh nam biodh ùine aige, nam biodh e cinnteach gun robh ùine aige, ruitheadh e air tè no dhà dhiubh. Bha sin a' cunntais dha. Can mar a tha na... dè seo rud... cricket no rud dhen t-seòrsa ud, car air an aon...

DE: Agus nuair a reigheadh tusa a-mach, bha an ath duine...

DA: Bha an uair sin an ath duine an uair sin a' dol a-staigh.

DE: Bha thu a-mach nan glacadh iad am ball, air neo nam missadh...

DA: Bha air neo nam missadh tu am ball.

DE: 'S dè bha a' tachairt dhan duine a bha am ball a' bualadh air? Bha esan a-mach...

DA: Bha esan a-mach cuideachd. Bha esan às.

DE: 'S bha sibh a' cumail a' dol gu 'n robh a' bhuidheann uile a-mach?

DA: Co-dhiù gus am biodh a' bhuidheann uile a-mach. Bha.

DE: 'S cò mheud a bhiodh ann am buidheann? Cha bhiodh e gu diofar?

DA: Ò cha bhitheadh ann ach triùir no cheathrar anns a h-uile buidheann. Cha bhitheadh. A rèir na bh' ann de dhaoine a bha cruinn. Bhiodh siud a' dol san sgoil; feadhainn eile a' sabaid ann, 's a h-uile seòrsa.

DE: Cha bhitheadh, tha mi cinnteach. An robh sibh a' ruith, a' feuchainn reusaichean no sìon mar sin?

DA: Ò cha robh. Cha robh. Chan eil mi a' smaointinn gun robh.

DE: No a' leum no dad dheth sin?

DA: Cha robh. Cha robh mòran de ghames a' dol san uair ud dhen t-saoghal ann a thaobh gèam sgoile no rudan dhen t-seòrsa sin idir mar a tha an-diugh ann. Cha robh rim linn idir.

DE: 'S cha robh iomain no...

DA: Bhite... bhiomaid ag iomain eadarainn fhìn.

DE: Seadh. Cà robh sibh a' faighinn nan caman a-nist?

DA: Cha robh ach sinn fhìn gan dèanamh. Sinn fhìn gan dèanamh.

DE: 'S ciamar a bha sibh ag obair a-nis?

DA: Bun chraobhan. Ò dìreach dà choilleag ann... dìreach tè... dà àite mar gum biodh goalposts sìos romhaibh an sineach, 's tè eile air a' cheann sa. Bha buidheann... bha an dà bhuidheann a bha an aghaidh a chèile, bha iad a' tachairt ri a chèile ann a sheothach anns a' mheadhan dìreach... bhathar a' caitheamh a' bhuill dìreach 's bhathar an uair sin a' startadh. Uill, ma bha thusa math air iomain bha thu a' cumail a' bhuill agad 's bha thu a' ga obrachadh an aghaidh... chun an fheadhainn a bha thu nan aghaidh, fad an t-siubhail, gus am faigheadh tu a chur a-staigh eadar an dà phola a bha seothach, an dà mhaide a bha seo.

DE: Ach 's e na gillean an-còmhnaidh a bhiodh ag iomain?

DA: Ò 's e na gillean an-còmhnaidh a bha seothach.

DE: Niste, chan eil cuimhn' agaibh na fireannaich a bhith ag iomain, a bheil? B' àbhaist dhaibh uaireigin a bhith ag iomain aig...

DA: Ò chan eil. Chan eil beachd agam ma-thà. B' àbhaist dhaibh a bhith ag iomain. Cò seo an latha dhen bhliadhna a bhiodh iad a' falbh a dh'iomain an sin. Chan eil cuimhn' a'm cò an latha a bhiodh iad... cò latha iomain aca ann a shin.

DE: Ach bha sin air sgur mus bheil cuimhn' agaibhse?

DA: Ò bha e air sgur mum bheil cuimhn' agamsa.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math